Home na meadhanan naidheachdan Urram air a thoirt do dhuine a bha na thùsaire a thaobh teasairginn nam beann mar a tha i an-diugh ann an cuirm ann am Peairt

Urram air a thoirt do dhuine a bha na thùsaire a thaobh teasairginn nam beann mar a tha i an-diugh ann an cuirm ann am Peairt

Diardaoin 6 Dàmhair 2016
Urram air a thoirt do dhuine a bha na thùsaire a thaobh teasairginn nam beann mar a tha i an-diugh ann an cuirm ann am Peairt

an t-Oll Seumas MacAonghais OBE agus Mgr Lewis Vernal


Chaidh urram a thoirt do bheanntair ris an abrar ‘athair bhuidheann theasairginn nam beann an Albainn’ le Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an cuirm ann am Peairt an-diugh (Diardaoin 6 Dàmhair). Chaidh bonn a bhuileachadh air an Oll Seumas MacAonghais OBE le seansalair an oilthigh, a h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, aig cuirm-cheumnachaidh Cholaiste Pheairt UHI agus Latha Stèidheachaidh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Bha barrachd is 1300 de cheumnaichean is aoighean an làthair san tachartas, a ghabh àite an Talla Chuirmean-ciùil Pheairt. 

Chaidh Bonn Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a bhuileachadh air an Oll MacAonghais mar aithneachadh air na seirbheisean a thug e ann a bhith a’ toirt fàs air streapadaireachd agus teasairginn nam beann. Ann an rèis-obrach a mhair còrr is trì fichead bliadhna, bha e air a’ chiad neach a streap àireamh de bheanntan agus tha e air a chliùthachadh mar thùsaire teasairginn nam beann mar a tha i an-diugh. Stèidhich e Sgioba Teasairginn Bheann Ghlinn Chomhainn ann an 1961, Comann nan Con Lorg is Teasairginn ann an 1965 agus, còmhla ri càch, stèidhich e an t-Seirbheis airson Fiosrachadh mu Mhaoimean-sneachda an Albainn ann an 1988. 

B’ e an t-Oll MacAonghais cuideachd a dhealbh a’ chiad tuagh-eighe a bha air a dèanamh air meatailt air fad sna bliadhnachan 1940 agus a dh’innlich sìneadair paisgeach MhicAonghais sna bliadhnachan 1960. Is iomadh leabhar mu streapadaireachd a sgrìobh e agus ghabh e pàirt ann am prògraman aithriseach is filmichean (Rob Roy agus Highlander nam measg) mar streapadair, leth-aon euchdan, comhairliche, aithrisear agus riochdaire. 

Chaidh an t-Oll MacAonghais a chur air aghaidh airson Bonn an t-Seansalair le Colaiste na Gàidhealtachd an Iar UHI a bhios a’ liubhairt cheuman BA (le urram) an oilthigh ann an stiùireadh dàn-thurasachd agus coilionadh is trèanadh dàn-thurasachd. Thàinig e o a dhachaigh ann an Gleann Chomhainn a bhith an làthair aig a’ chuirm. An àm dha bhith a’ bruidhinn air an duais aige, thuirt an t-Oll MacAonghais: “Is e urram a th’ ann gu dearbh a bhith an seo an-diugh a dh’fhaotainn na duaise seo agus tha e a’ drùidheadh orm gu mòr. Is e latha air leth a th’ ann agus sinne an làthair a h-Àirdeachd Rìoghail a’ Bhana-phrionnsa Rìoghail, fìor charaid do dh’Albainn. 

“Aig mo chùl bha sgioban teasairginn nam beann is an luchd-saidheans a chuir seachad am beatha cuideachd a’ feuchainn gum biodh na beanntan na bu shàbhailte agus gum biodh daoine a bha air an gortachadh air an togail às cho luath ’s a ghabhadh. An tùs catha aig an ìre dhomhanta tha Richard Glanville à Inbhir Nis, sàr-eòlaiche ann an caochladh raointean le chèile, a dhealbh, le cuideachadh bhuam fhèin, an sìneadair ùr, am MacAonghais àireamh 8 a bhios air an fhear as aotroime agus as làidire san t-saoghal agus a thèid a dhèanamh air a’ Ghàidhealtachd.”

Chaidh Lewis Vernal, iar-phrionnsapal (gnìomhachdan is ionmhas) agus rùnaire na companaidh aig Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI, urramachadh aig a’ chuirm cuideachd. Chaidh Bonn an Iar-Sheansalair a bhuileachadh air Mgr Vernal, a tha na chòmhnaidh an Abhach, mar aithneachadh air an 20 bliadhna de sheirbheis a thug e don cholaiste a tha air a suidheachadh ann an Inbhir Pheofharain agus na rinn e airson an oilthigh san fharsaingeachd. 

Thuirt Mgr Vernal fhèin: “Is e urram ciatach air fad a th’ ann, nach robh mi idir a’ sireadh, an duais seo a bhith air a toirt dhomh. Tha agam ri buidheachas a thoirt chan ann a-mhàin do na co-oibrichean agam an Colaiste Dhiadhachd na Gàidhealtachd UHI gu robh iad cho coibhneil ’s gun do chuir iad m’ ainm air aghaidh, ach cuideachd don iar-sheansalair airson an roghainn a rinn e.   

“Is dùth dhomh àrd-mholadh a dhèanamh air na co-oibrichean tàlantach agam air feadh an oilthigh agus a Stèidheachd. Bha sinn a’ strì còmhla thar nam bliadhnachan a bhith a’ cluich ar pàirt ann a bhith a’ cruthachadh agus a’ cur piseach air ar n-oilthigh gun choimeas, eadhon mar a nì sinn strì an-diugh fhathast airson sàr-mhathas ann a bhith a’ toirt foghlam, taic is altram do na h-oileanaich againn. Tha e na dhuais shònraichte dhuinn a bhith ag amharc taobh thall de na tha air ar n-aire a thaobh na tha sinn a’ dèanamh airson nan oileanach againn, gus am faic sinn barrachd is barrachd, le togail-inntinn, na tha na h-alumni againn a’ dol air aghaidh a choilionadh, chan ann air feadh na Gàidhealtachd is nan Eilean a-mhàin ach fada nas fhaide às cuideachd.” 

Thuirt Prionnsapal is Iar-Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, an t-Àrd-ollamh Clive Mulholland: “Is e cothrom a tha sa chuirm Latha Stèidheachaidh againn a bhith a’ dèanamh gàirdeachas mu shoirbheachadh ar n-oileanaich, ar luchd-obrach is ar luchd-taice agus na tha iad a’ toirt do chàch. Tha sinn anabarrach toilichte a bhith a’ cumail na cuirme am-bliadhna an com-pàirteachas le Colaiste Pheairt UHI, mar phàirt de chuirm-cheumnachaidh na colaiste. 

“Tha Colaiste Pheairt UHI air fear de na com-pàirtichean as motha an lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus is ann innte cuideachd a tha an t-Ionad Eòlas Bheanntan air a shuidheachadh. Tha e iomchaidh, mar sin, an t-Oll Seumas MacAonghais a bhith còmhla rinn an-diugh gus am faigheadh e Bonn an t-Seansalair mar aithneachadh air na chuir e ri fàs streapadaireachd is teasairginn nam beann. Bu toil leam meal-an-naidheachd a chur air Seumas agus Lewis airson nan duaisean a fhuair iad, cho math ris a h-uile duine a choisinn duais no a cheumnaich an-diugh.” 

CRÌOCH