Home na meadhanan naidheachdan Dreuchd rannsachaidh chudromach an oilthigh do speisealaiche lùith

Dreuchd rannsachaidh chudromach an oilthigh do speisealaiche lùith

Diciadain 1 Cèitean 2013
Dreuchd rannsachaidh chudromach an oilthigh do speisealaiche lùith

An t-Àrd-Ollamh Ian Bryden

 

Chuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-Àrd-Ollamh Ian Bryden an dreuchd mar leas-phrionnsapal (rannsachadh), a tha na dreuchd ùr. Tòisichidh an t-Àrd-Ollamh Bryden, a tha an-dràsta na Chathraiche ann an Lùth Ath-nuadhachail agus a tha os cionn Institiud nan Siostaman Lùith aig Oilthigh Dhùn Èideann, san dreuchd as t-foghar.

Chaidh an dreuchd Iar-Phrionnsapal (Rannsachadh) a chruthachadh le Cùirt an Oilthigh a neartachadh prògram rannsachaidh an oilthigh agus a dhèanamh cinnteach gum faigh an oilthigh buannachd às na cothroman rannsachaidh a tha rim faotainn air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha an t-oilthigh a’ gabhail rannsachadh farsaing os làimh ann an saidheans agus teicneòlas, na h-ealainean cruthachail, saidheansan sòisealta agus gnothachas agus teicneòlas fiosrachaidh bho rannsachadh air a sgrùdadh le co-inbhich aig an ìre eadar-nàiseanta gu cuartachadh eòlais agus rannsachadh gnìomhaichte.

Cuideachd, nì an dreuchd ùr seo cinnteach gu bheil ùidhean nan com-pàirtichean acadaimigeach speisealta (sin Sabhal Mòr Ostaig UHI, Ionad Mara NAFC UHI, Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI agus Comann Saidheans Mara na h-Alba UHI) agus ùidhean rannsachaidh ann an com-pàirteachas an oilthigh ag obair còmhla a choinneachadh ri feumalachdan na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus a dhèanamh cinnteach gu bheil ar n-ùidhean coitcheann air an coilionadh.

Dh’obraich an t-Àrd-Ollamh Bryden, a tha cuideachd na stiùiriche air Ionad Lùth Mara na h-Eòrpa ann an Arcaibh, aig Oilthigh Herriot-Watt agus Oilthigh Raibeart Gòrdan mu do thòisich e aig Oilthigh Dhùn Èideann.

Agus e a’ cur fàilte air cur an dreuchd Mgr Bryden, thuirt am prionnsapal agus iar-sheansalair, Seumas Friseal: “Tha an t-oilthigh air leth toilichte na seirbheisean aig stiùiriche rannsachaidh cho cliùiteach a bhith againn. Cho math ri cho iomchaidh is a tha na h-ùidhean proifeiseanta aig Ian ri fàs a’ ghnìomhachais innleadaireachd agus lùth ath-nuadhachail, tha e a’ tighinn don oilthigh aig àm gu math brosnachail. Tha beothalachd an eaconamaidh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a’ tabhann chothroman ùra airson barrachd rannsachaidh agus airson feum a chur air rannsachadh airson fàs agus soirbheas eaconamach.”

Thuirt Ian Bryden: Tha mi glè thoilichte a bhith a’ tighinn do dh’oilthigh cho sònraichte aig ìre cho brosnachail na leasachadh. Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aithnichte mar-thà ann am foghlam agus rannsachadh agus tha mi a’ cur fàilte air a’ chothrom a bhith a’ stiùireadh ar n-adhartas, agus sinn ag amas a bhith a’ leudachadh agus a’ cur ri inbhe ar gnìomhachdan rannsachaidh a tha aithnichte gu h-eadar-nàiseanta .”

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222
Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk