Home na meadhanan naidheachdan Oilthigh a’ dol mar sponsair air Gàrradh nan Gnìomhairean aig Fèis Bhealadruim

Oilthigh a’ dol mar sponsair air Gàrradh nan Gnìomhairean aig Fèis Bhealadruim

Diciadain 2 Iuchar 2014

Bidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ leantainn air na chom-pàirteachas le Fèis Tartan Heart Bhealadruim le bhith a’ dol mar sponsair air teanta Gàrradh nan Gnìomhairean am-bliadhna.

Tha an leasachadh a’ toirt air aghaidh dàimh a th’ ann mar-thà eadar na buidhnean, a leig le oileanaich agus luchd-obrach pàirt a ghabhail anns an fhèis agus conaltradh a dhèanamh ris a luchd-ceannach anns na trì bliadhnaichean a chaidh seachad.

Bidh cothrom aig oileanaich uiread ’s a ghabhas fhaighinn às a’ cho-òbrachadh a-rithist le bhith a’ gabhail greis-ghnìomhachais os làimh aig an fhèis a mhaireas trì làithean. Chaidh còignear a thaghadh gus greis-ghnìomhachais a ghabhail os làimh ann an goireasan, riochdachadh, ceanglaichean le luchd-ealain agus mar luchd-taice nam meadhanan. Chaidh iarraidh air na h-oileanaich shoirbheachail, a tha uile a’ dèanamh chùrsaichean an oilthigh ann an innleadaireachd fuaim no gnothachas ciùil, C.B. a chur a-steach agus pàirt a ghabhail ann an agallamh fhoirmeil gus àite fhaighinn. Thuirt na h-oileanaich a fhuair an cothrom an-uiridh gun do thog iad farsaingeachd de sgilean agus tha dithis a’ tilleadh don fhèis am-bliadhna ann an dreuchdan pàighte.

Tha an t-oilthigh cuideachd a’ cuideachadh gus luchd-labhairt a chur air dòigh airson teanta Gàrradh nan Gnìomhairean, a ghabhas a-steach measgachadh de dheasbadan air cuspairean an latha, agallamhan leis an fheadhainn a bhios a’ cluich aig an fhèis agus taisbeanaidhean spòrsail. Tha am preseantair telebhisean Monty Halls am measg na feadhna a bhios a’ gabhail pàirt.

Faodaidh luchd-frithealaidh na fèise a tha airson barrachd fhaighinn a-mach mun oilthigh agus a chùrsaichean tadhail air trèilear Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a bhios ri taobh Gàrradh nan Gnìomhairean.

Is urrainn do dhaoine sùil a chumail a-mach airson luchd-obrach agus oileanaich an oilthigh a bhios an sàs ann am farsaingeachd de ghnìomhachdan spòrsail mu thimcheall làrach na fèise, a’ gabhail a-steach sheiseanan ealain eadar-obrachail, ceòl agus taisbeanaidhean saidheans gun ullachadh.

Thuirt Joe Gibbs, a chuir an fhèis air dòigh: “Mar thoradh air an fharsaingeachd mhòr de chùrsaichean a tha ri faotainn aig an oilthigh, agus mòran dhiubh buntainneach don fhèis, is e dàimh gu math freagarrach a th’ ann. Is e com-pàirteachas gu math soirbheachail a th’ ann, a bhios a’ toirt chothroman do dhaoine òga air a’ Ghàidhealtachd.”

Bidh prionnsapal agus iar-sheansalair ùr Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd-Ollamh Clive Mulholland, a’ tadhail air an fhèis gus oileanaich agus luchd-obrach fhaicinn agus iad ag obair. Thuirt esan: “Ged nach eil mi ach air ùr-tighinn don sgìre, tha mi air mòran a chluinntinn mun fhèis mar-thà. Tha an fhèis adhartach seo, a tha stèidhte sa choimhearsnachd, gu math freagarrach ri mòran de dh’amasan an oilthigh agus tha fios agam gu bheil an luchd-obrach agus oileanaich againn a’ dèanamh fiùghar ri bhith a’ gabhail pàirt innte a-rithist am-bliadhna. Is e àite foirfe a bhios ann an Gàrradh nan Gnìomhairean mar stèidh againn aig an tachartas, leis a mheasgachadh de dheasbadan agus taisbeanaidhean foghlaim. Tha mi a’ dèanamh fiùghar ri bhith a’ coinneachadh ri luchd-taice na fèise agus a’ faicinn an luchd-obrach agus oileanaich againn ag obair.”