Home na meadhanan naidheachdan Cathraiche Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air a chur ann an dreuchd Eòrpach

Cathraiche Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air a chur ann an dreuchd Eòrpach

Diluain 4 Samhain 2013

Tha an duine a tha a’ tighinn gu ceann na rèise aige mar chathraiche Chùirt Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair CBE, an dèidh bhith air a chur an dreuchd mar bhall neo-eisimeileach na Rìoghachd Aonaichte air Comataidh Shàr-eòlaichean Chairt Eòrpach nam Mion-chànanan (Comex). Chaidh an cur-an-dreuchd fhoillseachadh le Comataidh Mhinistearan Chomhairle na Roinn Eòrpa. Is e seo a’ chiad uair a chaidh Albannach agus Gaidheal a chur an dreuchd air Comex, comataidh a sgrùdas mar a thèid mion-chànanan a dhìon is adhartachadh air feadh na Roinn Eòrpa.

Rugadh is thogadh an t-Àrd-Ollamh MacÌomhair, aig a bheil a’ Ghàidhlig o dhùthchas, ann an Leòdhas, agus fhuair e a chuid foghlaim an Sgoil MhicNeacail an Steòrnabhagh agus ann an Oilthigh Dhùn Èideann. Bha sàr rèis-obrach aige ann am foghlam an Albainn, mar reachdair Acadamaidh na Cananaich, reachdair Àrd-sgoil Rìoghail Dhùn Èideann agus àrd-oifigear gnìomha Chomhairle Choitcheann Teagaisg na h-Alba. Thar nam bliadhnachan bha e an sàs gu mòr ann an leasachadh na Gàidhlig. Bha e na chathraiche air Comhairle nan Sgoiltean Àraich, Comataidh Craoladh na Gàidhlig, Bòrd na Gàidhlig agus a’ Bhuidhinn Obrach Nàiseanta air ganntachd luchd-teagaisg sa Ghàidhlig.

“Tha mi a’ dèanamh fiughair gu mòr ris an dùbhlan a bhios san dreuchd ùr seo,” thuirt an t-Àrd-Ollamh MacÌomhair. “Tha mi ga fhaicinn na shochair mhòr. Tha mi uaibhreach a bhith air a’ chiad Albannach a chaidh a chur an dreuchd air Comex. Cha tig leasachadh air mion-chànanan is iad sgaraichte o chèile; feumaidh iad ionnsachadh o chèile. Ann an saoghal anns a bheil barrachd is barrachd de dhomhanachadh, tha co-oibreachadh uile-chudromach ma tha na cànanan seo is na cultaran a tha nan lùib ri bhith beò. Le comataidh mar a tha Comex is urrainn dhuinn a bhith a’ sgrùdadh na tha a’ tachairt le mion-chànanan eile agus a bhith ag ionnsachadh o na dh’fhiosraich iadsan.

“Tha mi an dòchas cuideachd, is mi fhèin air mo chur san dreuchd seo, gun tèid guth na Gàidhlig a chluinntinn air feadh na Roinn Eòrpa. Dìreach mar a tha mi an dòchas gun tèid againne air a bhith ag ionnsachadh o chàch, chan eil teagamh sam bith agam nach eil mòran ri a ionnsachadh o na dh’fhiosraich sinn fhèin ann an Albainn.”

Chan eil tuarastal an lùib nan dreuchdan seo, agus thèid iarraidh air gach sàr-eòlaiche a bhith na neach-aithris do dhùthaich fa leth, agus e/i an ceann a bhith a’ cur na h-aithisg mheasaidh ri chèile a thèid gabhail rithe le Comataidh nan Sàr-eòlaichean. Tòisichidh an t-Àrd-Ollamh MacÌomhair san dreuchd gun dàil.