Home na meadhanan naidheachdan Fear à Peairt air ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Fear à Peairt air ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Diciadain 9 Iuchar 2014

Thathas an dèidh manaidsear seirbheis cùram dachaigh a rinn ceum tro Cholaiste Pheairt UHI ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna 2014 aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bithear a’ toirt seachad na duais gach bliadhna do dh’oileanach a bh’ ann airson sheirbheisean don choimhearsnachd, euchdan anns na h-ealain no na saidheansan, ann an gnothachas, sa bheatha phoblaich no sa bheatha acadaimigich.

Cheumnaich Anndra Jackson, 35 às an Tulach, Peairt, le BA ann an eòlas slàinte ann an 2013. Ged a bha e mar-thà fastaichte mar neach-taice cùraim mus do thòisich e air a’ cheum aige, bha e airson teisteanas fhaighinn a leigeadh leis goireas aige fhèin a stiùireadh. Bha miann aig Anndra eadar-dhealachadh a dhèanamh ri cùram dhaoine nas sine, gu sònraichte ris an fheadhainn le seargadh-inntinn, agus bha e am beachd gur e seo an dòigh as fheàrr buaidh a thoirt air càileachd na seirbheise.

An dèidh dha ceumnachadh, fhuair Anndra cothrom dachaigh chùraim a stiùireadh ann an Gibraltar. Bhon uair sin, stèidhich e seirbheis cùram dachaigh agus buidheann trèanaidh aige fhèin an sin. Tha an goireas aige stèidhte air prionnsapal cùraim anns a bheil an neach fhèin aig an teis-mheadhan. Tha e a’ leigeil le inbhich nas sine conaltradh a dhèanamh ri daoine de a h-uile aois agus an àrainneachd nàdarra, seach a bhith air an sgaradh. Thathas am beachd gu bheil am prionnsapal seo a’ cur aghaidh ri cuid de na prìomh adhbharan airson fulangas ann an seann aois, a’ gabhail a-steach cion ùidh, aonaranachd agus faireachdainn gu bheilear gun taic.  

Chaidh Anndra a chur air adhart airson na duais seo leis an neach-oide acadaimigeach pearsanta aige, Colleen NicIlleathain, a bha cuideachd na neach-teagaisg aige airson àireamh de mhodalan. Mar a mhìnich Colleen: “Thàinig Anndra don cheum ann an eòlas slàinte air sgàth ’s gun robh e airson eadar-dhealachadh a dhèanamh ri cùram dhaoine nas sine. Cha robh e furasta dha; tha doille-fhaclan air agus bha e doirbh dha rian a chumail air an obair uaireannan. Ghluais e cuideachd bho obair gu obair agus ìre gu ìre (uaireannan le daoine a’ tighinn thuige agus a’ tabhann obair) gus an t-eòlas aige air an roinn a leudachadh.

“Dh’ainmich mi Anndra leis gun do chum e ris na h-inbhean aige fhèin agus ris an amas thùsail aige tro cheum dhubhlanach agus tha e a-nis ag obair a rèir seo, a bhios na bhuannachd do dhaoine nas sine.”

Agus e a’ bruidhinn mun duais aige, thuirt Anndra: “Is e rud ris nach robh mi idir am fiùghar gun deach m’ ainmeachadh mar Alumnus na Bliadhna; bha e gu leòr dhomhsa gun deach m’ ainm-se a chur air adhart air a shon! Tha Colleen air a bhith air leth taiceil dhomh agus tha mi fad a comain. Bu toigh leam taing a thoirt cuideachd do Tori agus Robert Gray a thug dhomh a’ chiad chothrom agam dachaigh chùraim a stiùireadh. Chunnaic iad gun robh buannachdan an lùib a bhith a’ fastadh neach a bha a’ gabhail teisteanas os làimh agus bha iad an còmhnaidh taiceil don ionnsachadh agam. Thug Southern Health Care Ltd cothroman dhomh cuideachd a chur gu mòr ris an ionnsachadh agam, a’ cur Eden Alternative an aithne dhomh, buidheann a dh’atharraich mo bheatha agus beatha na feadha a tha a’ fuireach sna dachannan aca.   

“Còmhla, an seo ann an Gibraltar agus anns an RA, tha sinn air slighe a dh’ionnsaigh a bhith a’ toirt sar-bheatha do dhaoine a tha a’ fuireach ann an dachannan cùraim no a’ faighinn cùram anns an taigh aca fhèin. Le atharrachaidhean beaga a h-uile latha, ’s urrainn dhuinn seo a choilionadh. Feumaidh mòran de na h-atharrachaidhean seo a thighinn bhuainn, proifeiseantaich cùram slàinte. Feumaidh sinn na luachan againn agus an dòigh anns am bi sinn a’ faicinn an t-saoghail atharrachadh, a’ tòiseachadh le “spèis gun chùmhnantan” airson a h-uile duine leis am bi sinn ag obair agus ris am bi sinn a’ gabhail cùram.

“Tha mi a’ creidsinn gur ann nuair a bha mi aig an oilthigh a thoisich mi a bhith a’ smaoineachadh an dòigh ùr. Tha mi an dòchas gun lean mòran dhaoine eile an t-slighe seo, gus am bi caraid aig a h-uile duine a tha a’ faighinn cùram a tha dha rìreabh a’ gabhail curam dhiubh agus a leigeil leotha fàs.

Dh’atharraich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean mo bheatha agus thug e farsaingeachd de chothroman dhomh. Tha mi an dòchas gun tèid mòran daoine an sàs anns na tha iad diorrasach mu dheidhinn agus gun toisich iad air cùrsa a dh’atharraicheas a’ bheatha aca. Tha mi glè phròiseil an duais seo fhaighinn agus bu toigh leam taing a thoirt don a h-uile duine aig an oilthigh cho math ris a’ bhean agam, Maria, airson na taice a fhuair mi.  

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair an oilthigh, “Tha Anndra na thagraiche air leth airson na duais chliùitich seo. “Tha e air an alt tionngaineach aige a chuimseachadh air roinn mu bheil e diorrasach agus tha e dha-rìribh a’ dèanamh diofar ri beatha na feadha ris am bi e a’ gabhail cùram. Tha an cùrsa BA againn ann an eòlas slàinte ri fhaotainn air-loidhne agus bidh e a’ leigeil le oileanaich cumail orra beatha proifeiseanta agus pearsanta a bhith aca fhad ’s a tha iad ag ionnsachadh. Tha mi air leth toilichte gun robh e na chothrom foirfe dha.”

CRÌOCH