Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh a’ foillseachadh Plana Gàidhlig ùr airson co-chomhairleachadh poblach

Oilthigh a’ foillseachadh Plana Gàidhlig ùr airson co-chomhairleachadh poblach

Dimàirt 28 Faoilleach
Oilthigh a’ foillseachadh Plana Gàidhlig ùr airson co-chomhairleachadh poblach

Oileanach air a’ chùrsa Gàidhlig agus na meadhanan aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean

Dh’ fhoillsich Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a dhreachd Phlana Gàidhlig airson co-chomhairleachadh poblach.

Tha an sgrìobhainn a’ cur am follais mar a tha an t-oilthigh an dùil cumail air a’ brosnachadh agus a’ leasachadh cleachdadh na Gàidhlig tro a mhodhan-obrach, a chonaltradh agus a churraicealam.

Tha amasan a’ phlana a’ gabhail a-steach a bhith a’ cruthachadh barrachd ghoireasan dà-chànanach do dh’oileanaich agus alumni, a’ brosnachadh an luchd-obrach a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig mar phàirt den leasachadh phearsanta aca, a’ cumail barrachd thachartasan sa Ghàidhlig agus a’ cur ris an ìre de Ghàidhlig ann an stuthan margaidheachd agus air an eadar-lìon.

Is e a th’ anns an sgrìobhainn darna plana Gàidhlig an oilthigh. B’ e an t-oilthigh a’ chiad ionad àrd-fhoghlaim an Alba plana Gàidhlig fhoillseachadh ann an 2010. Thathas ag iarraidh air a’ mhòr-shluagh am plana a leughadh agus am beachdan air a thoirt seachad feadh ùine a’ cho-chomhairleachaidh, a mhaireas sia seachdainean.

Thuirt an t-Oll Crichton Lang, prionnsapal an gnìomh an oilthigh: “Is e nì deatamach a th’ anns a’ Ghàidhlig ann an saoghal cultarail, dualchas is fèin-aithne nàiseanta na h-Alba. Agus sinn an t-aon oilthigh a tha air a shuidheachadh air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, tha sinn gu math mothachail air na dleastanasan a tha oirnn mu chur ri inbhe na Gàidhlig agus a bhith ga cur air adhart tro na cothroman-ionnsachaidh a bhios sinn a’ toirt seachad.

Tha mi pròiseil às na rinn sinn gu ruige seo, agus sinn air an ìre a chithear agus a chluinnear a’ Ghàidhlig san t-seirbheis a bhios sinn a’ toirt seachad do dh’oileanaich, do luchd-obrach agus don phoball a leudachadh, agus aig an aon àm a’ solar chothroman airson ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig agus a’ Ghàidhlig fhèin ionnsachadh nas fharsainge.

“Tha sinn an dòchas gun tog am plana ùr againn air na choilion sinn agus gun seall e dealas leantainneach an oilthigh airson leasachadh agus adhartachadh na Gàidhlig.

“Tha co-chomhairleachadh na phàirt chudromach den phroiseas agus bhrosnaichinn duine sam bith aig a bheil ùidh sa phlana na beachdan aca a thoirt seachad.”

Thèid an co-chomhairleachadh poblach air darna plana Gàidhlig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chumail eadar Diluain 3 Gearran agus Didòmhnaich 16 Màrt.