Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr an dreuchd

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ cur Prionnsapal agus Iar-Sheansalair ùr an dreuchd

Dimàirt 4 Gearran

Chuir Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland an dreuchd mar Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair.

Tha an t-Àrd-Ollamh Mulholland an-dràsta na Leas-Iar-Sheansalair (Rannsachadh & Fiosrachadh Oileanach) aig Oilthigh na Cuimrigh a Deas, dreuchd a th’ air a bhith aige bho 2007.

Agus e na neach-saidheans bith-meidigeach, aig a bheil sàr-eòlas air bith-cheimiceachd chlionaigeach agus ionnsachadh air-loidhne, dh’obraich an t-Àrd-Ollamh Mulholland anns an t-seirbheis chatharra shaidheansail agus anns an NHS cho math ri roinn nan oilthigh. Bha an t-Àrd-Ollamh Mulholland na Stiùiriche Foghlam Fad Beatha aig Oilthigh Ulaidh mus do thoisich e aig Oilthigh Glamorgan a bh’ ann ann an 2007. ’S ann à Bangor, Èirinn a Tuath a tha e.

Tha e na Chaidreabhach ann an Comann nan Saidheansan Bith-meidigeach, na Àrd-chaidreabhach ann an Acadamaidh an Àrd-fhoghlaim, na Chaidreabhach ann an Comann Rìoghail an Eòlais-leighis agus na Neach-saidheans Cùmhnantaichte. Ron seo bha dreuchdan aige aig Oilthigh na Banrigh ann am Beul Feirste, Oilthigh na Cuimrigh ann an Swansea agus Roinn an Àiteachais Èireann a Tuath.

Thuirt Garry Coutts, Reachdair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus Cathraiche a’ phannail taghaidh: “Tha mi air leth toilichte gun do ghabh an t-Àrd-Ollamh Mulholland ri dreuchd a’ Phrionnsapail agus Iar-Sheansalair agus tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ris. Is e àm brosnachail agus fìor chudromach a th’ ann an seo don oilthigh. Tha e cudromach gum bi teisteanasan acadaimigeach air leth aig a’ Phrionnsapal ùr againn, cho math ri eòlas mòr air stiùireadh bhuidhnean iomadh-fhillte, gu sònraichte a thaobh càileachd agus na dh’fhiosraicheas oileanaich a leasachadh.

“Gu dearbh tha an t-Àrd-Ollamh Mulholland a’ coinneachadh ris na slatan-tomhais seo agus tha mi cinnteach gun nochd e ceannardas, an dà chuid a thaobh stiùireadh na buidhne fhèin agus cuideachd gu h-acadaimigeach agus gum bi e na thosgaire air leth airson an oilthigh anns an sgìre seo, ann am foghlam adhartach is àrd-ire agus air feadh an t-saoghal.”

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mulholland: “Tha mi ro thoilichte a bhith a’ tighinn don oilthigh aig àm bhrosnachail na leasachadh. Mar ionad treas ìre, is urrainn do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ga stèidheachadh fhèin mar mhodal de dh’oilthigh sgapte an 21a linn, a’ cur gu mòr ri luach na sgìre, agus a chliù eadar-nàiseanta a thaobh rannsachadh agus sgoilearachd adhartachadh.”

Tòisichidh an t-Àrd-Ollamh Mulholland na dhreuchd air 1 Ògmhios 2014. Tha e a’ tighinn an àite Sheumais Fhriseil, a leig dheth a dhreuchd aig deireadh na Dùbhlachd 2013.