Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh cathraiche Bòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh cathraiche Bòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh thagraidhean airson cathraiche Bòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich.

Tha an t-Achd Foghlaim an dèidh 16 Bliadhna a’ dèanamh Cùirt Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cunntachail airson foghlam colaisteach agus foghlam aig ìre oilthigh uile air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, tro Bhòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich.  Mar sin, nas fhaide air adhart air a’ bhliadhna seo, anns an Lùnastal 2014 tha e coltach, bidh an t-oilthigh cunntachail airson foghlam uile anns an sgìre an dèidh do dh’oileanaich an sgoil fhàgail.

Bidh dreuchd cathraiche Bòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich deatamach a thaobh a bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi na colaistean foghlam adhartach uile san sgìre, a tha a’ dèanamh suas com-pàirteachas an oilthigh, ag obair còmhla a choinneachadh ri feumalachdan nan coimhearsnachdan aca cho math ri feumalachdan na sgìre nas fharsainge. Bidh cathraiche Bòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich cuideachd na bhall de Chùirt an Oilthigh.

Thuirt Fiona Larg, prìomh oifigear gnìomhachaidh agus rùnaire Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Dearbhaichidh am Bòrd slighe ro-innleachdail agus amasan an t-solarachaidh fhoghlaim adhartaich uile air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

“Agus tòisichidh an cathraiche ùr aig àm inntinneach agus cudromach ann an leasachadh an oilthigh mar sholaraiche foghlaim amalaichte, a’ tabhann leantainneachd foghlaim do dh’oileanaich bho bhith a’ fàgail na sgoile gu foghlam ceum agus nas fhaide.”

“Feumaidh cathraiche a’ Bhùird Sgìreil airson Fhoghlaim Adhartaich stiùireadh a thoirt do na 21 buill eile air a’ Bhòrd, aig am bi ceannas air co-chur maoineachadh airson foghlam adhartach air feadh sgìre ar com-pàirteachais. Feumaidh eòlas a bhith aig tagraichean air foghlam, gnothachas no beatha phoblach agus cuideachd air buidhnean iom-fhillte a stiùireadh agus atharrachadh a dh’iomain.   Tha tuigse air nàdar shònraichte na Gàidhealtachd agus nan Eilean deatamach, cho math ris a’ chomas a bhith a’ togail dhàimhean obrach làidir.”

Is e dreuchd phàighte a th’ ann. Thathas an dùil gum bi aig a’ chathraiche ri dà latha san t-seachdain a chur seachad air an obair airson a’ chiad bhliadhna agus latha gu latha gu leth an dèidh sin. Faodaidh gum bi aig a’ chathraiche ri dèiligeadh ri cùisean an oilthigh gun mòran rabhadh bho àm gu àm.

Cho math ri seo, tha an t-oilthigh ag iarraidh dithis bhall ùr aig a bheil eòlas air gnothachas no ionmhas a bhith nam buill neo-eisimeileach air Bòrd Sgìreil an Fhoghlaim Adhartaich.

Tha barrachd fiosrachaidh agus foirm iarrtas rim faotainn aig www.uhi.ac.uk/feregionalboard no le bhith a’ fònadh Fiona Larg, rùnaire an oilthigh, air (01463 279211. Bu chòir do thagraichean iarrtas coilionta a chur gu fiona.larg@uhi.ac.uk. Is e Diardaoin 3 Giblean 2014 an ceann-ama airson iarrtasan.