Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh a’ comharrachadh ciad cheann-bliadhna

Oilthigh a’ comharrachadh ciad cheann-bliadhna

1 Gearran 2012
Oilthigh a’ comharrachadh ciad cheann-bliadhna

A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail leis an Àrd-Ollamh Ian Megson aig roinn tinneas an t-siùcair agus saidheans na cuairt-fala UHI



Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ comharrachadh a chiad cheann-bliadhna an t-seachdain-sa.

Bhon a fhuair a’ bhuidheann tiotal oilthigh air 1 Gearran 2011, ruig i àireamh de chlachan-mìle.

Bha tachartas coisrigidh oifigeil an Oilthigh agus caismeachd an Inbhir Nis san Lùnastal, thòisich HRH a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail mar Sheansalair san t-Samhain agus fhuair a’ bhuidheann còrr is 1000 àitean a bharrachd do dh’oileanaich agus £5.7 millean de mhaoineachadh Eòrpach san Dùbhlachd.

Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Ruiseal: “Is e seo comharra cudromach do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean às dèidh na h-uile de dh’oidhirp a rinnear a bhith a’ faighinn tiotal oilthigh sa chiad dol a-mach. Is e ciad bhliadhna soirbheachail a bh’ ann agus tha mi an dùil gum bi àm ri teachd soirbheachail agus maireannach aig a’ bhuidheann is i a’ cur ri eaconamachd taobh tuath na h-Alba agus ri cliù na sgìre a thaobh foghlam.

“Tha an t-Oilthigh cuideachd na dheagh eisimpleir de mar as urrainn do bhuidhnean fa leth obrachadh còmhla, rud a bhios na eisimpleir luachmhor don fheadhainn a bhios a’ beachdachadh air roghainnean coltach ri seo agus sinn airson foghlam às dèidh 16 bliadhna a dh’ath-leasachadh ann an Alba.”

Aig an aon àm ri ceann-bliadhna an oilthigh tha dithis bhall ùr a’ tighinn anns a bhuidheann riaghlaidh, Cùirt an Oilthigh.

Tha an t-Àrd-Ollamh Bill McKelvey OBE a’ tighinn don Oilthigh às dèidh deich bliadhna mar Cheannard agus Prionnsapal air Colaiste Àiteachail na h-Alba. Agus e à Èireann a Tuath o thus, tha dreuchd chliùiteach ann an cleachdadh agus rannsachadh saidheans lèigh bheathaichean air a bhith aige.  Tha e na neach-caidreachas do Chomann Rìoghail Dhùn Èideann agus chaidh OBE a bhuileachadh air ann an 2011.

Agus e stèidhte ann an Inbhir Nis, bidh Iain Scott a’ tighinn don Oilthigh is beartas fiosrachaidh aige. Cho math ri bhith na chunntasair stiùiridh cùmhnantaichte, stiùiriche cùmhnantaichte agus co-chomhairleach stiùiridh, tha Iain na Stiùiriche air companaidh seilbh Highland Venture Capital agus àireamh de chompanaidhean ionadail eile.
Chuir an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair, Cathraiche Chùirt an Oilthigh fàilte air na buill ùra, ag ràdh: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Iain agus Bill a’ tighinn còmhla rinn. Cuiridh an t-eòlas aca gu mòr ri leasachadh leantainneach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.”   

Thuirt Seumas Friseal, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: Is e dusan mìosan cudromach a bh’ ann do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Feumaidh mi taing a thoirt don luchd-obrach uile san chom-pàirteachas agus an luchd-taice airson an obair chruaidh agus cho dìorrasach is a bha iad ann a bhith a’ dèanamh seo comasach.  

“Ged a bhios dùbhlain romhainn, tha mi a’ creidsinn gum cùm Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air a’ fàs agus a’ leasachadh gus coinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan air am bi sinn a’ frithealadh agus gus buaidh cruth-atharrachaidh a thoirt air cothroman foghlaim, cultar agus eaconamaidh na sgìre.”



Anns na dealbhan
A h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail leis an Àrd-Ollamh Ian Megson aig roinn tinneas an t-siùcair agus saidheans na cuairt-fala UHI. Dealbh le Ewen Weatherspoon.
A’ chaismeachd acadaimigeach aig Cùirt an Aodainn, Inbhir Nis
Sgioba rannsachaidh aig UHI aig Traigh Dail Beag, Eilean Leòdhais. Dealbh le Leila Angus.

Neach-conaltraidh nam meadhanan
Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
Fòn: 01463 279222