Home na meadhanan naidheachdan Tha cùrsa ùr a’ leigeil le tidsearean bun-sgoile trèanadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Tha cùrsa ùr a’ leigeil le tidsearean bun-sgoile trèanadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan

Dihaoine 30 Lùnastal 2013

Faodaidh an fheadhainn a tha airson a bhith nan tidsearan an trèanadh aca a dhèanamh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileananan a-nis.Chuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ chiad Dioplòma For-Cheum Proifeiseanta ann am Foghlam (bun-sgoile) riamh air bhog a tha ri fhaotainn sa sgìre fhèin.

Bha an t-iarrtas cho mòr air a’ chùrsa seo, ged nach deach a shanasachadh gu mòr, ’s gun do chuir còrr is 80 neach a-steach airson 20 àite a bha ri fhaotainn am-bliadhna.

Tha a’ chiad bhuidheann de dh’oileanaich a’ gabhail pàirt ann an seisean inntrigidh ann an Inbhir Nis an t-seachdain seo. Coinnichidh an fheadhainn a shoirbhicheas san dioplòma, a mhaireas naoi mìosan, ri inbhe Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba airson clàrachadh sealach agus faodaidh iad tòiseachadh air a’ bhliadhna pròbhaidh aca mar thidsearan ann am bun-sgoiltean na h-Alba.

Thathas a’ lìbhrigeadh a’ chùrsa aig Colaiste Inbhir Nis UHI, Colaiste Mhoireibh UHI agus Colaisde a’ Chaisteil UHI ann an Steòrnabhagh. Tha roghainn aig oileanaich ann an Inbhir Nis no Steòrnabhagh a tha fileanta sa Ghàidhlig an dioplòma a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig agus a bhith ag obair ann am bun-sgoil Ghàidhlig.

Faodar iarrtasan a dhèanamh airson inntrigeadh san Lùnastal 2014 tro sheirbheis Clàr an Trèanaidh Thidsearan For-cheum bhon t-Samhain. Feumaidh fo-cheum iomchaidh agus eòlas air obair le clann a bhith aig tagraichean.

Thuirt an t-Oll Alasdair Allan, am ministear airson ionnsachadh, saidheans agus chànanan na h-Alba: “Mhol Riaghaltas na h-Alba san Dùbhlachd an-uiridh gum bu chòir do Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba 20 àite a riarachadh do dh’oileanaich teagaisg aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Is e leasachadh cudromach a th’ ann an seo a bheir roghainn nas fharsainge don fheadhainn a tha airson ionnsachadh airson obair mar thidsear.

"Tha mi gu sònraichte toilichte gu bheil roghainn Gàidhlig ann don fheadhainn a tha ag iarraidh a bhith nan oileanaich. Le bhith a’ cur na Gàidhlig aig cridhe chothroman ionnsachaidh, tha àite cudromach aig an oilthigh a thaobh Gàidhlig a chumail suas ann an seòmraichean clas air feadh Alba. Cho math ri bhith a’ leudachadh chothroman air treanadh thidsearan do dhaoine air feadh Alba a tuath, bu chòir don iomairt seo cuideachaidh a thaobh nan dùbhlain a th’ aig ùghdarrasan ionadail dùthchail a thaobh tidsearan a thrusadh.”

Tha Shona Scott am measg nan oileanach a tha a’ frithealadh an t-seisean inntrigidh an t-seachdain seo. Mhìnich i na h-adhbharan aice airson a’ chùrsa a dhèanamh: “Bha mi am beachd trèanadh mar thidsear bun-sgoile fad ùine mhòr, ach ’s ann ann an Obar Dheathain a bha an cùrsa as fhaisge. Leis gu bheil mi a’ fuireach ann am Bucaidh, agus mi nam pharant singilte, bha e doirbh dhomh siubhal. Mar sin ’s e rud math fhèin a th’ ann gu bheil cothrom agam ionnsachadh ann an Eilginn. Tha mi gu math togarrach agus pròiseil a bhith sa chiad chlas agus tha e gu math brosnachail gu bheil an t-oilthigh airson tàlant ionadail oileanachadh. ’S ann à diofar pàirtean den Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a tha oileanaich eile san t-seisean, a’ gabhail a-steach An Gearasdan, Arcaibh agus Sealtainn. “Tha e math a bhith a’ coinneachadh ri daoine ionadail agus coltas ann gum sinn ag obair còmhla san àm ri teachd.”

Thuirt an t-Oll Neil Simco, deadhan nan ealain, nan daonnachdan agus gnothachais aig an oilthigh: “Tha mi air leth toilichte gum bi 20 oileanach a’ tòiseachadh air an cuid ionnsachaidh airson PgDE bun-sgoile (tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla) an t-seachdain seo, an seo aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Ag obair leis na h-ùghdarrasan ionadail a tha nan com-pàirtichean againn, tha sinn a-nis ann an suidheachadh far as urrainn dhuinn cuir ri teagasg air feadh na sgìre agus nas fhaide às. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith a’ togail air na chaidh a choilionadh mar-thà gus rudeigin a tha sònraichte dha-rìribh a chur ri foghlam thidsearan ann an Alba.”

Is i Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba a bharrantaich an cùrsa. Thuirt an Ceannard, Anthony Finn: “Tha sinn air leth toilichte gu bheil feill mhòr air a’ chùrsa ùr seo, a chaidh bharrantachadh o chionn ghoirid. Bha sinn den bheachd fad ùine mhòr gum bu chòir solarachadh a bhith ri fhaotainn don fheadhainn a bha ag iarraidh a bhith nan tidsearan anns an sgìre ionadail aca fhèin. Tha seo a-nis a’ tachairt air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheas air an oilthigh agus na h-oileanaich agus luchd-obrach aige airson an ama ri teachd.”

Airson barrachd fiosrachaidh mun Dioplòma For-cheum Proifeiseanta ann am Foghlam (bun-sgoile), tadhail air www.uhi.ac.uk/en/courses/pgde-primary-teaching no fòn loidhne chùrsaichean an oilthigh 0845 272 3600.