Home na meadhanan naidheachdan Òraidiche san Eilean Sgitheanach air a h-onarachadh ann an duaisean nan oileanach

Òraidiche san Eilean Sgitheanach air a h-onarachadh ann an duaisean nan oileanach

Diciadain 17 Iuchar 2013
Òraidiche san Eilean Sgitheanach air a h-onarachadh ann an duaisean nan oileanach

Catrìona NicIain

 

Tha òraidiche anns an Eilean Sgitheanach an dèidh bhith air a h-onarachadh le oileanaich anns na ceathramh Duaisean Teagaisg bliadhnail aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Bhuannaich Catrìona NicIain, stiùiriche cùrsa airson dioplòma an oilthigh anns na meadhanan Gàidhlig (a tha na theisteanas leasachadh proifeiseanta) aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, an duais sa chatagaraidh ‘an deasachadh as fheàrr airson an àite-obrach’. Chaidh a h-ainmeachadh airson oileanaich a chuideachadh a bhith a’ leasachadh nan sgilean practaigeach aca agus a’ coinneachadh ri daoine cudromach sa ghnìomhachas.

Mar a chuir aon oileanach an cèill e: “Is i Catrìona as fheàrr a chuidicheas leat a bhith gad dheasachadh fhèin airson an àite-obrach. Chan e a-mhàin gum bi i gar cuideachadh leis an teisteanas fhèin, ach gum bi i cuideachd a’ toirt dhuinn uiread de chothroman ’s as urrainn dhi a bhith a’ coinneachadh ri daoine a dh’fhaodadh ar cuideachadh a bhith a’ faighinn obair. Tha an teisteanas againn stèidhte air na meadhanan agus bidh Catrìona gar brosnachadh a bhith ag obair (gu saor-thoileach) do na h-uiread de chompanaidhean riochdachaidh ’s a ghabhas. Às dèidh dhi iomadh bliadhna a chur seachad sa ghnìomhachas, tha fios aice cò na daoine as urrainn do chuideachadh. Tha deagh chliù aig a’ chùrsa aice agus na lùib tha cothrom ionnsachadh aig a’ cholaiste fad bliadhna agus bliadhna eile a bhith agad air greis-ghnìomhachais. Aon uair 's gum bi am PDA dèante, tha e gu math coltach gum faigh thu obair sa bhad leis na sgilean practaigeach agus an t-eòlas a bhios Catrìona a’ toirt dhuinn.

Fhuair a’ Bh-Uas NicIain a h-àrach ann an Griomasaigh, Uibhist a Tuath ach tha i a-nis a’ fuireach anns An Druim Fheàrna, Slèite. Chuir i fàilte air an duais, agus i ag ràdh: “Tha sinn a’ ruith cùrsa air leth an seo agus ’s e sochair a th’ ann dhomh a bhith ag obair le fìor dheagh bhuidheann de luchd-oide agus oileanaich gach bliadhna. Cha robh càil a dh’fhios agam gun do dh’ainmich na h-oileanaich mi airson na duais seo, ach ’s e urram agus adhbhar toileachais a th’ ann dhomh gun do bhuannaich mi i.”

Agus iad air an cur air dòigh le UHISA, Comann Oileanaich UHI, bidh na duaisean ag aithneachadh sàr-mhathais ann an ochd roinnean. Is iad na buannaichean eile:

  • An t-òraidiche as brosnachaile, an t-Urramach Eachann Moireasdan, Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI
  • Taic air leth do dh’oileanaich, Màrtainn Camshron, Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI
  • An neach-oideachaidh acadaimigeach pearsanta as fheàrr, Sìne Nic an Tòisich, Colaiste na Gàidhealtachd a Tuath UHI
  • An neach-oideachaidh air-loidhne as inntinniche, an t-Oll Ealasaid Ritchie, Ionad Eachdraidh
  • An neach-oideachaidh co-labhairt bhidio as inntinniche, an t-Oll Eddie Greumach, Colaisde a’ Chaisteil UHI
  • Am fios air ais as fheàrr ann am measadh, Matt Sillars, Colaiste Inbhir Nis UHI
  • An stiùiriche as fheàrr air tràchdas no rannsachadh, An t-Oll John Howe, Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI

 

Bha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am measg nan ciad institiudan a dh’oibrich leis an Acadamaidh Àrd-fhoghlaim agus Aonadh Nàiseanta nan Oileanach gus duaisean teagaisg, air an stiùireadh le oileanaich, a chur air bhog. Thathas air gabhail riutha air feadh na h-Alba agus chaidh an toirt a-steach anns a’ chòrr den RA an-uiridh.

Thuirt ceann-suidhe UHISA, Raonaid Parker: “Tha na duaisean seo a’ comharrachadh agus a’ taisbeanadh sar-mhàthas an oilthigh a thaobh teagasg, agus iad a’ leigeil le oileanaich dìorras an luchd-obrach a mholadh. Fhuair sinn am-bliadhna an àireamh as àirde de dh’ainmeachaidhean a fhuair sinn riamh, rud a tha a’ sealltainn an luach a bhios oileanaich a’ cur air a’ chothrom a bhith a' cur an cèill am beachdan moltach.”

Thuirt an t-Oll Iain Moireasdan, deadhan nan oileanach aig an oilthigh: “Tha na duaisean seo ag aithneachadh obair chruaidh agus sàr-mhathas an luchd-obrach. Sheall a h-uile duine a chaidh ainmeachadh, cho math ris an fheadhainn a shoirbhich, cho dealasach ’s a tha iad airson nan oileanach againn agus an ìre àrd de dh’eòlas proifeiseanta a th' aca, a chaidh aithneachadh, mar bu chòir, leis an fheadhainn as taingeile air a shon.”

Gheibh na buannaichean cuach agus teisteanas.

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279210
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk