Home na meadhanan naidheachdan Òraid Nollaig an Oilthigh a’ comharrachadh soirbheachadh gnothachais na Gàidhealtachd

Òraid Nollaig an Oilthigh a’ comharrachadh soirbheachadh gnothachais na Gàidhealtachd

15 Samhain 2012
Òraid Nollaig an Oilthigh a’ comharrachadh soirbheachadh gnothachais na Gàidhealtachd

Roy MacGregor OBE, Global Energy Group

Bidh dàrna Òraid Nollaig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ comharrachadh tionnsgain agus soirbheas gnothachais ionadail le ceannard an fhastaiche phrìobhaidich as motha air a’ Ghàidhealtachd.

Bheir Roy MacGriogair OBE bhon Global Energy Group agus cathraiche Club Ball-coise Ross County òraid seachad aig Taigh-cluiche One Touch, Cùirt an Aodainn, Diardaoin 6 Dùbhlachd eadar 7.15f agus 9f.

Chaidh an Global Energy Group a stèidheachadh ann an 2005 agus tha oifisean aice ann an Obar Dheathain agus Inbhir Nis.  Tha a luach-malairt a-nis a’ toirt barrachd air £350 millean gach bliadhna agus thathas air an adhartas aice aithneachadh le trì duaisean Fast Track bhon Sunday Times agus duais SCDI airson an Gnothachas Eadar-nàiseanta as Fheàrr.

“Tha sinn air leth toilichte a bhith a’cumail seo, ar dàrna òraid Nollaig,” thuirt am Prionnsapal agus Iar-Sheansalair, Seumas Friseal. “Is e seo ar tachartas bliadhnail a bhios a’ comharrachadh soirbheachadh pearsanta agus gnothachais air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan. Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air Roy MacGriogair OBE, ceannard a sheall gum faodar companaidh air thoiseach a tha cudromach gu h-eadar-nàiseanta a chruthachadh anns a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan agus a ruith bhon sgìre.  Tha sinn airson gun tèid na daoine òga againn a bhrosnachadh a bhith a’ dèanamh rudeigin coltach ri seo do dh’Alba agus don sgìre seo.”

“Tha mi air leth toilichte agus ’s e urram mòr a th’ ann dhomh gun d’ fhuair mi cuireadh a bhith a’ bruidhinn aig an Òraid Nollaig aig UHI am-bliadhna” thuirt cathraiche an Global Energy Group, Roy MacGriogair OBE.  “Le bhith a’ roinn an eòlais agam tha mi an dòchas gum faod mi daoine òga a bhrosnachadh a bhith a’ creidsinn annta fhèin agus anns a’ chomas aca. Le taic bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, feumaidh sinn ginealach ùr de luchd-tionnsgain òg a dh’oileanachadh.”

Tòisichidh an oidhche le facal-toisich bhon cheannard gnothachais ionadail, David Sutherland, ceannard air Ness Castle Lodges, a bhios a’ dol mar sponsair air an tachartas le Tulloch Homes.    Bidh an sgrìobhaiche ionadail agus craoladair MFR, Nicky Marr, a’ dèanamh agallamh ri Mgr MacGriogair agus a’ stiùireadh nan ceistean agus freagairtean a thig às a dhèidh.

Mar phàirt den dàrna Òraid Nollaig aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean bidh ceòl bho oileanaich air cùrsa BA an oilthigh ann an ceòl gnìomhaichte.  Thèid an tachartas a chraoladh beò air www.invernesstv.net agus bidh cuirm le deochan agus biadh Nollaig às a dhèidh, a’ sealltainn thairis air na solais Nollaig air Abhainn Nis.

Airson barrachd fiosrachaidh mu shuidheachain, cuir fios chun sgioba thachartasan an Oilthigh air 01463 279344 no cuir post-d chun events@uhi.ac.uk

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Alison Lochhead
Manaidsear Conaltraidh is Dhàimhean Taobh a-muigh
Fòn 01463 279222
alison.lochhead@uhi.ac.uk