Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh as ùire na h-Alba a’ leigeil ris gearradh-arm ro latha mòr rìoghail

Oilthigh as ùire na h-Alba a’ leigeil ris gearradh-arm ro latha mòr rìoghail

31 Ceitean 2012


Leig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ris a ghearradh-arm ùr. Agus e air a thoirt don oilthigh leis an Leòghann-mhorair, Arm-rìgh na h-Alba, an t-oifigear air a bheil uallach airson earraideas ann an Alba, chaidh a dhealbhadh gus eileamaidean cudromach den oilthigh a shealltainn.

Tha ròs combaiste agus fleur de lys ann mar shamhla air an sgìre shònraichte san taobh tuath anns a bheil an t-oilthigh, agus dà leabhar fhosgailte mar shamhla air ionnsachadh. Tha com-pàirtichean an oilthigh air an riochdachadh le 13 duilleagan calltainn, craobh a tha na shamhla air gliocas ann an seana sgeulan nan Lochlannach is nan Ceilteach.

Tha e ri a leigeil ris ro chur an dreuchd ciad sheansalair an oilthigh, A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, aig deas-ghnàth ann an Cathair-eaglais Inbhir Nis an ath sheachdain (Diardaoin 7 Ògmhios). Bheir an Leòghann-mhorair na sgrìobhainnean oifigeil airson a’ ghearradh-airm do a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail goirid às dèidh dhi gùn an t-Seansalair fhaighinn.

Agus e a’ bruidhinn mun ghearradh-arm, thuirt Seumas Friseal, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Tha sinn glè thoilichte mu chruthachadh ar gearradh-airm. Tha rudan samhlachail mar seo fighte fuaighte ri susbaint oilthighean, a’ riochdachadh an ùghdarras agus cho cudromach is a tha iad don chomann-shòisealta. Cho math ri ar cuaille suaicheantais agus Seansalair ùr, cuiridh an gearradh-arm an cuimhne dhaoine gu bheil oilthigh againn air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a-nis.

Ma bhios ùidh aig duine sam bith ann a bhith a’ leantainn cur an dreuchd ciad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, faodaidh iad fios beò fhaighinn bhon latha anns a’ Bheurla agus a’ Ghàidhlig tro bhiathadh Twitter an oilthigh aig http://twitter.com/ThinkUHI.


Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
f: 01463 279222
p-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk