Home na meadhanan naidheachdan Oileanaich chiùil às a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a’ cluich aig Celtic Connections

Oileanaich chiùil às a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a’ cluich aig Celtic Connections

Diardaoin 22 Faoilleach 2015
Oileanaich chiùil às a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan a’ cluich aig Celtic Connections

Oileanaich bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig Celtic Connections 2013

Taisbeanaidh luchd-ciùil bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean na sgilean aca aig fèis Celtic Connections ann an Glaschu. Cluichidh luchd-obrach agus oileanaich à Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI, Sabhal Mòr Ostaig UHI agus Colaisde a' Chaisteil UHI ann an cuirmean-ciùil agus aig tachartasan neo-fhoirmeil.

Bidh oileanaich bhon chùrsa BA aig an oilthigh ann an ceòl ghnìomhaichte air an àrd-ùrlar ann an taisbeanadh a’ tarraing aire air dualchas iol-ghnèitheach na h-Alba. A’ gabhail a-steach measgachadh de phìosan traidiseanta agus ùra, ann am Music of the Highlands and Islands bidh òrain Gàidhlig agus Albais, pìobaireachd na Gàidhealtachd agus fìdhleireachd à Sealtainn, às an Oirthir an Iar agus an Ear-thuath. Thèid a’ chuirm-chiùil a chumail aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu bho 2f Disathairne 31 Faoilleach.

Bidh na h-oileanaich cuideachd a’ cluich ann an oidhcheannan ‘open mic’ aig an Old Hairdressers air Caolraid Renfield. Agus iad a’ gabhail àite bho 8f Diardaoin 29 agus Dihaoine 30 Faoilleach, bidh blas ‘indie’ aig na cuirmean-ciùil.

Am measg cuirmean-ciùil eile anns am bi luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh a’ cluich tha:

  • Tunebook le Melody Lab agus Emma Sweeney - 8f Diardaoin 22 Faoilleach aig Ionad Nàiseanta na Pìobaireachd (le luchd-obrach agus alumni bho àrainn Cholaisde a’ Chaisteil UHI ann am Beinn na Faoghla)
  • Angus Nicolson Trio le Trio Konogan - 8f Diardaoin 22 Faoilleach aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu (le luchd-obrach bho Shabhal Mòr Ostaig UHI)
  • Llan de Cubel @ 30 le Waiora - 7:30f Disathairne 24 Faoilleach aig Leabharlann MhicMhìcheil (le luchd-obrach agus alumni bho àrainn Cholaisde a’ Chaisteil UHI ann am Beinn na Faoghla)
  • The Bruce 700 agus Dàimh - 7.30f Diciadain 28 Faoilleach aig Talla Chonsairt Rìoghail Ghlaschu (le luchd-obrach bho Shabhal Mòr Ostaig UHI)

Bidh Seumas Dòmhnallach à Tiriodh, a tha na oileanach aig àrainn Cholaisde a’ Chaisteil UHI ann am Beinn na Faoghla, a’ cluich aig an tachartas. Tha e a’ mìneachadh carson a tha e a’ dèanamh fiughair ris: “Tha Celtic Connections a’ còrdadh rium gu mòr, tha e an-còmhnaidh math a bhith aig an fhèis agus i a’ gabhail a-steach farsaingeachd mhòr de cheòl. Is e cothrom air leth a th’ ann do luchd-ciùil òg a bhith a’ cluinntinn agus a’ cluich le luchd-ciùil mhòr san t-saoghal Cheilteach.”

Mhìnich Anna-Wendy Stevenson, stiùiriche prògraim airson a’ chùrsa BA (le urram) ann an ceòl ghnìomhaichte aig an oilthigh, na buannachdan a tha an lùib a bhith a’ gabhail pàirt anns an fhèis: “Tha mi air leth toilichte gum bi an t-oilthigh mar phàirt de Celtic Connections turas eile. Tha an tachartas a’ leigeil leis na h-oileanaich againn na tàlantan aca a thaisbeanadh agus eòlas luachmhor a chur air a bhith a’ cluich aig fèis chiùil mhòir. Tha oileanaich aig cridhe is cuislean na bhios sinn a’ dèanamh agus tha sinn airson taic a thoirt dhaibh gus an comas iomlan aca a thoirt gu buil.”

Gus tiocaidean a cheannach airson tè seach tè de na cuirmean-ciùil aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean no airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn, tadhail air www.celticconnections.com Chan eil feum ann air tiocaidean airson nan oidhcheannan ‘open mic’.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mun oilthigh agus a chùrsaichean, tadhail air www.uhi.ac.uk