Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh a’ cur àrainn air bhonn aig Fèis Bhealadruim

Oilthigh a’ cur àrainn air bhonn aig Fèis Bhealadruim

Dimàirt 23 Iuchar 2013

Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ga thaisbeanadh fhèin aig Fèis Tartan Heart Bhealadruim a-rithist am-bliadhna agus e am measg nam prìomh sponsairean. Gheibh muinntir na fèise cothrom barrachd fhaighinn a-mach mun oilthigh ionadail aca anns an trèilear aige anns an Lios Bhallach no a dhol an sàs anns na gnìomhachdan a chuir oileanaich agus luchd-obrach air dòigh air feadh làrach na fèise.

Aig trèilear an oilthigh, faodaidh an dà chuid inbhich agus clann rudan cruthachail a dhèanamh le bhith a’ cuideachadh gus pìos ealain fiùghantach a chruthachadh a’ cleachdadh lùth-gluasaid, lùth-suathaidh agus bacadh. Le cuideachadh bhon neach-ealain Adrian Eaton, thèid pìos ealain a chruthachadh le carbadan mòra, caraichean le smachd-iomaill agus peant.

Bidh Ruairidh Greumach, drumair sa chòmhlan Niteworks, cuideachd stèidhte aig an trèilear far am bi e a’ ruith bhùthan-obrach saor an asgaidh ann am buille-cheòl làimhe sa Bheurla agus sa Ghàidhlig. Bidh eòlaichean-inntinn an làthair cuideachd, le cleas no dhà gus sealltainn mar a tha drugaichean agus alcol a’ toirt buaidh air gluasadan agus sunnd dhaoine.

Faodaidh luchd na fèise tighinn do thrèilear an oilthigh agus barrachd fhaighinn a-mach mu chùrsaichean Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a’ gabhail a-steach na feadhna aig a bheil fhathast àitichean airson tòiseachadh san t-Sultain 2013.

Chan ann anns an Lios Bhallach a-mhàin a bhios an t-oilthigh, ge-tà - bidh tòrr thachartasan agus gnìomhachdan a’ dol air feadh làrach Bhealadruim.

Bidh còmhlain anns a bheil oileanaich agus ceumnaichean bho cheum an oilthigh ann an ceòl ghnìomhaichte a’ fosgladh an Seedlings Stage gach latha. Cluichidh Taghta, còmhlan traidiseanta a choinnich nuair a bha an luchd-ciùil ag ionnsachadh ann am Beinn na Faoghla, aig 12.15f Dihaoine agus bidh FaR, còmhlan anns a bheil còignear luchd-ciùil le buaidhean func, roc, reggae agus soul, air an àrd-ùrlar bho 12.15f Disathairne.

Tha stiùiriche a’ phrògraim slàinte agus eòlas-inntinn aig an oilthigh, Wendy Maltinsky, a’ toirt cothrom dhuinn eòlas a chur air ‘mar a bhios eanchainnean dheugairean ag obrachadh’ Disathairne. Bu chòir do muinntir na fèise dèanamh air an Verb Garden eadar 4.30pm agus 5.30pm airson na h-òraid neo-fhoirmeil seo.

Bidh sinn cuideachd a’ tabhann cothrom ulaidh a lorg. Às dèidh dhaibh duilleag fhreagairtean bhàn a thogail bho thrèilear an oilthigh anns an Lios Bhallach, thathas a’ brosnachadh clann a bhith ga lìonadh leis na faclan Gàidhlig a tha air am falach air feadh làrach na fèise. Gheibh clann a gheibh a h-uile facal duais!

Faodaidh daoine sùil a chumail a-mach airson ‘buidsich saidheans’ an oilthigh cuideachd a bhios a’ dèanamh dheuchainnean spòrsail, eadar-obrachail bhon obair-lann aca rè an tachartais.

Don fheadhainn a tha dèidheil air dealbhan a thogail, tha an t-oilthigh cuideachd a’ tabhann cothrom dà thiocaid a bhuannachadh airson Fèis Bhealadruim 2014 ann an fharpais dhealbhan. Airson cothrom a bhith aca, tha aig daoine ris na dealbhan as fheàrr aca bhon fhèis am-bliadhna lùchdachadh a-nuas ri duilleig Facebook Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Agus i a’ bruidhinn mun phàirt a bhios an t-oilthigh a’ cluich san tachartas, thuirt Mairead Antonson, manaidsear margaideachd: “Is i fèis Bhealadruim aon de thachartasan as motha air a’ Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan agus is e cothrom air leth a th’ann dhuinn a bhith a’ taisbeanadh cuid de na cùrsaichean agus na h-iomairtean rannsachaidh aig ar n-àrainnean air feadh na sgìre. Bidh na h-oileanaich againn a’ toirt seachad blasad inntinneach eadar-oibreachail de na th’annainn agus na bhios sinn a’ tabhann.”

Thuirt Joe Gibbs, a chuir an fhèis air dòigh: “Tha sinn glè thoilichte gu bheil Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean aig Bella a-rithist am-bliadhna agus tha sinn a’ brosnachadh a h-uile duine a bhith a’ tadhail air trèilear an oilthigh anns an Lios Bhallach no pàirt a ghabhail ann an cuid de ghnìomhachdan eile an oilthigh a bhios a’ dol mu thimcheall na làraich. Bho bhùthan-obrach saor an asgaidh ann am buille-cheòl, deuchainnean spòrsail agus còmhlain nan oileanach, tha farsaingeachd mhòr de ghnìomhachdan aig an oilthigh don a h-uile duine. Tha làthaireachd an oilthigh cuideachd na fìor dheagh chothrom don àireamh mhòr de dhaoine a tha a’ fàgail na sgoile agus a bhios a’ frithealadh na fèise, gus barrachd fhaighinn a-mach mu na cothroman foghlaim air leth a tha rim faotainn dhaibh air leac an dorais.”

Tha an fhèis a’ gabhail àite air 2 agus 3 Lùnastal, sa Mhanachainn faisg air Inbhir Nis. Am measg an luchd-ciùil bidh James, Twin Atlantic, Seasick Steve, Alabama 3, agus Noisettes. Airson barrachd fiosrachaidh, tadhail air www.tartanheartfestival.co.uk

CRÌOCH

 

Neach-conaltraidh nam meadhanan

Susan Szymborski

Oifigear conaltraidh

Fòn: 01463 279 210

Post-d: susan.szymborski@uhi.ac.uk