Home na meadhanan naidheachdan Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna

Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh na bliadhna

18 Ògmhios 2013

Dh’innis Seumas M Friseal, Prionnsapal agus Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean do Chùirt an Oilthigh (buidheann riaghlaidh an oilthigh), an-diugh (Dimàirt 18 Ògmhios 2013) gu bheil e an dùil a dhreuchd a leigeil dheth aig deireadh 2013.

Thòisich Mgr Friseal aig Institiud OGE nam Mìle Bliadhna, mar a bh’ air aig an àm, mar Rùnaire anns an t-Sultain 2002.  Chaidh a chur an dreuchd mar Leas-Phrionnsapal ann an 2007. Ann an 2009 thàinig Mgr Friseal an àite an t-Àrd-Ollamh Raibeart MacCarmaig mar Phrionnsapal, agus tha e air a bhith na Phrionnsapal agus Iar-Sheansalair bho Gearran 2011, o bhuileachadh tiotal oilthigh.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mata MacÌomhair CBE, Cathraiche Chùirt an Oilthigh: “As leth na Cùirt bu toigh leam taing a thoirt do Sheumas Friseal airson a dhealas mòr ri leasachadh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bha Seumas mar mheadhan air a bhith a’ coisinn cumhachdan buileachaidh cheuman ann an 2008 agus chuir a spionnadh, dìcheall agus aire do mhion-phuingean gu mòr ri bhith a’ coisinn tiotal oilthigh ann an 2011. Bhon uairsin chùm e air a’ stiùireadh an oilthigh tron àite atharrachail aige anns an dà chuid àrd-fhoghlaim agus foghlam adhartach anns an sgìre.

“Tron eòlas agus ceannas aige, chuir Seumas gu mòr ri soirbheas an oilthigh mar phàirt deatamach de bhun-structair shòisealta, chultarach agus eaconamach na Gàidhealtachd agus nan Eilean.”

Chuir Cùirt an Oilthigh comataidh rannsachaidh air dòigh aig am bi ceannardas air a’ phròiseas gus prionnsapal ùr a chur an dreuchd.