Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ sireadh bhuill ùra don bhuidhinn riaghlaidh aige

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ sireadh bhuill ùra don bhuidhinn riaghlaidh aige

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ sireadh bhuill ùra don bhuidhinn riaghlaidh aige

Cùirt an Oilthigh a’ caismeachd às dèidh deas-ghnath a’ comharrachadh tiotal oilthigh ann an 2011.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ag iarraidh thagraidhean airson cathraiche ùr agus buill don bhuidhinn riaghlaidh aige, sin Cùirt an Oilthigh.

Is ann air Cùirt an Oilthigh a tha an t-uallach airson stiùireadh ro-innleachdail an oilthigh agus feumaidh e dèanamh cinnteach gum bi an stèidheachd air a deagh riaghladh agus gum bi i fallain a thaobh ionmhais, cho math ri bhith a’ rianachd chunnartan.

Thathas a’ cumadh Cùirt an Oilthigh as ùr às dèidh ath-bhreithneachadh air modh-riaghlaidh agus stiùireadh an oilthigh agus a dh’aithneachadh gu bheil nàdar na stèidheachd ag atharrachadh. A rèir an reachdais a tha air a mholadh le Riaghaltas na h-Alba air foghlam às dèidh 16, bidh uallach air an oilthigh, aig a’ cheann thall, airson foghlam adhartach cho math ri solarachadh àrd-fhoghlaim san sgìre obrach aige.

Is e an t-amas leis an uallach a bharrachd a tha seo airson foghlam adhartach (trèanadh ann an sgilean agus ceàirdean agus teisteanasan neo-adhartach) dòigh ùr-ghnàthach, aonaichte a chruthachadh a bhith a’ dol an grèim ri foghlam iar-sgoil anns a’ Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan, Moireibh agus Siorrachd Pheairt.

Thuirt Fiona Larg, Prìomh Oifigear Gnìomhachaidh agus Rùnaire Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean: “Tha an t-oilthigh gus tòiseachadh air ceum ùr, brosnachail na adhartas. Thig dùbhlain an lùib a bhith ag aonachadh foghlam adhartach agus àrd-fhoghlam na sgìre, ach thig iomadh cothrom cuideachd.  

Cuidichidh an structar ùr le leasachadh solarachadh ionnsachadh iar-sgoil anns an sgìre, airson luchd-ionnsachaidh làn-ùine agus pàirt-ùine an dà chuid. Bheir e barrachd shlighean air adhart cho math ri slighean air adhart nas soilleire tro theisteanasan aig a h-uile h-ìre, le inntrigeadh tro na colaistean foghlam adhartach agus àrd-fhoghlaim agus na h-ionadan speisealta a tha a’ dèanamh suas com-pàirteachas an oilthigh.

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air thoiseach a thaobh foghlam iar-sgoil aonaichte,” thuirt a’ Bh-Uas Larg. “Tha sinn air ar n-aithneachadh fad ’s farsaing airson ar n-ùr-ghnàthachadh a thaobh mar a lìbhrigeas sinn àrd-fhoghlam anns an sgìre againn fhèin agus nas fhaide às. Thathas a’ leudachadh an ùr-ghnàthachaidh sin a ghabhail a-steach a h-uile foghlam iar-sgoil - a’ cruthachadh modal agus modh-obrach a chumas orra a’ tarraing aire roinn an fhoghlaim adhartaich agus an àrd-fhoghlaim thall thairis, agus iadsan a’ strì ris an eisimpleir againn a leantainn.

“’S ann air an adhbhar seo a tha feum againn air buill den inbhe as àirde an Cùirt an Oilthigh agus iad dealasach airson na slighe bhrosnachail air an do thòisich sinn.”

Tha cathraiche agus buill Chùirt an Oithigh nan dreuchdan saor-thoileach agus gun tuarastal nan lùib, ach thèid cosgaisean deatamach a phàigheadh air ais (mar eisimpleir cosgaisean siubhail agus àitean-fuirich).

Thathas ag iarraidh thagraidhean bho dhaoine a tha a’ tighinn bho fharsaingeachd de chùl-raointean agus farsaingeachd de dh’eòlas aca, a’ gabhail a-steach ann am foghlam adhartach agus/no àrd-fhoghlam. Am measg nan seataichean sgilean agus an eòlais eile a bhiodh luachmhor tha riaghladh corporra, rianachd chunnartan, ionmhas, stiùireadh fearainn-thogalaich agus an lagh.

Cho math ri buill o thaobh a-muigh an oilthigh, bidh Cùirt an Oilthigh air a dèanamh suas de luchd-obrach agus oileanaich às an oilthigh fhèin cho math ri luchd-ùidhe às an sgìre. Bu chòir do thagraichean airson dreuchd a’ chathraiche, gu sònraichte, deagh thuigse a bhith aca air prionnsabalan deagh riaghladh ann an roinn phoblaich na h-Alba.

Bidh e comasach a’ mhòr-chuid de na coinneamhan a fhrithealadh tro cho-labhairt bhideo; mar sin cha bu chòir do dhuine sam bith a bhith a’ smaointeachadh nach urrainn dha/dhi tagradh a dhèanamh air tàilleabh an àite anns a bheil e/i suidhichte.

Tha barrachd fiosrachadh ri fhaotainn aig www.uhi.ac.uk/court2013 no le bhith a’ fònadh Fiona Larg (01463) 279211.

Filed under: