Home na meadhanan naidheachdan Toraidhean a th’ air thoiseach air càch san t-saoghal a’ cur Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air mapa rannsachaidh nan oilthigh

Toraidhean a th’ air thoiseach air càch san t-saoghal a’ cur Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air mapa rannsachaidh nan oilthigh

Diardaoin 18 Dùbhlachd 2015

Chaidh còrr is 65% den rannsachadh aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a mheas a bhith “air thoiseach air càch san t-saoghal” no “sàr-mhath gu h-eadar-nàiseanta” ann an sgrùdadh ùr le eòlaichean air càileachd an rannsachaidh aig ionadan foghlam àrd-ìre san RA.

Chaidh rannsachadh ann an slàinte, na h-àrainneachd, saidheans mara, eachdraidh agus arc-eòlas, Gàidhlig agus na Lochlannaich a mholadh le Frèam Sàr-mhathais an Rannsachaidh a chaidh fhoillseachadh an-diugh (Diardaoin 18 Dùbhlachd).

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, prionnsapal agus iar-sheansalair: “Bu chòir dhuinn a bhith glè phròiseil às na toraidhean againn. Choilion sinn na h-amasan againn agus chaidh sinn thairis orra agus bu chòir don luchd-obrach againn agus coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhith pròiseil às an oilthigh aca.

“Tha seo gu sònraichte cudromach dhuinn mar oilthigh òg agus tha e a’ sealltainn gun urrainn dhuinn soirbheachadh ann an àrainneachd rannsachaidh a tha gu math farpaiseach.

“Tha e cuideachd a’ daingneachadh gu bheil buaidh nàiseanta agus eadar-nàiseanta aig tòraidhean rannsachaidh a thig à àrainneachd nàdarra, cultar, gnìomhachasan agus bun-structair sòisealta na sgìre againn.”

Bheir ìrean air am buileachadh ann am Frèam Sar-mhathais an Rannsachaidh iùl do mhaoineachadh a thèid fhoillseachadh as t-earrach 2015. Is e amas eile an fhrèam ùr cunntachalachd a sholar airson maoineachadh poblach airson rannsachadh agus na buannachdan a tha na lùib a shealltainn, cho math ri bhith a’ solar slatan-tomhais agus tomhasan a thaobh cliù.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Ian Bryden, iar-phrionnsapal (rannsachaidh), “Tha na toraidhean a’ sealltainn fianais làidir de chomas rannsachaidh a tha a’ leasachadh thairis air farsaingeachd mhòr de chuspairean aig an oilthigh. A-nis tha sinn dha-rìribh a’ seasamh am measg oilthighean eile an Alba, a’ dèanamh nas fheàrr na mòran de na h-oilthighean ùra agus a’ teannadh nas fhaisge air an fheadhainn traidiseanta. ’S ann mar seo, dìreach, a bu chòir do dh’oilthigh gnìomhachdan eaconamach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a neartachadh, a’ dèanamh fìor dhiofar don àrainneachd, don choimhearsnachd gnothachais agus do bheatha dhaoine.”

CRÌOCH


Notaichean do luchd-deasachaidh:
Chuir an t-oilthigh rannsachadh a-steach airson measadh ann an còig raointean:
Pannal A - Saidheansan meidigeach agus co-cheangailte
Aonad 3, dreuchdan slàinte co-cheangailte, fiaclaireachd, nursadh agus eòlas-leigheasan
Pannal B - saidheans is innleadaireachd
Aonad 7, siostaman na cruinne agus saidheansan na h-àrainneachd
Pannal C - saidheansan sòisealta agus lagh
Aonad 17, cruinn-eòlas, rannsachadh na h-àrainneachd agus arc-eòlas
Pannal D - na h-ealain agus na daonnachdan
Aonad 27, eòlas sgìrean
Aonad 28, cànan agus cànanachais
Aonad 30, eachdraidh

Faodar na toraidhean fhaicinn aig www.ref.ac.uk