Home oileanaich làthaireil Taic Gearanan Am modh gearain foirmeil

Am modh gearain foirmeil

Mar a bhios e ag obrachadh

 

Ìre 1

Tha e na amas againn gearanan fhuasgladh gu luath agus dlùth air an àite anns an tug sinn an t-seirbheis seachad. Dh’fhaodadh seo a bhith air a dhèanamh le bhith a’ tairgsinn ar leisgeul agus mìneachadh sa bhad ma tha e soilleir gun deach rudeigin ceàrr, agus le bhith a’ gabhail cheumannan gun dàil a dh’fhuasgladh na trioblaid. Far an gabh e dèanamh, bu chòir an imcheist agad a chur an cèill ris a’ bhall den luchd-obrach ris am buin an gnothach, neach-oide, riochdaire aig an oilthigh no oifis sheirbheisean do dh’oileanaich. Faodar seo a dhèanamh aghaidh ri aghaidh, air a’ fòn, ann an sgrìobhadh no tro phost-d.

Bheir sinn dhut an co-dhùnadh againn aig a’ chiad ìre ann an còig làithean obrach no nas lugha, mura bi suidheachadh ann a tha às an àbhaist.

Mura bi thu riaraichte leis an fhreagairt a bheir sinn dhut aig an ìre seo, innsidh sinn dhut dè an ath rud a dh’fhaodas tu dèanamh. Mas e do roghainn e, faodaidh tu an gearan agad a thoirt air aghaidh chun dàrna ìre na modha-obrach ghearanan. Faodaidh tu taghadh seo a dhèanamh gun dàil no suas ri deich làithean obrach an dèidh dhut ar ciad cho-dhùnadh fhaotainn. Foirm Ghearanan na Dàrna Ìre – Faodaidh tu am foirm seo a chleachdadh a chlàradh gearan aig an dàrna ìre.

 

 

Ìre 2

Aig an dàrna ìre bitear a’ làimhseachadh dà sheòrsa gearain: an fheadhainn nach deach fhuasgladh aig a’ chiad ìre agus an fheadhainn a tha toinnte agus a dh’fheumas rannsachadh mionaideach. Tha foirm ghearanan againn a chuidicheas leat do ghearan a chur an cèill rinn gu soilleir. Ged a ghabhas sinn cuideachd ri gearanan a nithear aghaidh ri aghaidh no air a’ fòn, bidh sinn gad bhrosnachadh am foirm ghearanan a lìonadh airson soilleireachd agus a bhith a’ cuideachadh mar as fheàrr a ghabhas leis a’ phròiseas rannsachaidh. An àm a bhith a’ cleachdadh na dàrna ìre nì sinn mar a leanas:

  • bheir sinn fios gun d’fhuair sinn an gearan agad taobh a-staigh de thrì làithean obrach
  • bruidhnidh sinn riut mun ghearan agad feuch an tuig sinn carson a tha thu fhathast mì-riaraichte agus dè a’ bhuil a tha thu ag iarraidh
  • bheir sinn dhut freagairt iomlan air a’ ghearan cho luath ’s a ghabhas agus taobh a-staigh de 20 latha obrach.

Ma bhios an rannsachadh againn ri bhith a’ dol fad còrr is 20 latha obrach, innsidh sinn sin dhut. Aontaichidh sinn riut air crìochan ùine ath-leasaichte is cumaidh sinn fios riut air mar a tha cùisean a’ dol.

Ìre 3

Nuair a bhios rannsachadh iomlan air a dhèanamh againn, ma bhios tu fhathast mì-riaraichte leis a’ cho-dhùnadh againn no leis an dòigh a làimhsich sinn an gearan agad, faodaidh tu iarraidh air Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba amharc air. Mar as àbhaist chan urrainn do Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba amharc air:

  • gearan nach deach tron mhodh-obrach làimhseachadh ghearanan againn air fad (mar sin feuch am bi thu cinnteach gun deach mun cuir thu fios a dh’ionnsaigh Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba, mas e do thoil e)
  • rudan a thachair, no air an do chuir thu eòlas, barrachd is bliadhna air ais
  • gnothach a chaidh beachdachadh air no a thathas a’ beachdachadh air ann an cùirt.

Is urrainn dhut fios a chur a dh’ionnsaigh Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba:

 

Fòn an asgaidh: 0800 377 7330

Conaltradh air-loidhne: www.spso.org.uk/contact-us

Làrach-lìn: www.spso.org.uk

Làrach ghluasadach: http://m.spso.org.uk