Home oileanaich làthaireil Taic Daoine a th’ air cùram fhàgail

Daoine a th’ air cùram fhàgail

Cò th’ ann an daoine a th’ air cùram fhàgail?

Is e am mìneachadh farsaing air neach a th’ air cùram fhàgail (a rèir Chomann nan Daoine a th’ air Cùram Fhàgail) “Inbheach sam bith a chuir ùine seachad ann an cùram mar phàiste (sin, fo aois 18). Faodaidh cùram de a leithid a bhith a’ gabhail a-steach cùram-altraim, cùram còmhnaidheach (dachannan cloinne sa mhòr-chuid), no ullachaidhean eile taobh a-muigh a’ theaghlaich dhlùith no nas fharsainge. Faodaidh gun deach an cùram a sholar leis an stàit gu dìreach (tro roinnean sheirbheisean sòisealta ùghdarrasan ionadail sa mhòr-chuid) no leis an roinn shaor-thoileach no prìobhaideach (m.e. Barnardo’s, Comann na Cloinne agus tòrr a bharrachd). Dh’fhaodadh seo a bhith fad beagan mhìosan no cho fhad ’s a bha an neach na phàiste (18 bliadhna). Tha e cuideachd a’ gabhail a-steach farsaingeachd mhòr de dh’àiteachan-còmhnaidh. Mar eisimpleir, aonadan tèarainte, sgoiltean aontaichte, sgoiltean gnìomhachasach agus stèidheachdan eile anns a bheil eileamaid nas peanasaiche na cùram-altraim no cùram còmhnaidheach. Bhiodh an stàit air an cùram seo aontachadh tro òrdugh-cùirt no air stèidh shaor-thoileach.”

Carson a dh’fhaodadh barrachd taic a bhith a dhìth air daoine a th’ air cùram fhàgail aig an oilthigh

Faodaidh e a bhith doirbh do dh’oileanach sam bith is e/i a’ tòiseachadh aig an oilthigh, ach faodaidh e a bhith gu sònraichte doirbh do dhaoine a th’ air cùram fhàgail, oir faodaidh nach bi na h-aon structaran taice aca aig an taigh is a bhios aig oileanaich eile. Ach ma dh’innseas tu dhuinn gu bheil thu air cùram fhàgail, ’s urrainn dhuinn do chuideachadh feadh an àm anns am bi thu aig an oilthigh. Is urrainn dhuinn taic ionmhasail is taic aigneach a thoirt dhut, cho math ri farsaingeachd de chuideachadh eile.

Ma dh’innseas oileanach dhuinn air an fhoirm UCAS no am foirm-iarrtais oilthigh aca gu bheil iad air cùram fhàgail, bidh e comasach dhuinn goireasan a chur air dòigh tràth gus an cuideachadh. Faodaidh gum faigh thu nach eil thu feumach air taic an toiseach ach, ma dh’atharraicheas cùisean is tu a’ faireachdainn gu bheil trioblaid agad le do chuid ionnsachaidh, na bi leisg fios a chur chun an sgioba ionadail agad airson taic do dh’oileanaich, as urrainn do chuideachadh le farsaingeachd de chùisean.

Tha an t-oilthigh dealasach airson taic a thoirt don a h-uile oileanach againn gus am bi sàr-bheatha oilthigh aca fhad ’s a bhios iad ag ionnsachadh còmhla rinn agus airson a bhith a’ toirt taic agus cothroman dhaibh a leigeas leotha an làn chomas a thoirt gu buil.


Tha taic agus comhairle a bharrachd ri fhaotainn aig: