Ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig

Bidh ceumnaichean bho chùrsaichean Gàidhlig a’ faighinn obair ann am farsaingeachd de roinnean.

Tha an aithisg nàiseanta 'what do graduates do?' a’ toirt dhut sealladh air na slighean-obrach a bhios ceumnaichean a’ gabhail.

Faodaidh ceumnaichean bho chùrsaichean Gàidhlig farsaingeachd de dhreuchdan a ghabhail os làimh, far a bheil sgilean cànan cudromach, leithid: eadar-theangaiche, neach-naidheachd no riochdaire rèidio. Ach tha fada a bharrachd roghainnean ann cuideachd leis gum bi mu 60% de dh’obraichean do cheumnaichean fosgailte do cheumnaichean bho chùrsa sam bith. Mar sin bidh ceumnaichean a’ faighinn obair ann an roinnean leithid cùram sòisealta agus ealain is deilbh cuideachd. Tha stòr-dàta de dh’obraichean do cheumnaichean air làrach-lìn prospects far as urrainn dhut obraichean eadar-dhealaichte rannsachadh agus fiosrachadh fhaighinn mu thomhaisean inntrigidh, pàigheadh, trèanadh agus àiteachan far as urrainn dhut obair a lorg.

Cuideachd air làrach-lìn prospects tha farsaingeachd de dhuilleagan fiosrachaidh airson cuspairean eadar-dhealaichte le fiosrachadh mu na roghainnean a bhios agad a thaobh dhreuchdan. Ged nach eil fiosrachadh sònraichte ann do cheumnaichean bho chùrsaichean Gàidhlig, faodaidh gum bi am fiosrachadh air nuadh-chànanan na chuideachadh dhut.

Sgeulachdan o cheumnaichean

Carson nach toir thu sùil air na sgrùdaidhean cùise againn gus faighinn a-mach dè a rinn daoine eile an dèidh dhaibh ceumnachadh bho chùrsaichean Gàidhlig?