Home na meadhanan naidheachdan Oileanaich à Inbhir Nis air an taghadh airson dreuchdan cudromach

Oileanaich à Inbhir Nis air an taghadh airson dreuchdan cudromach

Dihaoine 19 Ògmhios 2015
Oileanaich à Inbhir Nis air an taghadh airson dreuchdan cudromach

Luke Humberstone, Maria Roberts agus Lorna Stanger

Thòisich dithis oileanach aig Colaiste Inbhir Nis UHI ann am prìomh dhreuchdan ann an Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Chaidh Luke Humberstone (32), oileanach air a’ chùrsa BA (le Urram) ann an gnothachas agus stiùireadh à Inbhir Pheofharain, a thaghadh mar cheann-suidhe a’ chomainn, agus chaidh Maria Roberts (20) oileanach ann an cunntasachd à Fàrr a thaghadh mar iar-cheann-suidhe (foghlam àrd-ìre). Is i Lorna Stanger (46) à Inbhir Theòrsa, oileanach spòrs, fallaineachd is slàinte aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI, iar-cheann-suidhe (foghlam adhartach) a’ chomainn.

Tha Luke, Maria agus Lorna a’ gabhail bliadhna far an ionnsachaidh aca gus na dreuchdan pàighte a ghabhail os làimh. Thòisich iad sna dreuchdan ùra aca Diluain 1 Ògmhios agus fhritheil iad seisean inntrigidh dà latha ann an Inbhir Nis na bu tràithe air an t-seachdain seo.  Mar oifigearan ann an Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean, bidh iad ag obair gus cha mhòr 30,000 oileanach air feadh com-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a riochdachadh.

Agus e a’ bruidhinn mu na mòr-mhiannan aige airson na bliadhna ri tighinn, thuirt Luke:   “Tha mi a’ dèanamh fiùghar ri bhith a’ tòiseachadh.  Leis an structar ùr agus na goireasan ùra a thug an t-oilthigh do HISA, tha mi misneachail gum bi e comasach do Maria, Lorna agus mi-fhèin obrachadh gu cruaidh gus cha mhòr 30,000 oileanach a chlàrachas ann an 2015/16 a riochdachadh agus gum bi e comasach dhuinn obrachadh còmhla riutha gus feabhas a thoirt air na dh’fhiosraicheas is iad mar phàirt den chom-pàirteachas.”

Thuirt Lorna: “Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ tòiseachadh san dreuchd seo gu mòr. Tha mi a’ smaoineachadh gum bi e inntinneach agus dùbhlanach. Bha mi gu math toilichte gun deach mo thaghadh. Nì mi mo dhìcheall a bhith ag obair as leth nan oileanach - ag èisteachd riutha, a’ leigeil leis na guthan aca a bhith air an cluinntinn agus a’ cuideachadh gus atharrachaidhean agus leasachaidhean a dhèanamh a chuireas ris na dh’fhiosraicheas oileanaich. Tha na h-oileanaich eile a tha a’ fuireach còmhla rium glè thoilichte mu dheidhinn cuideachd, rud a tha gu math brosnachail agus na dheagh thoiseach toiseachaidh.”

Chuir an t-Oll Iain Moireasdan, deadhan nan oileanach aig an oilthigh fàilte air na h-oifigearan ùra agus e ag ràdh: “Chaidh Luke, Maria agus Lorna a thaghadh airson Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig àm brosnachail.  Tha sinn gu mòr airson ’s gun tèid na h-oileanaich againn an sàs ann am beatha an oilthigh agus tha àite cudromach aig Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann a bhith ar cuideachadh le seo.  Bidh e mar amas aig Luke agus na co-obraichean aige cuideachadh a dhèanamh cinnteach gur e àm air leth is brosnachail a bhios aig na h-oileanaich againn.  Tha oileanaich aig cridhe is cuislean na bhios sinn a’ dèanamh agus tha sinn airson taic a thoirt dhaibh gus an comas iomlan aca a thoirt gu buil.”