Home oileanaich làthaireil Air ùr thòiseachadh ann an UHI

Air ùr thòiseachadh ann an UHI

Is thu a’ deisealachadh airson do chuid ionnsachaidh, faodaidh cùisean a bhith togarrach is eagalach aig an aon àm, agus bidh tòrr cheistean agad. Faodaidh gum bi thu a’ tighinn gu àrd-fhoghlam bho fhoghlam adhartach no bhon sgoil no faodaidh gum bi e greis bhon uair mu dheireadh a bha thu ann am foghlam idir, agus iomagain ort an dèan thu an gnothach le bhith ag ionnsachadh a-rithist agus le teicneòlasan ùra. Chaidh na duilleagan seo a dhealbhachadh feuch an cuireadh tu eòlas air UHI agus tha sinn an dòchas gum bi iad feumail dhut. Bidh tòrr chothroman agad tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn bhon luchd-oide agus luchd-obrach eile a bhios toilichte do chuideachadh.

Deisealaich airson ionnsachadh
Deisealaich thu fhèin airson beatha mar oileanach oilthigh

Beatha oileanaich
Na tha dol faisg ort fhèin is mar a ghabhas tu pàirt ann

Cuideachadh fhaighinn
Na daoine is na seirbheisean a th’ann gus do chuideachadh

Adhartas a dhèanamh
Thoir do chomasan gu buil is thu ag ionnsachadh aig UHI agus an dèidh sin

Fàilte gu ar n-àrainn
Tuilleadh mu UHI