Home na meadhanan naidheachdan An Seansalair Ùr, A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, a’ buileachadh ciad chaidreachais urramach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

An Seansalair Ùr, A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, a’ buileachadh ciad chaidreachais urramach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

7 Cèitean 2012


Thèid ciad chaidreachais urramach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhuileachadh air an Àrd-ollamh Raibeart MacCarmaig, a bha roimhid na Phrionnsapal, agus air an Àrd-Ollamh Cailean MacAoidh CBE, a bha roimhid na Chathraiche air Bòrd nan Riaghladairean.

Is i A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a bhuilicheas na h-urraman aig an deas-ghnàth anns an tèid A h-Àirdeachd Rìoghail a chur an dreuchd mar Sheansalair ùr an oilthigh ann an cathair-eaglais Inbhir Nis Diardaoin 7mh Ògmhios.

Raibeart MacCarmaigBha an t-Àrd-Ollamh Raibeart MacCarmaig na Phrionnsapal air Institiud OGE nam Mìle Bliadhna, mar a bh’ air an oilthigh aig an àm, bho 2001 gu 2009. Fo a stiùireadh-san fhuair UHI cumhachdan ceumannan teagaisgte a bhuileachadh ann an 2008 agus ruig e na h-ìrean mu dheireadh sa phròiseas airson tiotal oilthigh.

Agus esan à Mon Rois o thùs, thàinig an t-Àrd-Ollamh MacCarmaig don Ghàidhealtachd às dèidh 27 bliadhna aig Oilthigh na Bànrigh ann am Beul Feirste, far an robh e mu dheireadh na leas-iar-sheansalair. Bha e am Beul Feirste feadh a’ bhuaireis ann an Èirinn a Tuath. Chaidh e na shàr eòlaiche agus na ùghdar air co-ionannachd chothroman, lethbhreith agus poileasaidh poblach agus dh’obraich e leis na Nàiseanan Aonaichte ann an Kosovo às dèidh na còmhstri anns an sgìre sin.

Thuirt an t-Àrd-ollamh MacCarmaig: “Tha mi uamharra fhèin toilichte gum bi mi a’ faighinn Caidreachais le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bhon t-Seansalair ùr, A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail. B’e an t-àm a bha mi le UHI binnein a b’ àirde mo rèis-obrach. Tha mi gu sònraichte toilichte a bhith a’ faighinn an urraim seo còmhla ri mo charaid agus mo cho-obraiche, Cailean MacAoidh. Is e adhbhar toileachais a bh’ ann dhomh a bhith ag obair le Cailean mar Chathraiche Bhòrd Riaghladairean UHI agus bha e gu math taiceil dhomh tro amannan a bha gu tric dùbhlanach.

Cailean MacAoidhChaidh CBE a bhuileachadh air Cailean MacAoidh, a bha roimhe na làmh-lèigh co-chomhairleachaidh agus na Cheann-suidhe air Colaiste Rìoghail nan Lighichean is nan Lannsairean ann an Glaschu, ann an 2000. Bha a’ Cholaiste Rìoghail an sàs ann an trèanadh agus foghlam leantainneach lighichean, lannsairean agus fiaclairean co-chomhairleachaidh. Bha Cailean MacAoidh, aig a bheil ceanglaichean teaghlaich ri Earra-Ghàidheal agus Ros an Iar, na Chathraiche air Bòrd Riaghladairean Institiud OGE nam Mìle Bliadhna bho Shultain 2001 chun Dùbhlachd 2009.

Fo stiùireadh Chailein mar Chathraiche, ghluais UHI bho bhith na phròiseact gu bhith air a aithneachadh air feadh an t-saoghail mar bhuidheann ùr-ghnàthach, a’ lìbhrigeadh àrd-fhoghlaim ann an sgìre aig a bheil sluagh sgapte.

Thuirt esan: “Is e urram mòr a th’ ann dhomh Caidreachas fhaighinn leis an Oilthigh as ùire an Alba, gu sònraichte aig cur an dreuchd an t-Seansalair, A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail. Thòisich agus dh’fhalbh Bob MacCarmaig agus mi-fhèin còmhla; is e adhbhar toileachais a bharrachd dhomh gun tèid ar n-urramachadh còmhla. Cuiridh an tachartas nam chuimhne aon de na h-amannan a bu dùbhlanaiche, a bu bheothaile, a bu bhrosnachaile, a bu shàsachaile agus a bu tlachdmhoire a bh’ ann nam bheatha phroifeiseanta.”

Thuirt Seumas Friseal, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair an oilthigh: “Tha e gu math freagarrach gun tèid ar Prionnsapal agus ar Cathraiche a bh’ ann urramachadh aig an tachartas seo leis an t-Seansalair ùr againn. Tha sinn fada nan comain agus ’s ann mar thoradh air cho leantalach agus cho dìorrasach ’s a bha iad gu bheil oilthigh againn a-nis air a bheil an sgìre againn gu math airidh. Tha mi air leth toilichte moladh a dhèanamh air an dithis aca.”

 

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
susan.szymborski@uhi.ac.uk