Home na meadhanan naidheachdan Oileanaich a’ taisbeanadh seòmar-clas cultarach mar phàirt de chuirm na fèis Disathairne

Oileanaich a’ taisbeanadh seòmar-clas cultarach mar phàirt de chuirm na fèis Disathairne

Dimàirt 15 Faoilleach 2013
Oileanaich a’ taisbeanadh seòmar-clas cultarach mar phàirt de chuirm na fèis Disathairne

Dealbh bho na 1950 an de Sheumas MacEanruig, Sgoil Eòlais na h-Alba, a’ clàradh Ailig Stiùbhart, aig a bheil clàraidhean air làrach-lìn Thobar an Dualchais.

 

Faodaidh an fheadhainn a tha a’ dèanamh air Glaschu airson Celtic Connections na bliadhna-sa a bhith an dùil ri deagh oidhche Disathairne seo tighinn nuair a thaisbeanas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean na h-oileanaich agus an luchd-obrach a th’ aige is a bh’ aige, ann an tachartasan air feadh a’ bhaile.

Tòisichidh sreath de cheithir cuirmean-ciùil aig 2f le Solas ùr air Tobar an Dualchais, le oileanaich chiùil bhon chùrsa BA ann an Ceòl Gnìomhaichte agus bhon HNC ann an Ceòl, a tha cruinn às gach ceàrn de dh’Alba airson greis chòmhnaidh mar phàirt den ionnsachadh aca.  A’ taisbeanadh na cruthachalachd agus na h-ìre àirde de dh’fhearas-ciùil a th’ ann am measg nan oileanach, tha a’ chuirm-chiùil seo a’ gabhail a-steach obair ùr a tha a’ freagairt air an àrainneachd chultarach shònraichte anns a bheil na h-oileanaich seo air an suidheachadh.  Le fòcas air Innse Gall, tha am prògram a’ gabhail a-steach ceòl ùr agus seallaidhean ùra air stuthan traidiseanta bho thasglann didseatach ùr-ghnathach na h-Alba de dh’òrain, sgeulachdan, bàrdachd agus ceòl; Tobar an Dualchais.

“Dh’iarr sinn air na h-oileanaich an roinn aca fhèin a rannsachadh air làraich-lìn Thobar an Dualchais agus clàrachadh de sgeulachd, òran no fonn a thaghadh, a thug iad leotha don ghreis-chòmhnaidh againn ann an Siorrachd Pheairt san t-Samhain,” mhìnich Anna-Wendy Stevenson, a tha na stiùiriche prògraim.  Ag obair còmhla agus a’ co-roinn am beachdan, cho-obraich a’ bhuidheann air rianan ùra, pìosan ùra agus cruthan ùra de na stuthan fo stiùir Julie Fowlis, a tha na neach-ealain air mhuinntireas aig pròiseict Thobar an Dualchais. Thug i do na h-oileanaich tuigse nas doimhne air cudromachd a’ ghoireis.”

Bhon ghreis-chòmhnaidh seo, tha na h-oileanaich air a bhith ag obair còmhla air-loidhne gu mòr, a’ cleachdadh nam pròiseasan agus nan innealan clàraidh a bhios ceòladairean agus riochdairean proifeiseanta a’ cleachdadh gus beachdan a cho-roinn, agus iad a’ dèanamh deas airson na thathas a’ faicinn mar shòlas ùr, deàrrsach air Tobar an Dualchais.

“Chòrd e rium gu mòr tasglann air-loidhne Thobar an Dualchais a chur an aithne nan oileanach agus a bhith a’ faicinn mar a rinn iad feum den ghoireas air leth a tha seo,” thuirt Julie Fowlis. “Is e adhbhar tlachd sònraichte a bh’ ann a bhith a’ cluinntinn mar a thug cuid de na h-òrain agus na sgeulachdan dùsgadh-inntinn do na h-oileanaich, gu sònraichte leis nach robh eòlas aig tòrr dhiubh air an tasglann, no ceangal aca ris.  Tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ cluinntinn na chruthaich iad airson an taisbeanaidh shònraichte seo aig Celtic Connections.”

Às dèidh seo, nochdaidh oileanaich a’ chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta, a bhios ag ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, anns an taisbeanadh chiùil aca fhèin. Is e seo a’ chiad chuirm-chiùil ann an sreath leis na h-oileanaich, a bhios a’ siubhal air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean as t-Earrach le luchd-ciùil a bha roimhid nan oileanaich aig Sabhal Mòr Ostaig UHI.

“Seallaidh an taisbeanadh seo le oileanaich bhon chùrsa BA (le Urram) ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta an tàlant ciùil air leth a th’ againn aig a’ cholaiste an-dràsta, thuirt an t-Oll Decker Forrest, an stiùiriche prògraim airson a’ chùrsa ann an Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Faodaidh an luchd-èisteachd fiughar a dhèanamh ri bhith a’ cluinntinn nan oileanach a’ cluich rianan sgileil, neo-chuibhrichte de cheòl à cridhe na Gàidhealtachd, modh-obrach a tha aig teis-mheadhan fèin-aithne a’ phrògraim a thaobh ciùil.”

Julie FowlisLe tachartas an fheasgair thèid saod a chur air an luchd-èisteachd gus am bi iad deiseil airson cuirm-chiùil a’ comharrachadh an 40mh ceann-bliadhna aig Sabhal Mòr Ostaig UHI le luchd-oide a th’ ann agus a bh’ ann, alumni agus oileanaich leithid Julie Fowlis, Alasdair Friseal, Fergie Dòmhnallach, Dàimh, Cairistiona Primrose agus Mairead Stiùbhart - le Mícheál Ó Súilleabháin à Ionad Ceòl agus Dannsa na Cruinne aig Oilthigh Luimnich na aoigh sònraichte.

Ann an cuirm-chiùil mu dheireadh an latha, aig Club an Ealain, nochdaidh triùir sgrìobhaichean-ciùil agus òraidichean a th’ air duaisean a bhuannachadh à Colaisde a' Chaisteil UHI, a tha cuideachd na phàirt de dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Is e a th’ anns an Tune Book Trio co-obrachadh ciùil ùr brosnachail a chaidh a chur còmhla gu sònraichte airson Celtic Connections leis an òraidiche chiùil agus fìdhlear Sìm Bradley.  Agus iad a’ taisbeanadh a’ chiùil a chaidh fhoillseachadh le gach ball den triùir, cluichidh Sìm le Mairearad Green air a’ bhogsa agus Ross Ainslie air a’ phìob agus na fìdeagan.  A’ cluich leis an triùir bidh Matheu Watson air giotàr agus Mhairi Hall air a’ phiana. Tha a h-uile gin den chòignear air duaisean a bhuannachadh mar sgrìobhaichean-ciùil agus ceòladairean agus theagaisg iad air na cùrsaichean ciùil aig Colaisde a’ Chaisteil UHI ann am Beinn na Faoghla.

 

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Alison Lochhead
Manaidsear Conaltraidh is Dhàimhean Taobh a-muigh
Fòn: 01463 279222
Post-d: alison.lochhead@uhi.ac.uk