Am Putan Dearg

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach a bhith a’ cur ris na gheibh thu às an àm anns am bi thu nad oileanach. Cleachd am Putan Dearg a chur fios thugainn mu mar as urrainn dhuinn an t-seirbheis againn a leasachadh, no a dh’innis dhuinn mu na rudan as toigh leat mun oilthigh agad!

Tha am Putan Dearg na inneal freagairt neo-fhoirmeil do dhuilgheadasan agus fios air ais.   Tha am pròiseas gearain foirmeil eadar-dhealaichte.

Mura h-eil na dùilean agad air an coinneachadh, bheireadh sinn brosnachadh dhut bruidhinn gu dìreach ri luchd-obrach aig a 'chom-pàirtiche acadaimigeach agad gus an urrainn dhuinn dèiligeadh ri ur draghan cho luath' sa ghabhas.  Mur eil fhios agad cò ris am bu chòir dhut bruidhinn, neo nam bu toigh leat rudeigin innis dhuinn mu mar a tha a’ dol dhut mar oileanach aig UHI, cleachd am foirm seo.

Airson trioblaidean IT agus VC cuiribh fon gu deasg-frithealaidh air 01463 279150 no 150 (inntearnail), post-d , no cleachd a foirm-lìn.

Molaidhean agus taing

Ma chòrd e riut a bhith aig UHI, no nam bu toigh leat taing a thoirt do neach-obrach a chuidich thu, bu toigh leinn cluinntinn bhuat cuideachd.  Innis dhuinn mu na rudan as toigh leat mun oilthigh agad, agus cuiridh sinn na beachdan agad air adhart do na daoine iomchaidh.  Is urrainn dhut am foirm seo a chleachdadh a dh’innis dhuinn mu mholaidhean no beachdan sam bith a th’ agad gus an t-oilthigh a dhèanamh nas fheàrr.

Dè thachras an dèidh dhomh am Putan Dearg a chuir a-steach?

Nuair a chleachdas tu am foirm seo, thèid post-d a chur chun an t-Oll Iain Moireasdan, Deadhan nan Oileanach

Nuair a chleachdas tu am foirm seo, thèid post-d a chur chun Oll Iain Moireasdan, Deadhan nan Oileanach, a dh’obraicheas le co-obraichean iomchaidh air feadh an oilthigh agus, a leigeas fios thugad mu adhartas do theachdaireachd, mar as iomchaidh.  Gu tric tha e cuideachail fios a chur do cho-obraichean eile as do leth agus cuidichidh iad thu. Ach nam b’ fheàrr leat gun tèid d’ainm a chumail dìomhair, thoir iomradh air seo sa phost-d agad, agus cha tèid d’ainm a chur air adhart do dhuine sam bith a thaobh na teachdaireachd agad.

Is e goireas airson thrioblaidean fhuasgladh agus fios a thoirt air ais a th’ anns a’ Phutan Dhearg.  Ma tha thu airson gearan foirmeil a dhèanamh, is urrainn dhut am pròiseas a lorg an seo.

Theid am fiosrachadh agad a chumail ann na siostaman eileagtronaigeach againn. Cha tèid a thoirt seachad do threas pàrtaidh sam bith.  Leughaibh am brath prìobhaideachd iomlan againn gus am faigh sibh fios mu dhìon dàta agus roghainnean a thaobh an dàta a chumas is a làimhsicheas sinn.