Home oileanaich làthaireil Pròiseact Riochdachadh nan Oileanach

Pròiseact Riochdachadh nan Oileanach

B’ e iomairt dà-bhliadhna, maoinichte le Comhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, a bh’ ann am Pròiseact Riochdachaidh nan Oileanach.

 

Oileanach

B’ e amas na pròiseict, a thòisich san Iuchar 2013, structar ùr a chur an àite airson riochdachadh nan oileanach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus na com-pàirtichean acadaimigeach aige.

Mar phàirt den chiad ìre den phròiseact bha: rannsachadh margaide gus beachdan nan oileanach air riochdachadh agus na prìomhachasan aca a thuigsinn; eacarsaich mhapaidh le structaran riochdachadh oileanaich a th’ ann mar-tha agus sgrùdadh de dheagh chleachdadh a-staigh is a-muigh.

Aig an dàrna ìre den phròiseact, chaidh eacarsaich cho-chomhairleachaidh a dhèanamh gus beachdan nan oileanach is an luchd-obrach fhaighinn air na roghainnean a bh’ ann airson structar ùr airson riochdachadh nan oileanach. An dèidh na co-chomhairle, chaidh Comann Oileanaich na Gàidhealtachd agus nan Eilean (HISA) a stèidheachadh gus oileanaich air feadh com-pàirteachas an oilthigh a’ riochdachadh aig ìre sgìreil.

Bidh HISA cuideachd a’ riochdachadh nan ùidhean ionadail aig oileanaich foghlam adhartach is àrd-ìre aig deich com-pàirtichean acadaimigeach agus ag obair ann an com-pàirteachas leis na comainn oileanach a th’ ann mar-thà aig Colaiste Inbhir Nis UHI, Colaiste Pheairt UHI agus Sabhal Mòr Ostaig UHI.

Is e comann oileanaich le fèin-ùghdarras a th’ ann an HISA. Tha e cuideachd clàraichte mar charthannas. Faigh tuilleadh fiosrachaidh aig www.hisa.uhi.ac.uk no cuir fios gu hisa.enquiries@uhi.ac.uk ma tha ùidh agad ann a bhith a’ dol an sàs ann.

Ma bhios tu ag iarraidh barrachd fiosrachaidh mu phròiseact riochdachaidh nan oileanach, cuir fios gu louise.macdonald@uhi.ac.uk