Home oileanaich làthaireil Taic Gearanan Poileasaidh air Giùlan Mì-reusanta le Daoine a tha a’ Gearan

Poileasaidh air Giùlan Mì-reusanta le Daoine a tha a’ Gearan

Ro-ràdh

Tha UHI den bheachd gu bheil e na chòir aig daoine a tha a’ gearan cuideigin a bhith ag èisteachd riutha is gan tuigsinn agus gum bitear modhail riutha. Corr’ uair, bidh daoine a tha a’ dèanamh feum de na Modhannan Gearain againn gan giùlan fhèin air dòigh a dh’fhàgas gu bheil e glè dhoirbh dhuinn an gearan aca a làimhseachadh. Fìor chorr’ uair, is e giùlan a bhios ann nach urrainn dhuinn gabhail ris o chionn ’s gu bheil an luchd-obrach no na pròiseasan againn gan droch-uisneachadh. Nuair a thachras seo feumaidh sinn rudeigin a dhèanamh a dhìon an luchd-obrach againn. Bidh sinn a’ beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aig a’ ghiùlan air a’ chomas a th’ againn ar n-obair a dhèanamh agus seirbheis a thoirt do dhaoine eile. Cuiridh am poileasaidh seo sìos mar a thèid sinn an grèim ris na cùisean seo.

Giùlan mì-reusanta

Faodaidh gum bi daoine gan giùlan fhèin air dòigh nach àbhaist dhaibh ann an uair trioblaid no èiginn. Faodaidh gun deach an cur tro chèile no am buaireadh leis na gnothaichean a thachair mun tàinig gearan chun UHI. Cha bhi giùlan air a mheas mì-reusanta leinn dìreach a thaobh ’s gu bheil duine a’ gearan ann an dòigh làidir, dhìorrasach. Air a shon sin, chan eil sinn den bheachd gum faodar gabhail ri giùlan a chuireas uallach mì-reusanta air UHI no daoine a bhith a’ dèiligeadh ri luchd-obrach ann an dòigh a bhios mì-reusanta.

Giùlan borb is droch-bheul

Tha sinn a’ tuigsinn gum bi mòran dhaoine feargach mu na gnothaichean a thog iad sa ghearan aca. Ma dh’fhàsas sin cho dona ’s gum bi iad borb ri luchd-obrach UHI, chan eil sinn den bheachd gum faodar gabhail ri sin. Chan fhuiling sinn fòirneart no droch-bheul sam bith a bhith air a thoirt do luchd-obrach.

Chan e a-mhàin ionnsaigh a thoirt air duine air dòigh a dh’fhaodadh a ghortachadh a th’ ann am fòirneart. Tha e cuideachd a’ ciallachadh giùlan, cainnt no sgrìobhadh a dh’fhaodadh eagal a chur air luchd-obrach no toirt orra a bhith a’ mothachainn gu bheil iad fo bhagairt no gan droch-uisneachadh, agus am measg nan gnothaichean a dh’fhaodadh a bhith ann tha bagraidhean, càineadh pearsanta, tàir-chainnt no mì-mhodh. Tha sinn cuideachd ag amharc air mar dhroch dhìol duine a bhith ag ràdh rudan buaireasach no a bhith a’ fàgail air cuideigin eile rudan gun dearbhadh.

Iarrtasan mì-reusanta

Thig iarrtas gu bhith mì-reusanta nuair a thòisicheas e a bhith a’ bualadh gu mòr air obair nam ball den fhoireann a tha a’ rannsachadh gearan, no nuair a dhèanadh e sin nan dèanadh an luchd-obrach an rud a tha ga iarraidh orra. Am measg nan seòrsaichean giùlain a tha air an ciallachadh an seo tha na leanas:

  • daonnan a bhith ag iarraidh freagairt taobh a-staigh de dh’ùine a tha mì-reusanta
  • a bhith gu dian ag iarraidh ball sònraichte den luchd-obrach fhaicinn no a bhith a’ bruidhinn ris-san/rithese nuair nach
  • sin comasach no riatanach
  • a bhith ag atharrachadh susbaint gearan no a’ togail rudan nach buin don ghnothach fad na h-ùine.


Is e eisimpleir a th’ ann de bhuaidh den t-seòrsa seo an t-iarrtas a bhith a’ gabhail tuillidh ’s a chòir de dh’ùine an luchd-obrach agus, air tàilleabh sin, a bhith a’ dèanamh ana-cothrom air càch.

Daoine a bhith a’ cur fios gu ìre mhì-reusanta

Corr’ uair bidh e na thrioblaid cho tric’s a bhios duine a’ cur fios a dh’ionnsaigh luchd-obrach a tha a’ rannsachadh gearan is cho fada ’s a bhitear gan cumail a’ bruidhinn. Faodaidh seo tachairt ann an ùine ghoirid: mar eisimpleir, àireamh ghlaodhaichean fòn ann an aon latha no aon uair an uaireadair. Faodaidh e tachairt feadh rèis gearan, is an duine a tha a’ gearan a’ cur ghlaodhaichean fòn fada a-rithist is a-rithist chun UHI no a’ bàthadh UHI le leth-bhreacan de dh’fhiosrachadh a chaidh a chur cheana no nach buin don ghearan.

Bidh sinn a’ meas ìre a’ chonaltraidh mì-reusanta nuair a bhios sinn a’ cur seachad uiread de dh’ùine a bruidhinn ri gearanaiche air a’ fòn, no a’ toirt freagairt air teachdaireachdan puist-d no litrichean is gan sgrùdadh is gam faidhleadh, is gu bheil e a’ cur bacadh oirnn o bhith a’ làimhseachadh a’ ghearain sin, no o bhith a’ toirt do dhaoine eile a’ chuideachaidh a tha iad ag iarraidh oirnn.

Daoine a bhith a’ dèanamh feum mì-reusanta den phròiseas ghearanan

Daoine aig a bheil gearan mu UHI, tha còir aca an cùisean a leantainn air caochladh dhòighean. Tha còir aca cuideachd barrachd is aon ghearan a dhèanamh mu UHI ma thachras gnothaichean eile às dèidh làimh fhad ’s a tha iad fhathast nan oileanaich aig UHI.

Ach thig an conaltradh seo gu bhith mì-reusanta nuair as e a nì an t-iomadh gearan ach UHI a shàrachadh, no a chumail o bhith a’ leantainn amas dligheach no a bhith a’ cur breith dhligheach an gnìomh. Tha sinn ga mheas cudromach cothrom a bhith aig daoine air co-rian ghearanan UHI agus is ann ann an suidheachaidhean air leth a-mhàin a bhitheamaid ga mheas mì-reusanta duine a bhith a’ dèanamh feum dheth barrachd is aon uair mar seo – ach tha sinn a’ gleidheil na còire sin a dhèanamh anns na cùisean air leth a tha sin.

Mar a thèid giùlan mì-reusanta le gearanaichean a riaghladh

Ma thèid fòirneart corporra, ana-cainnt no sàrachadh a dhèanamh no a mhaoidheadh air luchd-obrach UHI, is e as coltach gun tèid stad a chur air a h-uile conaltradh dìreach ris a’ ghearanaiche. Faodaidh gun tèid fios a thoirt don phoileas mu ghnothaichean a thachras. Thèid seo a dhèanamh uair sam bith a bhios fòirneart corporra air a dhèanamh no air a mhaoidheadh. Cha ghabh sinn ri litrichean no teachdaireachdan sam bith a nì ana-cainnt air an luchd-obrach no anns a bheil gnothaichean air am fàgail air daoine gun fhianais shusbainteach. Innsidh sinn don ghearanaiche gu bheil sinn a’ meas an t-seanchais aca tàmailteach is gun feum sam bith air, agus iarraidh sinn orra stad o bhith a’ cleachdadh a leithid de sheanchas. Their sinn nach toir sinn freagairt air na litrichean no na teachdaireachdan aca ma leanas iad orra leis mar a tha iad a’ dèanamh.

Cuiridh luchd-obrach UHI crìoch air còmhraidhean fòn ma bhios iad a’ meas an duine a tha a’ glaodhaich a bhith borb, ana-cainnteach no oilbheumach. Tha a’ chòir aig luchd-obrach UHI a’ bhreith seo a thoirt, innse don duine air a’ fòn nach tèid gabhail ris a’ ghiùlan aca agus crìoch a chur air a’ chòmhradh ma leanas iad orra leis a’ ghiùlan aca.

Ann an suidheachaidhean anabarrach doirbh, innsidh sinn don ghearanaiche ann an sgrìobhadh gu bheil an t-ainm aca air liosta de dhaoine ris nach bi conaltradh pearsanta. Is e as ciall dha seo nach bi sinn a’ conaltradh riutha ach ann an sgrìobhadh no tro threas pàrtaidh.

Ma bhios gearanaiche a’ cur fòn no a’ tadhal fad na h-ùine, a’ togail cheistean a-rithist is a-rithist, no a’ cur tòrr mòr phàipearan sgrìobhte is gun e soilleir ciamar a bhuineas iad don ghnothach, faodaidh gun cuir sinn romhainn:

  • cuingealachadh a chur air conaltradh gus nach gabh sinn glaodhaichean fòn on ghearanaiche ach aig uairean   sònraichte air làithean sònraichte
  • cuingealachadh a chur air conaltradh gus nach bi ach ball comharraichte den luchd-obrach a’ làimhseachadh ghlaodhaichean no teachdaireachdan on ghearanaiche o sin a-mach
  • gun an gearanaiche fhaicinn ach aig amannan a bhios air an rèiteachadh ro làimh
  • gun a bhith a’ gabhail ri fios on ghearanaiche ach ann an sgrìobhadh
  • pàipearan sgrìobhte sam bith a chur air ais a dh’ionnsaigh a’ ghearanaiche no, ann an cùisean anabarrach doirbh, innse don ghearanaiche ma thig pàipearan sam bith eile nach buin don ghnothach gun tèid an sgriosadh.
  • Rud sam bith eile a dhèanamh a chì sinn freagarrach.

 

Ma bhios sinn den bheachd gu bheil tuillidh ’s a chòir litrichean no teachdaireachdan a’ tighinn gu leantainneach air caochladh farsaing de cheistean, faodaidh gun innis sinn don ghearanaiche nach tèid beachdachadh ach air a leithid seo de cheistean san leithid seo de dh’ùine agus gu bheil sinn ag iarraidh orra na h-iarrtasan aca a chuingealachadh no a chumail ris na cuspairean buntainneach a rèir sin. Ann an cùisean air leth, tha sinn a’ gleidheil na còire a bhith a’ diùltadh beachdachadh air gearan, no gearanan a thig uair eile, o chuideigin sònraichte. Gabhaidh sinn ealla ris a’ bhuaidh a bheir seo air an duine fa leth agus am biodh e a chum an leas phoblaich san fharsaingeachd a bhith a’ beachdachadh nas fhaide air a’ ghearan.

Innsidh sinn don ghearanaiche daonnan dè tha sinn a’ dol a dhèanamh is carson.

Am pròiseas

Ball sam bith den luchd-obrach a gheibh giùlan borb no droch-bheul e fhèin / i fhèin bho ghearanaiche, tha an t-ùghdarras aige/aice a bhith a’ dèiligeadh air a’ mhionaid ris a’ ghiùlan sin air dòigh a chì e/i freagarrach don t-suidheachadh agus a rèir a’ phoileasaidh seo. A-mach o dhaoine a bhith a’ toirt breith air a’ mhionaid mar seo an àm do rudeigin a bhith a’ tachairt, cha bhi sinn a’ cur romhainn conaltradh ri UHI a chuingealachadh ach an dèidh don mhanaidsear dom buin an gnothach beachdachadh gu faicilleach air an t-suidheachadh is air an fhianais. Uair sam bith a ghabhas e dèanamh, bheir sinn cothrom don ghearanaiche atharrachadh a thoirt air an giùlan no air an rud a tha iad a’ dèanamh mun tèid breith a thoirt.

Fios a thoirt don ghearanaiche

Nuair a bheir ball den luchd-obrach breith air a’ mhionaid mar fhreagairt air giùlan borb no droch-bheul, thèid innse don ghearanaiche aig an àm a thachras e. Nuair a thèid breith a thoirt leis a’ mhanaidsear dom buin an gnothach, thèid innse don ghearanaiche ann an sgrìobhadh carson a chuir sinn romhainn cuingealachadh a chur air conaltradh o sin a-mach, mar a thèid gnothaichean a rèiteachadh a thaobh a’ chonaltraidh chuingealaichte agus, ma bhios e freagarrach, dè cho fada ’s a thèid an cuingealachadh seo air aghaidh. Nì seo cinnteach gum bi clàr aig a’ ghearanaiche den bhreith a thugadh.

Ath-thagraidhean

Tha e cudromach gun gabh ath-bheachdachadh air breith a thugadh. Faodaidh gearanaiche ath-thagradh a dhèanamh air breith a thugadh a bhith a’ cur cuingealachadh air conaltradh. Ma nì iad seo, cha ghabh sinn ealla ach ri argamaidean a bhuineas ris a’ chuingealachadh fhèin is chan ann ris a’ ghearan a chaidh a dhèanamh ruinn no ri breith a thug sinn a chur crìoch air gearan. Dh’fhaodadh gearanaiche cur san ath-thagradh aige/aice, mar eisimpleir: gu robh e ceàrr na rinn e/i ainmeachadh mar rud mì-reusanta; nach robh an cuingealachadh co-thoimhseach ris na thachair; no gum bi droch bhuaidh aige air/oirre air tàilleabh a s(h)uidheachaidh phearsanta.

Nì Rùnaire UHI beachdachadh air an ath-thagradh. Tha ùghdarras breith aigesan/aicese a bhith a’ cur às don chuingealachadh no a’ toirt atharrachadh air a rèir mar a chì e/i iomchaidh. Bheir e/i breith air an fhianais a th’ aige/aice. Feumaidh e/i fios sgrìobhte a chur a dh’ionnsaigh a’ ghearanaiche a dh’innse an dàrna cuid gu bheil an cuingealachadh air conaltradh fhathast an grèim no gun deach aontachadh air atharrachadh dòigh a bhith a’ dol air aghaidh leis a’ ghnothach.

Clàr a chumail den bhreith a thugadh is ath-shealladh a thoirt oirre

Bidh sinn a’ cumail clàr de gach uile h-uair a nì gearanaiche rud nach fhaodar gabhail ris. Nuair a chuireas sinn romhainn cuingealachadh a chur air conaltradh gearanaiche ruinn, thèid nòta dheth seo a chur san fhaidhle fhreagarrach. Faodar ath-bheachdachadh air cuingealachadh a chaidh a chur air conaltradh gearanaiche, mar a chaidh tuairisgeul a thoirt air gu h-àrd, ma ghiùlaineas an gearanaiche e/i fhèin ann an dòigh nas iomchaidhe. Bheir am manaidsear freagarrach ath-shealladh gu cunbhalach air inbhe a h-uile gearanaiche a tha cuingealachadh air a c(h)uid conaltraidh ruinn.

 

Nòta

Tha am poileasaidh seo stèidhichte air Poileasaidh Ghnìomhan Do-ghiùlan Ombudsman Sheirbheisean Poblach na h-Alba 2011.

Luchdaich a-nuas am poileasaidh seo