Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ sireadh cathraiche a bhuidhne riaghlaidh

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ sireadh cathraiche a bhuidhne riaghlaidh

6 Sultain 2013

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh thagraidhean airson cathraiche ùr air a bhuidheann riaghlaidh, sin Cùirt an Oilthigh.

Is ann air Cùirt an Oilthigh a tha an t-uallach airson stiùireadh ro-innleachdail an oilthigh agus feumaidh e dèanamh cinnteach gum bi an stèidheachd air a deagh riaghladh agus gum bi i fallain a thaobh ionmhais, cho math ri bhith a’ rianachd chunnartan.

Thathas a’ cumadh Cùirt an Oilthigh as ùr às dèidh ath-bhreithneachadh air modh-riaghlaidh agus stiùireadh an oilthigh agus a dh’aithneachadh gu bheil nàdar na stèidheachd ag atharrachadh. A rèir reachdas Riaghaltas na h-Alba air foghlam às dèidh 16, bidh uallach air an oilthigh airson foghlam adhartach cho math ri solarachadh àrd-fhoghlaim san sgìre obrach aige.

Bidh 19 buill anns a’ Chùirt ùr, a’ gabhail a-steach ochdnar buill neo-eisimeileach, buill bho bhùird chom-pàirtichean acadaimigeach an oilthigh, luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh, cathraiche bòrd sgìreil an fhoghlaim adhartaich agus buill eile air an ainmeachadh le luchd-ùidhe na sgìre.

Feumaidh cathraiche Chùirt an Oilthigh buill na Cùirt a stiùireadh, a’ dèanamh cinnteach gu bheil obair na Cùirt air a dhèanamh ann an dòigh proifeiseanta, agus e/i mar thosgaire airson an oilthigh am measg a luchd-ùidhe agus nas fharsainge. Feumaidh eòlas a bhith ag tagraichean air àrd-stiùireadh agus/no riaghladh anns an roinn phoblach no phrìobhaideach, agus ann am buidheann mòr.

Chan e dreuchd phàighte a th’ ann, ach thèid cosgaisean iomchaidh a phàigheadh. Bidh aig a’ chathraiche ri ceithir làithean aig a’ char as lugha a chosg air an obair, feadh na bliadhna acadaimigich. Faodaidh gum bi aig a’ chathraiche ri dèiligeadh ri cùisean an oilthigh gun mòran rabhadh bho àm gu àm.

Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaotainn aig www.uhi.ac.uk/court2013 no le bhith a’ fònadh Fiona Larg, Rùnaire an oilthigh, air (01463) 279211. Bu chòir do thagraichean CB a chur chun fiona.larg@uhi.ac.uk. Is e Dihaoine 20 Sultain an ceann-ama airson tagraidhean.

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Alison Lochhead

Manaidsear conaltraidh

Fòn: 01463 279222

Post-d: alison.lochhead@uhi.ac.uk