Cleachd an t-Seirbhis Dhreuchdan

susbaint

 Am measg seirbheisean an Ionaid Dreuchdan is So-fhastachd tha:

  • Comhairle dhìomhair mu dhreuchdan agus cosnadh tron t-seirbhis BRUIDHINN RI COMHAIRLICHE
  • Ais-fhiosrachadh dìomhair an-asgaidh mu CV agus foirm-iarrtais
  • Obraichean agus greisean gnìomhachais air an stòr-dàta obraichean againn.
  • Bùithtean-obrach agus tachartasan air an tabhann le co-labhairt bhidio agus clàraidhean de sheiminearan roimhe.
  • Fiosrachadh mu dhreuchdan agus cosnadh air an làrach-lìn seo, a’ gabhail a-steach raon farsaing de bhileagan comhairle, goireasan ionnsachaidh eadar-ghnìomhach agus ceanglaichean gu e-leabhraichean anns an Leabharlann Ghoireasan againn.
  • Naidheachdan is cothroman cunbhalach air am foillseachadh air Duilleag Dhreuchdan is Alumni Facebook agus cunntas Ionad Dhreuchdan Twitter.
  • Tha seirbheisean rim faotainn le oileanaich an oilthighe uile, agus le ceumnaichean an oilthighe uile taobh a-staigh dà bhliadhna bho ìre ceumnachaidh. 
susbaint

Iarrtas coinneachaid

Dè a bhiodh an dùil agad fhaighinn bhuainn

Tha a h-uile seirbheis againn saor, dìomhair agus neo-phàirteach. Tha iad ruigsinneach do gach oileanach agus ceumnaiche ge ’r bith càite a bheil thu stèidhichte.  Tha tuilleadh fiosrachaidh ri fhaotainn anns an Aithris Làn-chòir Oileanaich is Cheumnaichean againn.

Tha còdan cleachdaidh AGCAS a’ buntainn ri seirbheisean do cheumnaichean agus fo-ceumnaichean, ach anns an Ionad Dhreuchdan is So-fhastachd, bidh sinn a’ cur nan còdan cleachdaidh ceudna aca a-steach don obair againn leis na h-oileanach uile.