Home oileanaich làthaireil Taic Gearanan

Poileasaidh agus rian-obrach a thaobh ghearanan bho oileanach

Prionnsabalan a thaobh Ghearanan bho Oileanaich ann an UHI

Bidh UHI ag obrachadh a rèir nam prionnsabalan a tha air an cur a-mach le Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba. Is iad nam prionnsabalan seo gum bu chòir am poileasaidh agus am pròiseas a bhith ruigsinneach, cothromach, sùbailte, dìomhair, soilleir agus pongail.

Bidh gearanan a dh’èiricheas tron phròiseas seo air an sgrùdadh agus tha siostaman stèidhichte gus leasanan sam bith a bhios air an ionnsachadh bho na gearanan seo aithneachadh agus a chur an gnìomh.

An luchd-obrach a bhios a’ dèiligeadh ris a’ phròiseas ghearain, tha an t-ùghdarras agus an taic rianachd iomchaidh aca a bhith a’ lìbhrigeadh a’ phròiseis gu h-èifeachdach.

Ma chuireas tu romhad gearan a dhèanamh ann an deagh inntinn, cha bhi thu fo ana-chothrom nad phrògram ionnsachaidh ge be dè an toradh a thig às a’ ghearain.

 

Dè as urrainn dhomh gearan mu dheidhinn?

Is e a tha “gearan” a’ ciallachadh an seo iomagain shònraichte sam bith a dh’fhaodadh a bhith agad a thaobh solar do phrògram ionnsachaidh neo seirbheis sam bith a tha co-cheangailte ris, neo giùlan luchd-obrach neo oileanaich eile.

Tha e a’ gabhail a-steach a’ phròiseis mheasaidh ach a-mhàin far nach eil sa ghearan ach thu a bhith ag eas-aontachadh ri breithneachadh acadaimigeach, mar eisimpleir an ìre a fhuair thu airson measadh acadaimigeach neo deuchainn. Is e a’ Chomataidh airson Inbhean Acadaimigeach agus Riaghailtean Càileachd a dhèiligeas ri ath-thagradh sam bith.

 

Cò ris a bu chòir dhomh gearan?

Sa chiad dol a-mach bu chòir gearanan a thogail leis an fheadhainn a tha an sàs gu dìreach sa ghnothach. Bu chòir dhut comhairle a shireadh bho do Chomhairleach Acadaimigeach, Comann Oileanaich UHI neo ball den luchd-obrach taic oileanach anns a’ cholaiste UHI agad. Faodaidh gu faighear fuasgladh luath air a’ chùis aig an ìre neo-fhoirmeil gun feum a bhith ann dol chun na h-ìre fhoirmeil. Mar eisimpleir, ma bhios gearan agad a thaobh do phrògram ionnsachaidh, bhiodh seo a’ gabhail a-steach bruidhinn ri neach-oide do mhodail, stiùiriche a’ phrògraim agus/neo luchd-obrach eile a tha an sàs gu dìreach anns a’ mhodal neo sa phrògram. Brosnaichear a h-uile oileanach an slighe neo-fhoirmeil seo a chleachdadh.

Leugh tuilleadh mun mhodh ghearanan agus mar a tha e ag obair agus an clàr-ama a bu chòir dhut a bhith an dùil ris.

Bu chòir don a h-uile neach a tha a’ dèanamh gearan Poileasaidh an oilthigh air Giùlan Mì-reusanta le Daoine a tha a’ Gearan a leughadh.

Leughadh a bharrachd

Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic am Modh-obrach Làimhseachadh Ghearanan 2013-14 againn no an sgrìobhainn Iùl do dh’Oileanaich.

Nam b’ fheàrr leat molaidhean a thoirt dhuinn, seach gearan foirmeil, gheibh thu fiosrachadh mun Phutan Dhearg againn an seo.

Aithisgean làimhseachadh ghearanan

Bidh an t-oilthigh a’ foillseachadh aithisgean làimhseachadh ghearanan gach ràith.