Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh ag aithneachadh obair sgoileir is sgrìobhadair Gàidhlig is Ceilteach

Oilthigh ag aithneachadh obair sgoileir is sgrìobhadair Gàidhlig is Ceilteach

Diluain 21 Dùbhlachd 2015
Oilthigh ag aithneachadh obair sgoileir is sgrìobhadair Gàidhlig is Ceilteach

Àrd-Ollamh Meg Bateman

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an dèidh sgoilear is bana-bhàrd chliùiteach às an Eilean Sgitheanach a dhèanamh na h-Àrd-Ollamh. Chaidh an tiotal a bhuileachadh air Meg Bateman mar aithneachadh air na chuir i ri sgoilearachd agus rannsachadh ann an eòlas Ceilteach is Gàidhlig.

Stèidhte aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig agus aon de chom-pàirtichean acadaimigeach an oilthigh, tha an t-Àrd-Ollamh Bateman na h-eòlaiche air litreachas Ceilteach is Albannach, agus na sgrìobhadair is bana-bhàrd a chaidh fhoillseachadh gu h-eadar-nàiseanta.

Bha i na h-oileanach is na h-òraidiche aig Oilthigh Obar Dheathain, far an tug i mach dotaireachd ann am bàrdachd chlasaigeach spioradail. Ghluais an t-Àrd-Ollamh Bateman gu Sabhal Mòr Ostaig UHI ann an 1998, air a tarraing leis a’ ghealltanas gun robh foghlam aig an treas-ìre air faire dhan Ghàidhealtachd.

Thuirt prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh, An t-Ollamh Clive Mulholland: “Is e tiotal àrd-ollaimh an ìre as àirde de dh’aithne acadaimigeach as urrainnear buileachadh. Tha e air a thoirt do dhaoine a tha air thoiseach air càch san raon-obrach aca agus a sheall sàr-mhathas san obair aca. Chuir an t-Àrd-Ollamh Bateman gu mòr ri sgoilearachd agus rannsachadh ann an eòlas Ceilteach is Gàidhlig. Tha an clàr acadaimigeach air leth aice na bheairteas anabarrach don oilthigh agus tha sinn glè thoilichte an duais seo a bhuileachadh mar aithneachadh air na chuir i ris an oilthigh agus air cho dìcheallach ’s a tha i.”

A’ bruidhinn mun tiotal ùr aice, thuirt An t-Àrd-Ollamh Bateman: “Tha mi a’ faireachdainn gu bheil seo a’ daingneachadh nan oidhirpean a rinn mi agus a’ toirt dhomh misneachd airson na tha romham. Thuirt am prionnsapal againn, Boyd Robasdan, a chuir m’ainm air adhart, gun robh an duais seo coltach ri tiodhlac Nollaig don t-Sabhal Mhòr; gu dearbh tha e sin do mo mhàthair a tha 90 bliadhna a dh’aois! Mo bhuidheachas do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson a’ mhisneachaidh; tha mi an dòchas gun coilion mi na thathar an dùil bhuam.”

Thuirt an t-Ollamh Boyd Robasdan, prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig UHI: “A bharrachd air a’ chomas acadaimigeach aice, tha cliù eadar-nàiseanta aig an Àrd-Ollamh Bateman mar bhàrd agus sgrìobhadair. Tha i gun teagamh am measg nam prìomh bhàird ann an Alba. Tha i a’ toirt mòr-chliù don cholaiste agus don oilthigh agus tha mi fìor thoilichte gun deach an t-seirbheis air leth aice aithneachadh leis an duais seo.”

Rinn an t-Àrd-Ollamh Bateman dàn sònraichte airson Latha-Greadhnachais Oilthigh ùr na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Inbhir Nis ann an 2011. Tha ‘Gun Lasadh an Taobh Tuath’ a’ toirt beò gairm an oilthigh agus an àite aige ann an aon de phàirtean as bòidhche agus as ioma-ghnèithiche an t-saoghail. Chaidh a leughadh anns a’ Ghàidhlig, ann an Albais agus anns a’ Bheurla.

  

 

GUN LASADH AN TAOBH TUATH

Dàn do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean, 2011

 

                             I 

Tha an t-oilthigh coltach ri cairt-iùil nan rionnag,

trì reul-bhadan deug air an sgaoileadh thar na talmhainn

de cholaistean ’s am planaidean an seòmar is bothan,

sgapte thar nan eilean, air am pasgadh an gleanntan.

 

Lasaidh uinneagan ann an dorchadas na h-oidhche

le solas aognaidh sgàileanan-coimpiutair, 

lìon-sionnachain le smuaintean glacte na mhogall

na shìneadh gu grinn thar nan garbh-chrìochan

 

bho Liùrabhaig sa cheann a tuath, Unst is Whalsay,

gu Dùn Omhain sa cheann a deas, is Ceann Loch Chille Chiarain,

bho Eilginn san àird an ear, Baile Cheith is Bucaidh,

’s siar gu Leòdhas, Beinn a’ Bhadhla is Barraigh. 

 

Agus gun tighinn faisg air ar cladaichean gàbhaidh

len geodhachan is grìoban, stacannan is sgeirean,

togar guthannan sèimhe san deasbad

air loidhne sna Stàitean, san t-Seapan, sa Ghearmailt.

 

 

                             II

Chanadh gun do las Calum Cille an taobh tuath

le chuid eòlais air Sgriobtair, air a’ mhuir ’s a’ ghealaich,

le soilleireachadh làmh-sgrìobhainnean is seinn nan salm

sna manachainnean sgapte am fàsach a’ chuain

agus air taobh thall Dhruim Albainn, am Monadh Musga is Dèir.

 

Feumaidh gun robh sgoiltean aig na Cruithnich,

luchd-snaighidh shlatan tulchlaonach lùbach,

sgoil far an roinnte orra na cumaidhean riaghailteach 

de chearcallan, sgàthanan, de chorrain is cìrean,

far an ionnsaichte ogham is pàtranan snìomhach.

 

Tha foghlam nan Lochlannach an Alba cuideachd

air dhol fodha ann an cànan, air a chall ann an tìm,

ach bha goibhnean a dhèanadh armachd is seudraidh,

luchd-dèanamh bàrdachd, bhàtaichean is sheòl. 

Bha beachd math aig Rognvaldr Kali Kolsson air fhèin:

 

“’S aithne dhomhsa naoi sgilean:

cluichidh mi gu math aig tàileasg,

is tearc a bhios rùn a dhìth orm,

nì mi leughadh ’s nì mi goibhneachd,

siùbhlaidh mi an sneachd air sgithean,

togaidh mi ràmh is togaidh mi bogha,

tha alt agam air an dà ealain:

laoidh a’ bhàird is fonn a’ chlàrsair.”

 

Agus ri Linn an Àigh aig Rìoghachd nan Eilean,

bha sgoil bhàrdachd aig Clann Mhic Mhuirich an Uibhist, 

sgoil leighis aig Clann Mhic Bheatha am Muile

far an leughte Avicenna, Hippocrates is Galen, 

is aig na Moireasdanaich an Nis bha sgoil lagha. 

 

Thàinig eòlaichean air an tarraing à Èirinn: 

thàinig Ó Brolcháin is Ó Cuinn a-nall a dh’Idhe

gus duilleagan iathadh mu stoc nan crann-ceusaidh,

chluich Ó Seanog a’ chlàrsach an Cinn Tìre,

thàinig Cù Chulainn fhèin airson stiùireadh strèipe.

 

Agus cò aig’ tha fios an sgrùdadh a’ ghealach

an tursachan mòrdhalach Chalanais is Arcaibh,

no ciamar a sgeadaicheadh na buill shnaighte

a lorgadh an Skara Brae lem pàtrannan eangach,

no càit an aithriseadh na draoidhean an cuid ealain?

 

 

                   III 

Tha uiread air chall

den ghreadhnachas ghrinn

a th’ air dol gu cùl an airc is ainnis,

 

ach às na creagan aost’

leumaidh lusan ùr,

às an toll sgiathaichidh am fachach.

 

Èiridh am fonn

le faochadh bhon deigh,

is an sluagh a’ faighinn thairis

 

air na bliadhnachan a theich

na tapaidh gu deas 

is iad a’ fàgail na tìre gun aigne.

 

 

                                                IV  

Bidh sinn a’ toirt sùil air na beanntan ’s coilltean

is sinn a’ meòrachadh air adhbhar is buaidhean  

is air a’ mhuir airgeadach a shìneas mun domhan,

 

dìreach mar an fheadhainn, is cleite nan làmhan,

a bheireadh sùil à doras cille

ach am faiceadh iad a’ ghrian no birlinn a’ tighinn.

 

Bhàsaich cuid ac’ gu ciùin, chaidh cuid eile a mhurt,

bha cuid aca aonaranach gun stiùir no iùl

is an inntinn ro mhòr airson cuingead an là. 

 

Bha aig a’ mhinistear, Cailean Caimbeul an Àird Chatain, 

ri sgrìobhadh ann an Laidinn gu Sir Isaac Newton,

is e gun chothrom deasbaid air matamataigs is reul-eòlas.

 

is chuir an t-strì às dhan chlachair Hugh Miller

nuair a dh’fhairtlich air, is e na aonar an Cromba,

Genesis is fosailean na tràghad a thoirt còmhla.

 

Ach tha leabharlann an seo, fiosaigeach is didseatach,

deagh ghean na Pàrlamaid ar cuid fhèin a shealbhachadh,

is mìorbhail an eadar-lìn gus ar còmhraidhean a leudachadh.

 

Ged a sgapas cuairteagan ar beatha sa ghainmhich,

lasaidh an taobh tuath uair eile

is na fir-chlis a’ dannsadh os cionn ar smuaintean.

 

 

NOTAICHEAN

Tha an tiotal stèidhichte air Lassais tír tuath, sreath às a’ mharbhrann  “Amra Choluimb Chille” a rinn Dallán Forgaill an 597.