Home oileanaich làthaireil Taic Gearanan Clàr-ama

Clàr-ama

Cinn-ama

Cleachdar na cinn-ama a leanas airson chùisean a tha aig ìre rannsachaidh a’ phròiseas làimhseachadh ghearanan:

  • thèid gearanan aithneachadh ann an sgrìobhadh ro cheann trì làithean obrach
  • bheir an t-oilthigh freagairt iomlan air a’ ghearan cho luath ’s a ghabhas ach gun a bhith nas fhaide na 20 latha obrach on àm a fhuaras an gearan ri a rannsachadh.


Sìneadh air a’ cheann-ama
Cha bhi e comasach do gach uile rannsachadh cumail ris a’ cheann-ama seo; mar eisimpleir bidh cuid de ghearanan cho toinnte is gum feum iad beachdachadh faicilleach is rannsachadh mionaideach nas fhaide na an ceann-ama de 20 latha obrach. Far am bi reusain shoilleir, sho-dhìonaidh ann air an ceann-ama a shìneadh, bheir na h-àrd-mhanaidsearan breith a rèir an toinisg fhèin is cuiridh iad cinn-ama air rannsachadh sam bith air am bi sìneadh, le aonta a’ ghearanaiche. Mur aontaich an gearanaiche ri sìneadh ach ma bhios e do-sheachanta is reusanta, feumaidh na h-àrd-mhanaidsearan beachdachadh air an t-sìneadh is a dhaingneachadh. Ann an suidheachaidhean mar seo, feumar fios a chumail ris a’ ghearanaiche mun adhbhar air an dàil agus clàr-ama ath-leasaichte a thoirt dha airson crìoch a chur air an rannsachadh. Thathar am fiughair, ge-tà, gun e rud às an àbhaist a bhios seo is gum bi an t-oilthigh daonnan a’ strì ri freagairt dheimhinnte a thoirt air a’ ghearan ro cheann 20 latha obrach.

Far am bi dàil air a h-aontachadh, thèid seo a chlàradh mar as iomchaidh, is bidh a’ chuid de ghearanan a thèid air aghaidh nas fhaide na an ceann-ama de 20 latha obrach ri a faicinn on staitistig air an toirear aithisg.