Home na meadhanan naidheachdan A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail air a cur an dreuchd mar chiad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean

A h-Àirdeachd Rìoghail A’ Bhana-phrionnsa Rìoghail air a cur an dreuchd mar chiad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean

07 Ògmhios 2012

 

Cuirear a h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail an dreuchd mar chiad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig deas-ghnàth ann an Inbhir Nis an-diugh (Diardaoin 7 Ògmhios.) Tha an tachartas a’ gabhail àite ann an Cathair-eaglais Inbhir Nis feasgar an-diugh.

Aig an deas-ghnàth gheibh a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail gùn an t-Seansalair, gùn a chaidh a chruthachadh gu sònraichte airson na dreuchd. Tha na dathan a th’ air a’ ghùn an co-chòrdadh ris an fheadhainn a gheibhear air na gùintean acadaimigeach a th’ aig an oilthigh cheana, is e sin purpaidh is dath an airgid. Tha a ghuailnean sgeadaichte le duilleagan, cnòthan agus cluigeanan calltainn air dhath an airgid. Tha calltainn na shamhla air gliocas ann an seana sgeulan nan Lochlannach is nan Ceilteach.

Is e an Seansalair as ceannard don oilthigh ann an ainm. Ghabh a’ Bhana-phrionna i ris an dreuchd ann an Samhain 2011, an dèidh don bhuidhinn tighinn gu bhith na h-oilthigh ann am Faoilleach na bliadhna sin. Bidh dleastanasan aig a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail a bhios an dà chuid deas-ghnàthach agus tosgaireach, agus i a’ riochdachadh an oilthigh san Rìoghachd Aonaichte agus thall thairis.

Is e a bhith a’ buileachadh chaidreachais urramach air an Àrd-ollamh Raibeart MacCarmaig, a bha roimhid na Phrionnsapal, agus air an Àrd-Ollamh Cailean MacAoidh CBE, a bha roimhid na Chathraiche air Bòrd nan Riaghladairean, am measg ciad dhleastanasan A h-Àirdeachd Rìoghail.

Aig an deas-ghnàth gheibh an t-oilthigh na sgrìobhainnean oifigeil airson a ghearradh-airm cuideachd. Agus e air a leigeil ris an t-seachdain sa chaidh, chaidh a dhealbhadh gus eileamaidean cudromach den oilthigh a shealltainn. Bheir an Leòghann-mhorair, Arm-rìgh na h-Alba, an t-oifigear air a bheil uallach airson earraideas ann an Alba, na sgrìobhainnean oifigeil airson a’ ghearradh-airm do a h-Àirdeachd Rìoghail goirid às dèidh dhi gùn an t-Seansalair fhaighinn.

Mar phàirt den deas-ghnàth bidh ceòl bho oileanaich chiùil an oilthigh, agus bho bhuill Orcastra Òigridh na Gàidhealtachd.

Às dèidh do a h-Àirdeachd Rìoghail a bhith air a cur an dreuchd, bidh i aig ceann caismeachd acadaimigeach air Slighe Nis far am bi cuireadh ro aoighean tighinn gu cuirm ghàrraidh. Solaraichidh oileanaich agus luchd-teagaisg aoigheachd bho Cholaiste Mhoireibh UHI, Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI, Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI agus Colaiste Inbhir Nis UHI biadh agus deoch, agus thèid bratach na meirghe Rìoghail a thogail os cionn na h-oifise.

Thig an latha gu crìoch le seirm ghlagan le Luchd-bualaidh Ghlagan Chathair-eaglais Inbhir Nis. Tòisichidh e aig 6f, agus mairidh e fad 45 mionaidean.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair, cathraiche chùirt an oilthigh: “Is e latha sònraichte a th’ ann an seo don oilthigh agus do sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean.” Tha a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail taiceil dhuinn o chionn ùine mhòr. “Thadhail i air tòrr de na h-àrainnean againn mar-thà agus bidh a taic na buannachd mhòr do inbhe an oilthigh.”
Thuirt ministear an fhoghlaim Mìcheal Ruiseal, a bhios an làthair aig an deas-ghnàth: “Tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ faicinn A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail air a cur an dreuchd mar chiad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Is e ceum cudromach eile a th’ ann an seo air slighe an oilthigh ùir agus latha cudromach eile do luchd-obrach agus oileanaich.

“Tha  UHI a’ dèanamh obair uile-chudromach san sgìre mar-thà, a’ solar nan sgilean agus nan teisteanasan air a bheil feum aig daoine òga gun a bhith aca ri siubhal na mìltean bhon taigh. Tha seo cudromach do eaconamaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus na tha ri tighinn don sgìre san àm ri teachd, agus tha mi cinnteach gum bi tòrr làithean cudromach mar seo aca ri an comharrachadh fhathast.”

Gheibhear fios beò bhon latha anns a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig tro bhiathadh Twitter an oilthigh aig http://twitter.com/ThinkUHI

Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk