Home oileanaich làthaireil Taic Daoine a th’ air cùram fhàgail An taic a tha ri faotainn

An taic a tha ri faotainn

Taic bhon oilthigh do dhaoine a th’ air cùram fhàgail

Sònrachadh neach-oide acadaimigeach pearsanta – Gheibh a h-uile oileanach aig an oilthigh neach-oide acadaimigeach pearsanta aig a bheil dleastanas taic acadaimigeach a thoirt do dh’oileanaich. Faodaidh oileanaich tighinn thucasan ma bhios trioblaid aca le an cuid ionnsachaidh no ma bhios iad feumach air cuideachadh bho sheirbheisean speisealta is gun iad cinnteach càit an tèid iad.

Taic ionmhasail – Tha maoin roghnach is cùraim-chloinne an oilthigh ann gus oileanaich a chuideachadh ma bhios iad ann an èiginn ionmhasail. Faodaidh gum bi trioblaid aca a bhith a’ pàigheadh màl no cunntasan no gum bi iad feumach air taic le bhith a’ ceannach leabhraichean. Tha maoin cùraim-chloinne ann cuideachd ma bhios tu feumach air a’ mhaoineachadh seo feadh do chuid ionnsachaidh.

Taic a thaobh saod agus sunnd – Ma thachras gum bi oileanaich fo uallach no ma bhios trioblaid aca a bhith a’ cumail smachd air gnothaichean, bidh cothrom aca air seirbheis chomhairleachaidh no neach ris an urrainn dhaibh bruidhinn, ge b’ e càite am bi iad air an suidheachadh anns an oilthigh.

Comhairle dhreuchdan – Tha Ionad Dhreuchdan an oilthigh ann gus cuideachadh a thoirt don a h-uile oileanach ann a bhith a’ planadh na rèis-obrach aca, a’ gabhail a-steach a bhith a’ moladh roghainnean a dh’fhaodadh a bhith ann an dèidh dhaibh an cùrsa aca a chrìochnachadh agus cuideachadh le bhith a’ lorg obair.

Cothrom air taic le sgilean ionnsachaidh – Bidh trioblaidean aig cuid de dh’oileanaich leis na dùbhlain acadaimigeach a tha an lùib a bhith a’ tòiseachadh ann am foghlam àrd-ìre. Le sgilean as motha a bhith a dhìth airson aistean a sgrìobhadh, far am feum oileanaich teacsa a sgrùdadh, is a bhith a’ beachdachadh air is ga mheasadh, faodaidh e bhith doirbh do dh’oileanaich ùra. Bidh e comasach do sgioba a’ phrògraim agus an neach-oide acadaimigeach pearsanta agad comhairle a thoirt dhut a thaobh trioblaid sam bith a th’ agad. Tha goireasan air-loidhne ann cuideachd, as urrainn dhut a bhith ag obair leotha san ùine agad fhèin.

Luchd-treòrachaidh oileanach – Bidh lìonra treòrachaidh nan oileanach a’ toirt còmhla oileanaich làthaireach agus an fheadhainn a th’ air ùr thòiseachadh ann am foghlam àrd-ìre (no ionnsachadh for-cheum) gus an t-eòlas agus am fiosrachadh aca a cho-roinn. Bidh an lìonra a’ toirt trèanadh agus structar do dh’oileanaich nas fhiosraichte gus an cuidich iad an fheadhainn a th’ air ùr thòiseachadh aig an oilthigh. Is e ceangal neo-fhoirmeil a th’ ann eadar an neach-treòrachaidh agus an t-oileanach, le coinneamhan a’ gabhail àite ann an taighean-bìdh agus àiteachan neo-fhoirmeil eile. Gabhaidh coinneachadh ri luchd-treòrachaidh air-loidhne no le post-d cuideachd ma bhios iad air an suidheachadh air àrainn eile.