Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh ag ainmeachadh Oileanach na Bliadhna agus Luchd-Caidreachais Urramach aig tachartas ann an Inbhir Nis

Oilthigh ag ainmeachadh Oileanach na Bliadhna agus Luchd-Caidreachais Urramach aig tachartas ann an Inbhir Nis

Dimàirt 17 Samhain 2015
Oilthigh ag ainmeachadh Oileanach na Bliadhna agus Luchd-Caidreachais Urramach aig tachartas ann an Inbhir Nis

Dàrna loidhne, clì gu deas: Carol Kirkwood, Ian Leslie, Dùbhlas MacFhionnghain, Iain MacDhonnchaidh; Ciad loidhne, clì gu deas: An t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, A h-Àirdeachd Rìoghail a' Bhana-phrionnsa Rìoghail, Leanne Demay

Chruinnich còrr is 200 aoigh a fhuair cuireadh aig togalach ùr Cholaiste Inbhir Nis UHI an-diugh (Dimàirt 17 Samhain) airson Latha Stèidheachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bidh an t-oilthigh a’ cumail an tachartais gach bliadhna gus oidhirpean is euchdan oileanaich, luchd-obrach is luchd-taice an oilthigh a chomharrachadh.

Bha A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, seansalair an oilthigh, os cionn an tachartais agus thug i seachad duaisean agus caidreachais urramach.

Fhuair preseantair sìde a’ BhBC agus rionnag Strictly Come Dancing, Carol Kirkwood, Caidreachas Urramach mar aithneachadh air fichead bliadhna ann an craoladh. Rugadh Carol ann am Morar, Siorrachd Inbhir Nis agus tha i air nochdadh air a h-uile meur den BhBC airson rèidio, telebhisean agus nam meadhanan sòisealta. Bidh i ag aithris mun t-sìde air a’ phrògram Breakfast air BBC One gach madainn san t-seachdain, air a’ phrògram rèidio bhracaist aig Chris Evans agus air a’ phrògram aig Victoria Derbyshire.

Fhuair Iain MacDhonnchaidh OBE, lannsair co-chomhairleachaidh aig Ospadal an Rathaig Mhòir agus Iar-Cheann-Suidhe Cholaiste Rìoghail Lannsairean Dhùn Èideann, Caidreachas Urramach cuideachd, agus fhuair Ian Leslie, deadhan a leig dheth a dhreuchd, Bonn an Iar-Sheansalair airson na chuir e ris an oilthigh.

Bha Leanne Demay (36) à Inbhir Spè ann am Moireibh ainmichte mar Oileanach na Bliadhna 2015 aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig an deas-ghnàth. Chaidh a taghadh airson mar a chaidh i an sàs anns an ionnsachadh aice agus airson na choilion i. Fhuair i ceum le urram aig a’ chiad ìre ann an arc-eòlas aig Colaiste Mhoireibh UHI fhad ’s a bha i a’ togail teaghlach, ag obair aig Taigh-tasgaidh Eilginn agus ag obair mar shaor-thoileach aig cladhaichean air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Thàinig an tachartas gu crìoch le òraid le Dùghlas MacFhionghain, sgrìobhadair is stiùiriche a th’ air duaisean a bhuannachadh. Rugadh is thogadh Dùghlas san Eilean Sgitheanach agus tha e aithnichte airson an obair aige air sreathan telebhisein leithid Doctor Who, Outlander agus Sherlock agus am film The Flying Scotsman, a thàinig a-mach ann an 2006.

Thuirt Carol Kirkwood: “Tha mi air leth toilichte agus ’s e urram mòr a th’ ann dhomh caidreachas urramach fhaighinn bho oilthigh cho cliùiteach agus cho cudromach dhomhsa gu pearsanta. Ge b’e càite an tèid mi nam bheatha,’s e nighean às a’ Ghàidhealtachd a bhios annam gu sìorraidh. Is e latha air leth a bh’ ann agus tha e cho brosnachail dealas nan oileanach fhaicinn. Agus a bharrachd air sin, chaidh an duais mìorbhaileach seo a bhuileachadh orm le A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail. Mìle taing.”

Thuirt Leanne: “Mar thoradh air na cothroman ionnsachaidh sònraichte a bhios Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ tabhann, bha e comasach dhomh cuspair a dhèanamh nach biodh gu h-àbhaisteach ri faotainn dhomh air sgàth obair agus teaghlach. Tha co-obrachadh eadar nan colaistean com-pàirteach a’ ciallachadh gu bheil cothroman air leth ann do dh’oileanaich ag ionnsachadh air astar. Tha co-labhairt bhidio, cabadaich air-loidhne is Facebook a’ cruthachadh coimhearsnachd sònraichte eadar òraidichean is oileanaich. Tha mi fad an comainn nan òraidichean agam, cho math ri mo charaidean is teaghlach airson na taice a thug iad dhomh fhad ’s a bha mi ag ionnsachadh. Is e obair chruaidh a bh’ ann, ach chòrd e rium gu mòr. Tha mi air leth toilichte agus ’s e urram mòr a th’ ann dhomh a bhith a’ faighinn duais Oileanach na Bliadhna.

Thuirt An t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh: “Is e an Latha Stèidheachaidh againn aon de na làithean as cudromaiche ann am mìosachan an oilthigh. Is e cothrom a th’ ann do choimhearsnachd an oilthigh tighinn còmhla gus soirbheas a chomharrachadh agus taing a thoirt don luchd-taice againn.

“Is e latha air leth eile a bh’ ann an Latha Stèidheachaidh na bliadhna-sa. Bha sinn fìor thoilichte gun robh an seansalair againn, A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail os cionn an deas-ghnàith agus gun tug an sgrìobhaiche is stiùiriche cliùiteach, Dùghlas MacFhionghain, fradharc dhuinn air a’ chùrsa-bheatha aige. Bu mhath leam taing a thoirt dhan a h-uile duine a thàinig ann agus meal-a-naidheachd a chur an fheadhainn a fhuair duaisean.”

Na bu tràithe air an latha, dh’fhosgail A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail togalach ùr na colaiste, as fhiach £50 millean. Thug i sgrìob timcheall an togalaich agus thaisbein i plàc gus an latha a chomharrachadh.