Home na meadhanan naidheachdan Dàrna prionnsapal agus iar-sheansalair air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ tòiseachadh na dhreuchd

Dàrna prionnsapal agus iar-sheansalair air Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ tòiseachadh na dhreuchd

Dàrna prionnsapal agus iar-sheansalair air Oilthigh na  Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ tòiseachadh na dhreuchd

An t-Àrd-Ollamh Mulholland

Thòisich an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland na dhreuchd mar dàrna prionnsapal agus iar-sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tha an t-Àrd-Ollamh Mulholland a’ tighinn don oilthigh bho Oilthigh na Cuimrigh a Deas, far an robh e na leas-iar-sheansalair (rannsachadh & beatha nan oileanach).

Agus e na neach-saidheans bith-mheidigeach, aig a bheil sàr-eòlas air bith-cheimiceachd chlionaigeach agus ionnsachadh air-loidhne, dh’obraich an t-Àrd-Ollamh Mulholland anns an t-seirbheis chatharra shaidheansail agus anns an NHS cho math ri roinn nan oilthighean.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Mulholland: “Tha mi ro thoilichte a bhith a’ tighinn do dh’Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig àm bhrosnachail na leasachadh.  Tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith a’ stiùireadh an oilthigh mar stèidheachd adhartach ùr-ghnàthach a bhios daingeann na rùn agus suidhichte gu diongmhalta air a’ chùrsa a tha roimhe. Tha mi airson comas air feadh na sgìre a leudachadh agus a leasachadh, sàr bheatha-oilthigh a thoirt do na h-oileanaich againn agus taic do a thoirt dh’fheumalachdan cultarach agus eaconamach na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

“An t-eòlas a th' agam air àrd-fhoghlam agus foghlam adhartach, ionnsachadh le taic bho theicneòlas, rannsachadh agus feabhas a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich, tha mi an dòchas gun tèid agam air a thoirt leam gus taic a thoirt do dh’amasan ro-innleachdail a' chom-pàirteachais shònraichte againn, a bhios a’ lìbhrigeadh na dà chuid foghlam aig ìre oilthigh agus ìre colaiste.

“Tha mi a’ dèanamh fiughar ri bhith ag obair leis na com-pàirtichean againn feuch an cruthaich sinn eisimpleir air leth de stèidheachd a tha suidhichte air diofar làraichean do luchd-ionnsachaidh an 21a linn air feadh ar sgìre agus nas fhaide às.

Bidh oilthighean a’ cur gu mòr ri eaconamaidhean nan sgìrean aca, ach chan e sin a-mhàin a bhios iad a’ dèanamh dhaibh. Bidh iad cuideachd a’ toirt buaidh air cultar, slàinte agus sunnd sòisealta nan coimhearsnachdan aca. Tha mi a’ creidsinn gu bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann am fìor dheagh shuidheachadh a bhith a’ cur ri seo - chan ann a-mhàin anns an sgìre fhèin ach cuideachd aig an ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta.”

Tha an t-Àrd-Ollamh Mulholland na Chaidreabhach de dh’Institiud nan Saidheansan Bith-mheidigeach, na Àrd-chaidreabhach de dh’Acadamaidh an Àrd-fhoghlaim, na Chaidreabhach de Chomann Rìoghail an Eòlais-leighis, na Chaidreabhach de Chomann Rìoghail nan Ealain agus na Neach-saidheans Cùmhnantaichte. Tha dreuchdan air a bhith aige aig Oilthigh Ulaidh, Oilthigh na Banrìgh ann am Beul Feirste, Oilthigh Swansea, an NHS agus Roinn an Àiteachais ann an Èirinn a Tuath.

’S ann à Bangor, Èirinn a Tuath a tha e.

Tha an t-Àrd-Ollamh Mulholland a’ tighinn an àite Sheumais Fhriseil, a leig dheth a dhreuchd aig deireadh na Dùbhlachd 2013.