Home oileanaich làthaireil Dòigh-beatha nan oileanach Aonta com-pàirteachas oileanaich

Aonta com-pàirteachas oileanaich

Is e Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean a’ chiad oilthigh an Alba Aonta Com-pàirteachas Oileanaich a chur air bhog.

Tha an t-aonta seo a’ cur an cèill mar as urrainn do dh’oileanaich agus luchd-obrach obrachadh còmhla gus feabhas a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich. Tha raointean air am bi an t-oilthigh agus na h-oileanaich a’ cur fòcas am-bliadhna a’ gabhail a-steach a bhith a’ cur crìoch air agus a’ cur an gnìomh poileasaidh an fhiosrachaidh shòisealta cho math ri bhith a’ leudachadh nan gnìomhachdan agus goireasean a th’ air an cleachdadh gus slàinte inntinn nan oileanach a bhrosnachadh.

Chaidh an sgrìobhainn seo a chruthachadh mar thoradh air molaidhean anns a’ Phàipear Uaine air Foghlam an dèidh 16 a rinn moladh gum bu chòir do dh’Aonta Com-pàirteachas Oileanaich a bhith aig a h-uile oilthigh an Alba agus a’ chomann oileanaich aige. Bha an riaghaltas an dòchas gun tarraingeadh na h-aontachaidhean aire air mar as urrainn do dh’oileanaich buaidh a thoirt air beatha an oilthigh aca agus gun socrachadh iad na raointean anns an urrainn do luchd-obrach agus oileanaich obrachadh còmhla gus feabhas a thoirt air na dh’fhiosraicheas oileanaich.

Tha an t-aonta airson 2016-17 ri fhaotainn a-nis agus tha e air aontachadh leis na trì oifigearan aig HISA.  Gabhaidh an t-Aonta Com-pàirteachas Oileanaich leughadh an seo.  Cuir fios chun HISA nam bu toigh leat a bhith pàirteach sa ghnothach.