Home na meadhanan naidheachdan Tagraidhean às gach ceàrn airson dreuchd a’ phrionnsapail

Tagraidhean às gach ceàrn airson dreuchd a’ phrionnsapail

Diardaoin 19 Dùbhlachd

Fhuair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean cha mhòr 80 iarrtasan airson dreuchd a’ phionnsapail agus iar-sheansalair, agus còrr is an treas cuid dhiubh bho thagraichean eadar-nàiseanta.

“Tha sinn air leth toilichte leis an àireimh de thagraidhean a fhuair sinn,” thuirt Fiona Larg, prìomh oifigear gnìomhachaidh agus rùnaire. “Tha dà fhichead sa cheud de na h-iarrtasan againn bho thagraichean eadar-nàiseanta, le 35 sa cheud bho luchd-obrach aig oilthighean eile san RA agus tha an 25 sa cheud eile bho tagraichean aig a bheil eòlas susbainteach air stiùireadh taobh a-staigh buidhnean iomadh-fhillte anns na roinnean poblach agus prìobhaideach.”

Nithear agallamhan le tagraichean air an liosta fhada tràth san Fhaoilleach, le agallamhan leis na tagraichean air an liosta ghoirid nas fhàide air adhart air a’ mhìos sin. Thathas an dùil gun tèid cur-an-dreuchd fhoillseachadh tràth sa Ghearran 2014.

“Tha sinn ag iarraidh tagraiche air leth gus ar stiùireadh ann an aon de na leasachaidhean as inntinniche agus as dùbhlanaiche ann am foghlam an dèidh 16 anns na beagan deicheadan a chaidh seachad. “Agus tha sinn a-nis anns an t-suidheachadh fhòrtanach ’s nach urrainn dhuinn a h-uile tagradh de dh’àrd-inbhe a fhuair sinn a thoirt air adhart.”

Le cha mhòr 7,500 oileanach fo-cheum clàraichte gu dìreach leis an oilthigh agus 33,000 oileanach foghlam adhartaich air feadh a chom-pàirteachas, tha an t-oilthigh aig àm cudromach na eachdraidh, le cothrom cuir ri ùr-ghnàthachadh ann am foghlam an dèidh 16 ann an Alba agus nas fhaide às.

Thig am prionnsapal agus iar-phrionnsapal ùr an àite Seumas Friseal, a stiùir an t-oilthigh ri tiotal oilthigh o chionn dà bhliadhna agus a bhios a’ leigeil dheth a dhreuchd an ath-sheachdain.