Brath prìobhaidheachd

susbaint

Dè am fiosrachadh a thruiseas sinn oirbh?

Nuair a dh’uisnicheas sibh am putan dearg, bidh sinn ag iarraidh an dàta roghainneil a leanas oirbh: ur n-ainm, ur seòladh puist-d, ur n-àireamh oileanaich san oilthigh, tiotal a’ chùrsa agaibh, an com-pàirtiche acadaimigeach anns a bheil sibh ag ionnsachadh, agus iomradh air an reusan a tha sibh a’ cur fios a dh’ionnsaigh na seirbheis.  A rèir nàdar na ceiste a tha sibh a’ cur a-steach, faodaidh fiosrachadh pearsanta a bhith an lùib seo.


Dè am feum a nì sinn den fhiosrachadh seo?

Bidh sinn a’ dèanamh feum den fhiosrachadh seo airson ur ceist a làimhseachadh agus fios a thoirt air ais dhuibh air na thàinig às.  Thèid ur n-ainm agus ur seòladh puist-d uisneachadh a fhreagairt na ceiste agaibh agus a thoirt fios dhuibh mun adhartas a tha ga dhèanamh a dh’ionnsaigh fuasgladh, far am bi sin iomchaidh. Thèid am fiosrachadh mun chùrsa agaibh, an com-pàirtiche acadaimigeach agaibh agus nàdar na ceiste agaibh uisneachadh gus am bi fhios againn cò a’ phàirt den oilthigh as fheàrr anns an toir sinn a’ cheist agaibh air aghaidh.


Co ris a bhios sinn a’ pàirteachadh an fhiosrachaidh agaibh:

Pàirtichidh sinn am fiosrachadh agaibh ri daoine a tha ceangailte ris a’ cheist a chuir sibh a-steach tron phutan dhearg. An àm a bhith a’ fuasgladh cheistean bidh sinn am bitheantas a’ tarraing a-steach a’ Mhanaidseir Càileachd sa chom-pàirtiche acadaimigeach ionadail agaibh.  An àm a bhith a’ toirt freagairt air a’ cheist agaibh tha feum fios a chur a dh’ionnsaigh dhaoine a dh’fhaodas fhios a bhith aca air a’ ghnothach mu a bheil sibh a’ faighneachd no a dh’fhaodas a bhith air chomas cuideachadh leis.

Mas e is gum b’ fheàrr leibh gun ur fiosrachadh pearsanta, no pàirtean de ur fiosrachadh pearsanta, a bhith air am pàirteachadh ri càch, no ri daoine sònraichte fa leth, leigibh fios dhuinn.  An àm a bhith a’ feuchainn ri ceistean fhuasgladh is e cuideachadh a th’ ann am bitheantas na daoine ris am buin an gnothach a bhith a’ bruidhinn dìreach ribh fhèin air na ceistean.  Air a shon sin, mas e is gum b’ fheàrr leibh gun pàirt no an t-iomlan den fhiosrachadh agaibh a leigeil ris, cuiribh fios thugainn feuch dè an dòigh as fheàrr air an cuidich sinn, no feuch an tèid againn air a’ cheist agaibh a thogail gun ainm a bhith air a chur rithe.  An àm a bhith a’ dèanamh sin cha leigeamaid ris ach nàdar na ceiste agaibh, agus an cùrsa no an com-pàirtiche acadaimigeach agaibh, nam biodh feum, ach cha leigeamaid ris ur n-ainm, ur post-d, ur n-àireamh oileanaich no fiosrachadh a leigeadh fhaicinn cò sibh.  

An dèidh a’ cheist agaibh a bhith air a làimhseachadh bidh geàrr-chunntas gun ainm ris air fiosrachadh na ceiste agaibh, ach gun ur fiosrachadh pearsanta (ainm, seòladh puist-d, àireamh oileanaich, fiosrachadh mun chùrsa agaibh no fiosrachadh a leigeadh fhaicinn cò sibh), air a phàirteachadh ris na prìomh dhaoine ris am buin an gnothach am measg nam manaidsearan, an luchd-co-dhùnaidh agus foireann chomann nan oileanach airson leasachadh a thoirt air seirbheisean.  Le bhith a’ dèanamh seo chì sinn a bheil cùisean a dh’èireas a-rithist is a-rithist a ghabhadh ceartachadh. Mas e is gum b’ fheàrr leibh gun cuirte às don cheist agaibh uile gu lèir is gun i a bhith air a cumail air an adhbhar seo, leigibh fios dhuinn.  

Faodaidh gun uisnich sin an seòladh puist-d agaibh a chur suirbhidh ur n-ionnsaigh do dhaoine a dh’uisnich am putan dearg gus an innis sibh dhuinn dè cho math is a rinn sinn an àm a bhith a’ làimhseachadh na ceiste agaibh.

 


Dè cho fada is a chumas sinn an dàta oirbh?

Thèid geàrr-chunntas air a’ cheist a chuir sibh tron phutan dhearg, a’ gabhail a-steach a’ phuist-d a chuir sibh an toiseach agus a’ phuist-d fuasglaidh, a chumail fad trì bliadhna, mur iarr sibh iad a bhith air an sgriosadh an dèidh a’ cheist a bhith air a fuasgladh. 


Mar a chumas sinn an dàta oirbh ceart:

Nuair a bhios ceistean a thig tron phutan dhearg air am fuasgladh, bidh a’ cheist air a druideadh.  Air a shon sinn, bidh am fiosrachadh a th’ againn oirbh mar oileanach air a chumail ùraichte tron t-siostam chlàran oileanaich againn, agus gabhaidh e dearbhadh leis an àireimh oileanaich agaibh uair sam bith an àm don cheist agaibh a bhith ga fuasgladh.  Ma thig atharrachadh air pàirt sam bith den fhiosrachadh agaibh feadh an fhuasglaidh, cuiribh fios ar n-ionnsaigh agus bheir sinn atharrachadh air na clàran againn.

Deamar a chumas sinn an dàta agaibh tèarainte?

An àm don cheist agaibh a bhith ga fuasgladh, cha tèid fiosrachadh a phàirteachadh ach taobh a-staigh den t-siostam puist-d thèarainte againn san oilthigh agus an siostam TF tèarainte againn (ris an abrar Sharepoint). Tha a 'mhòr-chuid de cheistean air an làimhseachadh taobh a-staigh an t-siostam puist-d againn, le puist-d air an sguabadh às deidh do rùn. Tha geàrr-chunntas den rannsachadh an uairsin air a stòradh tabh a-staigh sharepoint. Tha ceistean a tha sinn a 'meas (no a dh'iarras sibh) mar a tha fiosrachadh mothachail air a làimhseachadh gu tur taobh a-staigh sharepoint.Chan fhaigh duine sam bith na faidhlichean agaibh fhaicinn ach an luchd-obrach a tha a’ làimhseachadh na ceiste agaibh.  An dèidh an fhuasglaidh, bidh geàrr-chunntas air a chumail air Sharepoint. 


Aonta a bhith a’ làimhseachadh is a’ cumail an dàta agaibh.

Le bhith ag uisneachadh seirbheis a’ phutain dheirg, tha sibh ag aontachadh gun tèid feum a dhèanamh den dàta agaibh mar a tha air a chur sìos sa bhrath prìobhaideachd seo.  Nam b’ fheàrr leibh gin sam bith no barrachd de na roghainnean a leanas:

  1. Nach tèid am fiosrachadh pearsanta agaibh a phàirteachadh ri luchd-obrach eile aig a bheil làmh ann a bhith a’ fuasgladh na ceiste agaibh
  2. Gun tèid a’ cheist mion-fhiosrachadh agaibh a dhubhadh às an dèidh dhi bhith air a fuasgladh
  3. Nach tèid geàrr-chunntas air a’ cheist agaibh a chumail no a phàirteachadh ri luchd-obrach bointealach air adhbharan leasachadh seirbheis

Nach tèid am post-d agaibh a chumail gus an tèid suirbhidh luchd-cleachdaidh a’ phutain dheirg a chur ur n-ionnsaigh  
leigibh fios dhuinn agus nì sinn mar a tha sibh ag iarraidh.

Nam b’ fheàrr leibh gun fiosrachadh co-ionannachd a thoirt seachad, fàgaibh na pàirtean sin den fhoirm bàn.  


Cothrom air Fiosrachadh Pearsanta Fhaicinn

Fo Achd Dìon Dàta 1998 agus GDPR, faodaidh sibh leth-bhreac iarraidh de dh’fhiosrachadh sam bith a th’ againn oirbh. Ma tha sibh ag iarraidh ur fiosrachadh fhaicinn, cuiribh fios a dh’ionnsaigh seirbheis a’ phutain dheirg air redbutton@uhi.ac.uk no a dh’ionnsaigh an Oifigeir Dìon Dàta.



Màrt 2018