Home oileanaich làthaireil Taic Am Putan Dearg Inbhean seirbheis fios air ais a’ Phutain Dheirg

Inbhean seirbheis fios air ais a’ Phutain Dheirg

Na bhios sinn a’ dèanamh

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean dealasach a bhith a’ toirt am feabhas na dh’fhiosraicheas oileanaich.  Is e am Putan Dearg aon de na dòighean anns am bi sinn a’ leasachadh nan seirbheisean againn.  Faodaidh oileanaich am Putan Dearg a chleachdadh airson fios air ais a thoirt.

Cò a bhios a’ cleachdadh a’ Phutain Dheirg?

Tha Am Putan Dearg na ghoireas airson fios air ais bho oileanaich.  Faodaidh a h-uile oileanach aig Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean feum a chur air an t-seirbheis seo.  Tha seo a’ ciallachadh oileanaich air cùrsaichean HNC, HND, ceumannan agus ceumannan mhaighstir agus oileanaich rannsachaidh.  Tha oileanaich eile, air cùrsaichean Foghlam Adhartaich, clàraichte gu dìreach le com-pàirtichean acadaimigeach an oilthigh agus bu chòir dhaibh fios air ais a chur chun na colaiste aca fhèin.

Inbhean seirbheis

Is e an t-amas againn inbhean àrda de sheirbheis a sholar nuair a dhèiligeas sinn ri oileanaich tron Phutan Dhearg.  Nuair a dhèiligeas tu rinn, is urrainn dhut a bhith an dùil ris na leanas:

  • gum bi an luchd-obrach againn modhail, cuideachail agus proifeiseanta
  • gum faigh thu freagairt don cheist agad taobh a-staigh trì làithean-obrach
  • gun tèid am fios air ais bhuat dèiligeadh ris taobh a-staigh clàr-ama reusanta
  • gun tèid ullachaidhean sònraichte a dhèanamh do dhaoine aig a bheil ciorraman, ma bhios feum air
  • gum faigh thu freagairtean soilleir ris a’ cheist agad.

 

Ann a bhith a’ ruith seirbheis a’ phutain dheirg

  • Brosnaichidh sinn cothroman air an t-seirbheis
  • Clàraidh agus sgrùdaidh sinn a h-uile gearan agus moladh
  • Cleachdaidh sinn cànan soilleir anns na conaltraidhean uile againn
  • Cuiridh sinn fios don oileanach agus, nuair nach urrainn dhuinn fuasgladh a lorg air a’ chùis sa bhad, leigidh sinn fios thugad cò tha a’ dèiligeadh ris a’ chùis agad agus mar a tha sinn an dùil fuasgladh fhaighinn.
  • Cùmaidh sinn fios ri oileanaich nuair nach urrainn dhuinn freagairt a thoirt dhaibh taobh a-staigh clàran-ama reusanta
  • Cuiridh sinn fios do dh’oileanaich mun chòir aca gearan a thogail mur an urrainn dhuinn a’ chùis aca fhuasgladh
  • Sgrùdaidh sinn gach pìos de dh’fhios air ais gu faiceallach gus faicinn dè na leasanan as urrainn dhuinn ionnsachadh

agus, mas urrainn dhuinn, feabhas a chur air na seirbheisean againn mar thoradh air sin.

Ciamar a bhios sinn a’ sanasachadh a’ Phutain Dheirg?

Thathas a’ sanasachadh a’ Phutain Dheirg air-loidhne air roinn oileanach na làraich-lìn.  Thathas cuideachd ga shanasachadh anns gach seisean ùr don a h-uile oileanach.  Bidh sinn cuideachd a’ brosnachadh luchd-obrach nan cùrsaichean agus com-pàirtichean acadaimigeach a bhith a’ leigeil fios do dh’oileanaich mun t-seirbheis.  Thathas cuideachd a’ cur phostairean agus susbaint sanasachaidh eile don a h-uile àrainn againn ri a chur an àrd agus a sgaoileadh.

Cùisean seirbheis a dhèiligeadh ris aig UHI

Is e an t-amas againn fuasgladh fhaighinn do chùisean gu h-ionadail le bhith a’ gabhail a-steach luchd-obrach a bhios a’ teagasg agus a’ toirt taic do dh’oileanaich.  Thathas a’ sgrùdadh a h-uile cùis agus moladh gus feabhas a thoirt air càileachd na seirbheise a bhios sinn a’ solar do dh’oileanaich.  Chan atharraich cleachdadh a’ Phutain Dheirg an roghainn aig oileanaich a bhith a’ dèanamh gearan foirmeil.

 

A chleachdadh na seirbheise seo, tadhail air Putan Dearg no cuir post-d chun redbutton@uhi.ac.uk