Home na meadhanan naidheachdan Prionnsapal a bhios a’ leigeil dheth a dhreuchd a’ toirt seachad Òraid Nollaig

Prionnsapal a bhios a’ leigeil dheth a dhreuchd a’ toirt seachad Òraid Nollaig

Diciadain 20 Samhain

Thèid treas Òraid Nollaig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a thoirt seachad le prionnsapal agus iar-sheansalair na buidhne a bhios a leigeil dheth a dhreuchd. Sgrùdaidh Seumas M Friseal MA, MEd, FRSA, a bhios a’ leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna, na dùbhlain a tha mu choinneamh oilthighean na h-Alba san 21mh linn.

Anns an òraid shaor an asgaidh seo, a thèid a chumail ann an Inbhir Nis Diardaoin 5 Dùbhlachd, bidh e cuideachd a’ sgrùdadh a bheil eileamaidean a bhios oilthighean a’ toirt bhon àm a dh’fhalbh a’ fàgail gu bheil iad freagarrach airson àrainneachd chruinneil a tha ag atharrachadh gu luath. Cumaidh Mgr Friseal a-mach gu bheil feartan sònraichte aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha a’ tabhann modal oilthigh a tha nas fhreagarraiche don 21mh linn.

Gabhaidh Mgr Friseal Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, buidheann a bhios a’ lìbhrigeadh chùrsaichean tro chom-pàirteachas de trì deug colaistean agus ionadan rannsachaidh air feadh na sgìre, mar eisimpleir san òraid aige.

Às dèidh na h-òraid aige, nì Nicky Marr, sgrìobhaiche ionadail agus craoladair MFR, agallamh le Mgr Friseal. Thèid ceistean a chur air mun bheatha aige ann am foghlam thar 40 bliadhna anns an do chuidich e trì ionadan an Alba tiotal oilthigh fhaighinn -  Oilthigh Banrigh Maighread, Oilthigh na h-Alba an Iar agus, mu dheireadh, Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Mar phàirt den tachartas bidh ceòl bho oileanaich an oilthigh air a’ chùrsa BA ann an ceòl ghnìomhaichte agus bidh cuirm le deochan agus biadh Nollaig às a dèidh.

Tòisichidh an t-Oll Crichton Lang, leas-phrionnsapal agus iar-phrionnsapal acadaimigeach, mar phrionnsapal an gnìomh airson an oilthigh bho 1 Faoilleach 2014. Agus e a’ bruidhinn mun òraid aig Mgr Friseal a tha air fàire, thuirt e: “Is e cothrom a bhios ann an seo a bhith a’ cluinntinn mu na dh’fhiosraich fear aig an robh rèis-obrach fhada ann am foghlam. Chan ann a-mhàin gun do chuidich Seumas trì ionadan Albannach a bhith a’ faighinn inbhe oilthigh ach cuideachd, dh’fhiosraich e mar a tha roinn an oilthighe air atharrachadh sna ceithir deichead a chaidh seachad. Bidh tuigse luachmhor aige air mar a dh’fheumas oilthighean atharrachadh gus feumalachdan luchd-ionnsachaidh, coimhearsnachdan agus fastaichean an latha an-diugh a choilionadh.”

Bidh Òraid Nollaig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean 2013, ‘An fhìrinn ùr do dh’oilthighean anns an 21mh linn’,  a’ gabhail àite eadar 7f agus 9f Diardaoin 5 Dùbhlachd aig Taigh-cluiche One Touch, Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis.

A ghleidheadh àite aig an tachartas seo, a tha saor an asgaidh, cuir fios gu sgioba thachartasan an oilthigh air 01463 279344 no cuir post-d chun events@uhi.ac.uk ro Diluain 2 Dùbhlachd.