Home oileanaich làthaireil Taic Am Putan Dearg Ur beachdan

Ur beachdan

‘Thuirt sibhse, thuirt sinn fhèin’ aig a’ Phutan Dhearg

Gu tric bidh oileanaich a’ faighneachd de seòrsa cheistean an urrainn dhaibh cuir tron phutan dhearg. Tha an taghadh seo de cheistean a fhuair sinn o chionn ghoirid a’ sealltainn na farsaingeachd de chùisean agus molaidhean a bhios oileanaich a’ cur thugainn:

Thuirt sibhse: Dh’fhaighnich oileanach carson nach robh an leabharlann aig Colaiste Inbhir Nis UHI fosgailte nas fhaide air an fheasgar agus air an deireadh-sheachdain.

Thuirt sinn fhèin: Dh’aontaichear le leabharlann phoblach Inbhir Nis gun solaraicheadh i àitean airson ionnsachadh air feasgaran ainmichte agus Disathairne, nuair a bhios leabharlann an Oilthigh dùinte.

Thuirt sibhse: An dèidh dhaibh tagradh airson chùisean maothachail a dhèanamh, dh’fhaighnich an t-oileanach carson nach tèid tagradh airson chùisean maothachail a ghabhail ris ach ma tha MC air a chur an àite thoraidean ann an clàran UHI?

Thuirt sinn fhèin: Chan eil ach comharra air clàr an oileanaich a th’ anns an ìre MC, a chomharrachadh gun deach tagradh airson chùisean maothachail a chur a-steach. Tha an tagradh air a thoirt air adhart do bhòrd dheuchainnean airson aontachadh agus tha fios mu thoraidhean air a thoirt do chathraiche agus clarc a’ bhùird dheuchainnean. Chan ann ach an dèidh don bhòrd dheuchainnean coinneachadh gus na comharraidhean aontachadh a gheibh oileanaich a-mach an deach an tagradh aca aontachadh.

Thuirt sibhse: Mhothaich oileanaich eadar-dhealachadh eadar na bh’ ann de ghoireasan bìdh agus uairean fosgailte aig Ionad Theicneòlais Mhoireibh agus am prìomh àrainn agus dh’ iarr iad sgrùdadh air an t-seirbheis.

Thuirt sinn fhèin: Cuiridh caibineat ùr de cheapairean ris na th’ ann de bhiadh. Nì am manaidsear cinnteach gum bi biadh teth ri fhaotainn gu deireadh a’ brisidh lòin, a’ leigeil le oileanach cothrom fhaighinn air an t-seirbheis. A bharrachd air na rudan seo, a thachair gu luath, bithear a’ faighinn frids ùr a dh’aithghearr a bheir barrachd rùm airson chèicean agus briosgaidean a thaisbeanadh.

Thuirt sibhse: Cuine bhios toraidhean dheuchainnean rim faotainn?

Thuirt sinn fhèin: Mar as àbhaist bidh toraidhean rim faotainn taobh a-staigh dà latha de bhòrd dheuchainnean (faodaidh tu cinn-là nam bùird deuchainnean a lorg air a’ mhìosachan acadaimigeach). Tha toraidhean rim faotainn sa bhad le bhith a’ logadh air a’ chlàr oileanach pearsanta agad aig: www.studentjourney.uhi.ac.uk

Thuirt sibhse: Cò an Neach-oide Acadaimigeach Pearsanta (PAT) agam?

Thuirt sinn fhèin: Tha fiosrachadh mun Neach-oide Acadaimigeach Phearsanta agad ri fhaotainn tro shiostam chlàran nan oileanach aig www.studentjourney.uhi.ac.uk. Mur a tha thu cinnteach ciamar a gheibh thu am fiosrachadh seo, cuir fios chun a’ Phutain Dheirg, a bhios toilichte seo a lorg dhut.

Thuirt sibhse: Chuir oileanach bràth thugainn a dh’innis dhuinn gun robh iad mì-toilichte mu cho salach ’s a bha ionad choimpiutairean a chleachd iad gu cunbhalach.

Thuirt sinn fhèin: Chaidh an clàr-glanaidh a sgrùdadh, agus chaidh lionn agus searbhadairean slàintealachd a sholar gus an urrainn do dh’oileanaich stèisein-obrach a ghlanadh.