Home na meadhanan naidheachdan Luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh a’ dol air an àrd-ùrlar aig Celtic Connections

Luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh a’ dol air an àrd-ùrlar aig Celtic Connections

03 Faoilleach 2013
Luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh a’ dol air an àrd-ùrlar aig Celtic Connections

Na h-oileanaich Euan Smillie agus Murray Willis on oilthigh a’ cluich aig Celtic Connections 2012

Bidh luchd-obrach agus oileanaich on Oilthigh as ùire an Albainn a’ dol air an àrd-ùrlar aig an fhèis chultarach gheamhraidh as ainmeil an Albainn sa Bhliadhna Ùir, is e sin Celtic Connections. Le measgachadh de cheòl, cànan, eachdraidh agus arc-eòlas, taisbeanaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean na h-oileanaich agus na sgoilearan aige do luchd-èisteachd a bhios cruinn ann an Glaschu às gach ceàrn den t-saoghal, agus e uaibhreach a bhith na chom-pàirtiche foghlaim sa ghnothach.

“Tha sin gu math togarrach mun phàirt a tha sinn a’ gabhail sa phrògram am-bliadhna,” thuirt Seumas Friseal, am Prionnsapal agus Iar-Sheansalair. “Tha an com-pàirteachas a’ dèanamh mòran cèille leis gu bheil iomadh gin de na cùrsaichean is na toraidhean rannsachaidh againn stèidhichte air traidiseanan, cultar agus dualchas na Gàidhealtachd is nan Eilean.

“Tha sinn anabarrach toilichte pàirt nas motha a bhith againn am-bliadhna an àm do Shabhal Mòr Ostaig UHI a bhith a’ comharrachadh 40 bliadhna on thòisich e. Tha cha mhòr dà bhliadhna on thàinig sinn gu bhith nar n-oilthigh, agus tha sinn an dòchas le com-pàirtichean acadaimigeach aig a bheil inbhe is cliù cho àrd ’s a th’ aig Sabhal Mòr Ostaig UHI, gun tèid againn air daoine anns am bi adhbhar oileanaich a thàladh às gach ceàrn de dh’Albainn agus nas fhaide às, a bhith ag ionnsachadh nan cuspairean speisealaichte againn mar a tha eachdraidh is arc-eòlas, Gàidhlig is ceòl air àrainnean air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”

Tòisichidh prògram an Oilthigh de chaochladh ciùil agus òraidean is deasbadan gun phàigheadh Disathairne 19 Faoilleach nuair a bhios oileanaich a’ taisbeanadh pròiseact co-phàirteach togarrach eadar Tobar an Dualchais – a chaidh a stèidheachadh airson na mìltean de dh’uairean an uaireadair de chlàraidhean sa Ghàidhlig agus sa Bheurla Ghallda a ghleidheil, an cur ann an cruth digideach, catalog a dhèanamh dhiubh agus an tairgsinn do dhaoine air an eadar-lìon - agus an t-Oilthigh, a chruthachadh sreath ùr de phìosan ciùil airson dualchas òrain is ceòl na h-Alba a chliùthachadh. Sa chuirm-chiùil seo, fo stiùireadh Julie Fowlis, a chaidh ainmeachadh airson Oscar airson an òrain aice Touch the Sky on fhilm Brave le Disney-Pixar, agus an neach-oideachaidh Anna-Wendy Stevenson, bidh co-obrachadh eadar oileanaich a tha ag obair le diofar sheòrsaichean de cheòl air a’ chùrsa ùr-ghnàthach airson BA (le urram) ann an Ceòl Gnìomhaichte, agus a tha air an suidheachadh air feadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Tòisichidh sreath de thrì òraidean gun phàigheadh agus deasbad beothail air tùsan ar cànain Diciadain 23 Faoilleach aig a’ BhBC ann an Glaschu far am bi Mairead Màiri Mhoireach, Ceannard seirbheis BBC Alba, a’ bruidhinn air a’ Ghàidhlig anns na meadhanan. Bidh an t-Oll Iain MacAonghais o Ionad Eachdraidh an Oilthigh a’ toirt seachad na h-òraid aige air mar a rachadh reubaltaich, brathadairean agus nàimhdean politigeach a pheanasachadh leis na rìghrean sna linntean meadhanach an Albainn Diardaoin 24 Faoilleach; agus Diardaoin 31 Faoilleach, cluinnidh luchd-èisteachd Julie Gibson o Roinn Arc-eòlais an Oilthigh a’ toirt seachad "An làn ag èirigh: Atharrachadh na gnàth-shìde agus mar a tha dualchas na h-oirthire againn a’ dol air chall", le ceòl air a dhèanamh le oileanaich on chùrsa BA ann an Ceòl Gnìomhaichte. A’ gabhail Arcaibh mar eisimpleir, far a bheil an treas cuid de na làraichean aithnichte ann an cunnart, siùbhlaidh òraid Julie bho eilean gu eilean, a’ coimhead air na chaidh a chall, agus a’ taisbeanadh cuid de na ghabhadh dèanamh a thaobh airgead a chur an seilbh. Tha na h-òraidean seo air fad GUN PHÀIGHEADH ach tha feum air tiocaidean o www.celticconnections.com

Cuideachd, Diciadain 30 Faoilleach, bidh cothrom air iomlaid bheachdan le sàr-eòlaich cliùiteach an raon chànanan na h-Alba, nuair a bhios an t-Oll Donna Heddle, Stiùiriche Ionad an Oilthigh airson Rannsachadh Lochlannach, agus an t-Àrd-ollamh Rob Dunbar, Stiùiriche Shoillse, leis an Oll Cairistìona Robasdan, Stiùiriche nam Faclairean Albais agus J Derrick MacLiuthar, Àrd Òraidiche Urramach aig Oilthigh Obar Dheathain nan aoighean, a’ deasbad thùsan chànanan dùthchasach na h-Alba.

Tha fiosrachadh mu thachartasan Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean air an làraich-lìn againn. Airson tuillidh fiosrachaidh mu Shabhal Mòr Ostaig aig 40 aig Celtic Connections agus an còrr de 2013 theirig chun www.smo.uhi.ac.uk . Tha tiocaidean airson nan tachartasan air fad ri am faotainn aig www.celticconnections.com

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Alison Lochhead
Manaidsear Conaltraidh is Dhàimhean Taobh a-muigh
Fòn: 01463 279222
Post-d: alison.lochhead@uhi.ac.uk