Home na meadhanan naidheachdan An t-oilthigh a’ cur buill neo-eisimeileach ùra an dreuchd air a bhuidheann riaghlaidh

An t-oilthigh a’ cur buill neo-eisimeileach ùra an dreuchd air a bhuidheann riaghlaidh

22 Cèitean 2013
An t-oilthigh a’ cur buill neo-eisimeileach ùra an dreuchd air a bhuidheann riaghlaidh

Buill de Chùirt ùr Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Chuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean deichnear bhall neo-eisimeileach an dreuchd air a bhuidheann riaghlaidh, sin Cùirt an Oilthigh.

 

Is iad na buill ùra:

Willie Printie – àrd-stiùiriche, LifeScan Scotland

Seumas Dòmhnallach – stiùiriche ionmhais na buidhne, Global Energy Group

Anndra Rogers – einnseanair ceimigeach cùmhnantaiche agus manaidsear a’ mhuilinn aig BSW Timber (An Gearasdan)

Eileen NicAoidh – seirbheiseach catharra a leig seachad a dreuchd

Fiona NicIlleathain – àrd-ollamh a bh’ ann ann an stiùireadh dualchas cultarach, Oilthigh Caledònianach Ghlaschu

Vicki Nairn – ceannard riaghladh-d, Comhairle na Gàidhealtachd

Dàibhidh Alston – eachdraiche agus ball taghte de Chomhairle na Gàidhealtachd (Leas-stiùiriche)

Steve MacThòmais – ball den bhòrd, Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean (a’ riochdachadh Iomairt na Gàidhealtachd ’s nan Eilean) - air a shuidheachadh ann an Tioradh

Malcolm Burr – àrd-oifigear, Comhairle nan Eilean Siar (a’ riochdachadh ùghdarrasan ionadail ann an sgìre Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean)

Mìcheal Foxley – cathraiche a’ bhuird sgìreil airson foghlaim adhartaich airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean (Loch Abar)

 

Is ann air Cùirt an Oilthigh a tha an t-uallach airson stiùireadh ro-innleachdail an oilthigh agus feumaidh e dèanamh cinnteach gum bi an stèidheachd air a deagh riaghladh agus gum bi i fallain a thaobh ionmhais, cho math ri bhith a’ rianachd chunnartan.

Thathas ga ath-structaradh an dèidh ath-bhreithneachadh air riaghladh agus stiùireadh an oilthigh. Tha e ag aithneachadh an reachdais a tha air a mholadh le Riaghaltas na h-Alba air foghlam an dèidh 16, a bheir uallach air an oilthigh, aig a’ cheann thall, airson foghlam adhartach cho math ri solarachadh àrd-fhoghlaim san sgìre obrach aige.

Thuirt Fiona Larg, prìomh oifigear gnìomhachaidh agus Rùnaire Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Bha sinn glè thoilichte leis na freagairtean a fhuair sinn ris an t-sanas againn airson buill ùra neo-eisimeileach de Chùirt an Oilthigh.

“Bha sinn ag iarraidh buill de Chùirt an Oilthigh den inbhe as àirde le measgachadh de na sgilean agus an t-eòlas air a bheil feum aig ar n-oilthigh aig an àm brosnachail seo na leasachadh. Bha e gu math doirbh an fheadhainn a chaidh a chur an dreuchd a thaghadh.

“Tha mi cinnteach gun seall na buill neo-eisimeileach ùra seo de Chùirt an Oilthigh gu bheil iad dealasach airson na slighe bhrosnachail air an do thòisich sinn.”

Cuidichidh an structar ùr le leasachadh solarachadh ionnsachadh iar-sgoil anns an sgìre, airson luchd-ionnsachaidh làn-ùine agus pàirt-ùine an dà chuid. Bheir e barrachd shlighean air adhart cho math ri slighean air adhart nas soilleire tro theisteanasan aig a h-uile h-ìre, le inntrigeadh tro na colaistean foghlam adhartach agus àrd-fhoghlaim agus na h-ionadan speisealta a tha a’ dèanamh suas com-pàirteachas an oilthigh.

Cho math ri buill o thaobh a-muigh an oilthigh, is e a bhios ann an Cùirt an Oilthigh am prionnsapal agus iar-sheansalair, an Reachdair agus seachdnar bhall eile; luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh agus riochdairean nan com-pàirtichean acadaimigeach agus nan oilthighean a chaidh mar sponsairean oirnn.

Gus an tèid an t-ath-structaradh aontachadh, obraichidh a’ chùirt a tha san amharc ann an dòigh ‘chùil’, mar chomataidh de Chùirt làthaireach an Oilthigh.

 

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk