Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh ag iarraidh air muinntir na fèise aghaidh a chur ri cùisean an là

Oilthigh ag iarraidh air muinntir na fèise aghaidh a chur ri cùisean an là

Dicaidain 22 Iuchar 2015

Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ brosnachadh muinntir Bhealadruim aghaidh a chur ri cùisean an là is e mar sponsair air Gàrradh nan Gnìomhairean am-bliadhna. Anns an teanta bidh farsaingeachd de dheasbadan, agallamhan sònraichte agus bùthan-obrach foghlaim.

Tha am prògram a’ gabhail a-steach na deasbaid “wrestling: sport or entertainment?” le caraichean Albannach Grado agus Jack Jester, eòlaiche-inntinn spòrs à Colaiste Pheairt UHI agus àidseant ionadail, Steve Robasdan.

Bidh deasbad ann cuideachd mu chleachdadh gheamannan coimpiutair ann am foghlam. Gabhaidh eòlaichean ionnsachaidh bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Oilthigh Metropolitan Manchester pàirt anns an deasbad “call of duty” cuide ri stiùiriche Hunted Cow Studios, companaidh ann an Eilginn a bhios a’ cruthachadh agus a’ foillseachadh gheamannan, agus buannaiche na farpais Moray Game Jam 2015.

Cho math ri deasbadan, bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ tabhann bùthan-obrach agus gnìomhachdan airson a h-uile aois ann an Gàrradh nan Gnìomhairean. Bidh luchd-saidheans bho Chomann Saidheans Mara na h-Alba UHI ann gus sgeulachdan na mara innse do chlann agus nì iad clàraidhean fuaim gus coimeas a dhèanamh eadar na dh’fhiosraicheas muinntir na fèise agus mamalan mara.

Bidh luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh cuideachd a’ taisbeanadh nan sgilean aca mu thimcheall làrach na fèise. Cuiridh gaisgich saidheans deuchainnean air dòigh mu thimcheall na làraich agus ’s urrainn don fheadhainn a tha dèidheil air Spiderman coimhead air taisbeanaidhean le Sgoil Choilltearachd na h-Alba aig Colaiste Inbhir Nis UHI nuair a bhios riochdairean a’ streap chraobhan.

Fosglaidh còmhlain le oileanaich an Seedlings Stage gach madainn den fhèis. Is iad Flat Six, còmhlan ròc anns a bheil ceathrar luchd-ciùil à Colaiste Pheairt UHI, a’ chiad chòmhlan a nochdas air an àrd-ùrlar aig 11m Dihaoine, agus nochdaidh Autumn Sun, còmhlan cèol dùthchasach-ròc, às an àrainn aig Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI ann an Alanais, aig 11m Disathairne.

Bidh ceathrar de dh’oileanaich chiùil an oilthigh a’ dèanamh greisean gnìomhachais, a’ leasachadh nan sgilean aca mar luchd-taice na làraich, luchd-taice nam meadhanan agus luchd-ceangail cheòladairean.

Faodaidh muinntir na fèise a tha airson barrachd fhaighinn a-mach mun oilthigh agus a chùrsaichean tadhail air trèilear Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus leabhran-iùl a thogail agus gus bruidhinn ris an luchd-obrach mu na cùrsaichean a tha rim faotainn. Bidh an trèilear ri taobh teanta Gàrradh nan Gnìomhairean.

Thuirt Clive Mulholland, prionnsapal is iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Tha sinn toilichte a bhith a’ leantainn oirnn leis a’ chom-pàirteachas againn le Fèis Tartan Heart Bhealadruim. Tha e a’ còrdadh ris na h-oileanaich agus an luchd-obrach againn a bhith a’ conaltradh ri muinntir na fèise agus cuideachd a chur ris na sgilean agus an t-eòlas aca. Is e dòigh èifeachdach a th’ ann dhuinn cuideachd air a bhith a’ sanasachadh na dà chuid farsaingeachd nam prògraman a bhios sinn a’ tabhann agus farsaingeachd an rannsachaidh anns a bheil an luchd-obrach is oileanaich againn an sàs, a tha air thoiseach air càch san t-saoghal.”

Thuirt Joe Gibbs, a chuir an fhèis air dòigh: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air Oilthigh na Gàidhealtachd a-rithist is iad a’ dol mar sponsairean air Gàrradh nan Gnìomhairean. Tha na deasbadan air an àrd-ùrlar sin am-bliadhna a’ freagairt air làthaireachd an oilthigh air feadh na Gàidhealtachd le còmhraidhean mu chroitearachd do dhaoine òga agus fèin-riaghladh airson na Gàidhealtachd. A-rithist, bidh an t-oilthigh air ceann deasbad fhiosraichte agus cùisean an latha aig an fhèis.”

Chaidh Charlotte Bywalec à Peairt, oileanach air a’ chùrsa HNC ann an gnothachas a' chiùil, a thaghadh airson greis-ghnìomhachais mar neach-ceangail cheòladairean aig an fhèis. Thuirt ise: “Tha mi gu mòr air bhioran agus ’s e urram mòr a th’ ann dhomh Colaiste Pheairt UHI a riochdachadh. Chan e a-mhàin gun cuir mi eòlas air rudeigin ùr, ach gum bi cothrom agam tuigsinn dè dha-rìreabh a tha an lùib a bhith ag obair ann an gnothachas a’ chiùil agus ann an àrainneachd far a bheil thu ag obair leis an luchd-ciùil agus leis an fhèis gus dèanamh cinnteach gur e latha soirbheachail a bhios ann. Tha mi a’ smaoineachadh gun toir seo misneachd dhomh agus gun leig e leam tuigsinn dè a bhios romham san àm ri teachd. Tha mi fad’ an comain nan òraidichean agam a thug am misneachd dhomh a bhith ag obair a dh’ionnsaigh seo agus luchd-planaidh na fèise a thug an cothrom dhomh a bhith ag obair an seo.”