Home oileanaich làthaireil Taic Cùisean Ciorraim Cuibhreann nan Oileanach Ciorramach

Cuibhreann nan Oileanach Ciorramach

Tha an t-oilthigh teistichte a bhith a’ dèanamh mheasaidhean fheumalachdan le oileanaich a tha airidh air iarrtas a dhèanamh airson Chuibhreann nan Oileanach Ciorramach. Tha seo a’ ciallachadh gun urrainn do dh’oileanaich an oilthigh measadh fheumalachdan fhaighinn aig an àrainn no an t-ionad ionnsachaidh aca, gun a bhith a’ siubhal gu Ionad Measaidh an àite eile ann an Alba.

Faodar feum a chur air teicneòlasan co-labhairt bhidio gus taic a thoirt do luchd-ionnsachaidh ann an àiteachan iomallach. Ann an 2012, fhuair an t-oilthigh duais JISC airson Ùr-ghnàthachadh agus Teicneòlas: Ruigsinneachd agus Com-pàirteachadh airson an sgrùdaidh chùise againn air mar a bhios sinn a’ dèanamh mheasaidhean fheumalachdan airson Chuibhreann nan Oileanach Ciorramach le luchd-ionnsachaidh ann an àiteachan iomallach.

  • “Bha mi glè thoilichte mu na pròiseasan air fad leis gun robh e [cothrom air maoineachadh fo Chuibhreann nan Oileanach Cioramach] na chuideachadh mòr dhomh nam chuid foghlaim.” (Neach a fhuair cuibhreann ann an 2014/15)
  • “Bha an luchd-measaidh agus luchd-obrach sheirbheisean nan oileanach dìreach sgoinneil, air leth taiceil agus cuideachail. Thug iad am misneachd dhomh tilleadh do ionnsachadh a dh’aindeoin nan ciorraman agam. Tapadh leibh.” (Neach a fhuair cuibhreann ann an 2014/15)

Na thuirt sibh

Na rinn sinn

"Bhiodh e na b’fheàrr barrachd fiosrachaidh a bhith agam mun ùine a bheireadh e [am measadh fheumalachdan agam] gus am b’ urrainn dhomh planaichean a dhèanamh …”
(neach a fhuair cuibhreann ann an 2014/15)

Leugh sealladh air pròiseasan an oilthigh a thaobh measadh fheumalachdan.

Càit am faigh mi fiosrachadh mu na seòrsaichean de theicneòlas a dh’fhaodadh a bhith ri am faotainn dhomh rè an ionnsachaidh agam?

Tha iùl eadar-obrachail air teicneòlasan cuideachail air an duilleig againn, Accessing Learner Support.

Tha stiùireadh a bharrachd ri fhaotainn don luchd-obrach anns a’ Phasgan-uidheim. (Log air leis an ainm dhearbh-aithneachaidh luchd-obrach agus am facal-faire agad agus lorg ‘DSA’.

Ma tha thu a’ smaoineachadh gum faod thu a bhith airidh air iarrtas a dhèanamh airson Chuibhreann nan Oileanach Ciorramach, bu chòir dhut fios a chur chun an neach-conaltraidh a thaobh taic do luchd-ciorraim aig a’ Chom-pàirtiche Acadaimigeach agad sa chiad dol a-mach.

’S urrainn do dh’oileanaich a fhuair measadh fheumalachdan bhon oilthigh fios air ais a chur tro Phutan Dearg an oilthigh.