Home na meadhanan naidheachdan Dreuchd chudromach an oilthigh do phrionnsapal Cholaiste Mhoireibh UHI

Dreuchd chudromach an oilthigh do phrionnsapal Cholaiste Mhoireibh UHI

Fios-naidheachd - Dimàirt 23 Giblean 2013

 

Chuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean Mike Devenney an dreuchd mar leas-phrionnsapal (foghlam adhartach), a tha na dreuchd ùr. Tòisichidh Mike, a tha an-dràsta na Phrionnsapal air Colaiste Mhoireibh UHI san dreuchd san Iuchar.

Chaidh an dreuchd leas-phrionnsapal (foghlam adhartach) a chruthachadh mar thoradh air molaidhean anns a’ Bhile Fhoghlaim an dèidh 16 aig Riaghaltas na h-Alba. Tha am bile a’ faicinn gum bi Cùirt an Oilthigh, tro Bhòrd Sgìreil Foghlaim Adhartaich, cunntachail airson foghlam an dèidh 16 uile air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha seo a’ ciallachadh gum bi uallach air an oilthigh airson foghlam adhartach cho math ri solarachadh àrd-fhoghlaim.

Bidh an dreuchd ùr seo deatamach a thaobh a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na colaistean foghlam adhartach uile san sgìre ag obair còmhla a choinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan aca cho math ri feumalachdan na sgìre nas fharsainge.

Bidh Mgr Devenney, a th’ air a bhith na phrionnsapal air Colaiste Mhoireibh UHI fad ochd bliadhna, fhathast air a shuidheachadh aig a’ cholaiste ann an Eilginn.

Agus e a’ cur fàilte air cur an dreuchd Mgr Devenney, thuirt am prionnsapal agus iar-sheansalair, Seumas Friseal: “Tha Mike na fìor dheagh thagh airson na dreuchd seo. Tha Colaiste Mhoireibh UHI freumhaichte anns a’ choimhearsnachd ionadail aig a h-uile ìre agus bidh i a’ freagairt air a feumalachdan. Tha seo mar thoradh air ceannardas Mike. Tha e na bhall den chom-pàirteachas air a bheil meas mòr agus an t-eòlas aige a dhèanamh cinnteach gun tèid guth foghlam adhartach a chluinntinn gu làidir agus gu soilleir rè nan amannan brosnachail agus dùbhlanach a th’ ann an seo airson foghlam air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Thuirt an t-Oll Mìcheal Foxley, cathraiche a’ Bhuird Sgìreil airson Foghlaim Adhartaich: “Is e deagh naidheachd a th’ ann an cur an dreuchd Mike airson foghlam adhartach air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan agus e na phàirt de dh’atharrachaidhean a tha gan cur an gnìomh ri dleastanasan agus riaghladh an oilthigh. Obraichidh Mike gu dlùth ri prionnsapalan nan colaistean anns an sgìre a leudachadh solarachadh agus ris an oilthigh a lìbhrigeadh solarachadh a tha dha-rìribh aig an treas ìre. Faodaidh sinn a-nis mapadh a’ churraicealaim a choilionadh, seirbheisean a roinn agus planadh ro-innleachdail a thòiseachadh airson feumalachdan an ama ri teachd.”

 

Thuirt Mike Devenney: “Tha mi air leth toilichte gun deach mo chuir an dreuchd anns an dreuchd ùr, brosnachail seo agus tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith ag obair gu dlùth ris agus ann an dòigh cuideachail leis na colaistean uile ann an sgìre na Gàidhealtachd agus nan Eilean.  Tha mi duilich a bhith a’ fàgail na dreuchd a th’ agam an-dràsta aig Colaiste Mhoireibh UHI agus ’s e urram sònraichte a bh’ ann dhomh a bhith nam phrionnsapal air buidheann cho math. Ach tha mi toilichte gun leig an dreuchd ùr leam a bhith ag obair gu dlùth ris a’ cholaiste fhathast.

Thuirt an t-Oll Jana Hutt, cathraiche a’ Bhuird Stiùiridh aig Colaiste Mhoireibh UHI: “Bidh sinn gu math duilich Mike a chall, a th’ air a bhith na phrionnsapal air leth. Fo a stiùireadh, dh’fhàs Cholaiste Mhoireibh UHI a bhith na phàirt deatamach den choimhearsnachd ionadail agus na bhall riatanach de chom-pàirteachas Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheas dha na dhreuchd ùr.

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk