Home oileanaich làthaireil Taic Am Putan Dearg

Am Putan Dearg

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach a bhith a’ cur ris na gheibh thu às an àm anns am bi thu nad oileanach.

Cleachd am Putan Dearg a chur fios thugainn mu mar as urrainn dhuinn an t-seirbheis againn a leasachadh, no a dh’innis dhuinn mu na rudan as toigh leat mun oilthigh agad!

 

Tha Còir Oileanaich UHI a’ comharrachadh na bu chòir dhut a bhith an dùil ris bho UHI agus na bu chòir do UHI a bhith an dùil ris bhuat, gus an soirbhich thu mar oileanach.

Mur a chaidh na dùilean agad a choilionadh, is e an Neach-oide Acadaimigeach Pearsanta agad an neach as fheàrr comhairle agus taic a thoirt dhut. Ma tha thu mì-chinnteach cò an Neach-oide Acadaimigeach Pearsanta agad, cuir fios don stiùiriche prògraim, neach-oide no sgioba taic oileanach agad aig a’ Chom-pàirtiche Acadaimigeach agad agus cuidichidh iad thu le bhith a’ faighinn a-mach.  Mur eil fhios agad cò ris am bu chòir dhut bruidhinn, neo nam bu toigh leat rudeigin innis dhuinn mu mar a tha a’ dol dhut mar oileanach aig UHI, cleachd am foirm seo.

Molaidhean agus taing

Ma chòrd e riut a bhith aig UHI, no nam bu toigh leat taing a thoirt do neach-obrach a chuidich thu, bu toigh leinn cluinntinn bhuat cuideachd.  Innis dhuinn mu na rudan as toigh leat mun oilthigh agad, agus cuiridh sinn na beachdan agad air adhart do na daoine iomchaidh.  Is urrainn dhut am foirm seo a chleachdadh a dh’innis dhuinn mu mholaidhean no beachdan sam bith a th’ agad gus an t-oilthigh a dhèanamh nas fheàrr.

Nuair a chleachdas tu am foirm seo, thèid post-d a chur chun Oll Iain Moireasdan, Deadhan nan Oileanach, a dh’obraicheas le co-obraichean iomchaidh air feadh an oilthigh agus, a leigeas fios thugad mu adhartas do theachdaireachd, mar as iomchaidh.  Gu tric tha e cuideachail fios a chur do cho-obraichean eile as do leth agus cuidichidh iad thu. Ach nam b’ fheàrr leat gun tèid d’ainm a chumail dìomhair, thoir iomradh air seo sa phost-d agad, agus cha tèid d’ainm a chur air adhart do dhuine sam bith a thaobh na teachdaireachd agad.

Leugh freagairtean do dh’fhios air ais bho oileanaich

Leugh aithisg a’ Phutain Dheirg 2015-16

Leugh na h-inbhean seirbheis againn

 

Is e goireas airson thrioblaidean fhuasgladh agus fios a thoirt air ais a th’ anns a’ Phutan Dhearg.  Ma tha thu airson gearan foirmeil a dhèanamh, is urrainn dhut am pròiseas a lorg an seo.