Home na meadhanan naidheachdan Luchd-obrach an oilthigh air am brosnachadh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig le inneal ùr

Luchd-obrach an oilthigh air am brosnachadh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig le inneal ùr

25 Dàmhair 2012
Luchd-obrach an oilthigh air am brosnachadh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig le inneal ùr

Tha Marjory NicIain agus Brian Boag, a bhios ag obair aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am measg an luchd-obrach a bhios a’ cleachdadh an inneil ùir gus an cuideachadh a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.

Thathas a’ brosnachadh luchd-obrach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ Ghàidhlig ionnsachadh le inneal air-loidhne ùr.  Agus e air a chur air bhog an-diugh, bidh an goireas eadar-obrachail ri fhaotainn do luchd-obrach air feadh a’ chom-pàirteachais, a tha air an suidheachadh sa h-ùile àite bho Shealtainn gu Dùn Omhainn agus bho Leòdhas gu Moireibh. Tha e a’ gabhail a-steach fhaidhlichean claistinneach, dealbhan beò, geamaichean agus liostaichean de dh’fhaclan gus an luchd-obrach a chuideachadh a bhith a’ leughadh, a’ sgrìobhadh agus a’ bruidhinn a’ chànain.

Fhuair an t-oilthigh, a bhios a’ tabhann chùrsaichean Gàidhlig tro Shabhal Mòr Ostaig UHI san Eilean Sgitheanach, agus Colaisde a’ Chaisteil air Eilean Leòdhais, maoineachadh o mhaoin buileachaidh achd na Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig gus an goireas a chruthachadh. Chaidh a dhèanamh an uairsin le Cànan, companaidh a th’ air a suidheachadh san Eilean Sgitheanach. Tha Dualchas Nàdair na h-Alba, Coimisean na Coilltearachd agus CalMac am measg nam buidhnean a dh’obraich le Cànan gus na h-innealan sònraichte aca fhèin a chruthachadh.

Thathas mar-thà a’ brosnachadh luchd-obrach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig mar phàirt de na planaichean leasachaidh dhreuchdail aca agus tha cothrom aig an fheadhainn a tha air an suidheachadh ann an Inbhir Nis pàirt a ghabhail ann an clas còmhraidh seachdaineach. B’ e an t-oilthigh a’ chiad bhuidheann àrd-fhoghlaim an Alba a chruthaich agus a ghnìomhaich Plana Gàidhlig, rud a tha mar riatanas aig Riaghaltas na h-Alba air a h-uile buidhinn san roinn phoblaich.

Thuirt Alasdair Allan, am ministear airson ionnsachadh, saidheans agus chànanan na h-Alba: “Tha mi toilichte gu bheil UHI a’ tighinn còmhla ri buidhnean eile air feadh Alba ann a bhith a’ toirt cothrom don luchd-obrach aige beagan eòlais a chur air a’ Ghàidhlig. Tha e cudromach gum bi e comasach do bhuidhnean a dh’eadar-obrachadh leis na coimhearsnachdan Gàidhlig air am bi iad a’ frithealadh agus leigidh seo le UHI seo a dhèanamh agus àm ri teachd beòthail a dheanamh cinnteach airson a’ chànain.”

Thuirt Brian Boag, stiùiriche an lìonra chuspairean airson nan ealain agus nan saidheansan sòisealta aig an oilthigh, a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig e fhèin: “Thòisich mi a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig o chionn ghoirid agus ’s e rud gu math cuideachail, ruigsinneach agus spòrsail a th’ anns an inneal - co-dhiù tha e a’ glacadh m’ aire-se.”

Thuirt Iain Aonghas MacAoidh, ceannard Bhòrd na Gàidhlig: “Tha àite cudromach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann a bhith a’ brosnachadh ionnsachadh agus cleachdadh na Gàidhlig o latha gu latha. Ann an ionnsachadh cànain tha feum air farsaingeachd de ghoireasan agus tha e gu math brosnachail an t-inneal seo a bhith ga chur air bhonn. Bu chòir meal-an-naidheachd a chur air UHI airson an tionnsgnaidh seo a chuireas ri goireasan a th’ aca mar-thà agus tha sinn an dòchas gun cleachd an luchd-obrach air feadh an lìonra iad gus an neartaich iad ionnsachadh na Gàidhlig.”

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski
Oifigear conaltraidh
f: 01463 279222
p: susan.szymborski@uhi.ac.uk